Soraidh Leis a’ Bhreacan Ùr

Séist:
Soraidh leis a’ bhreacan ùr,
Oir ’s ann air tha mo rùn –
B’ ait leam e os cionn na glùin
Ann am pleatadh dlùth mun cuairt.

(I)
’S mollachd nan Gàidheal gu lèir
Aig rìgh Uilleam ’s aig a’ chlèir,
Cuir e bhriogais ghlas an cèill
’S ann an t-èideadh-sa thoirt bhuainn.

Soraidh leis a’ bhreacan ùr,
Oir ’s ann air tha mo rùn –
B’ ait leam e os cionn na glùin
Ann am pleatadh dlùth mun cuairt.

(II)
’S chuir mi bhriogais ghlas fo m’ cheann
’N àite ’n fhèileadh bhig a bh’ ann,
Gos a bhith coltach ris a’ Ghall
Tha ’n taobh tuath de dh’uisge Chluaidh.

Soraidh leis a’ bhreacan ùr,
Oir ’s ann air tha mo rùn –
B’ ait leam e os cionn na glùin
Ann am pleatadh dlùth mun cuairt.

(III)
’S fhuair mi bhriogais ghlas ri m’ thaobh
’S barail leam gun robh mi faoin,
’S cha dèan gruagach òg mo thaobh
On a fhuair mi ’n t-aodach ùr.

Soraidh leis a’ bhreacan ùr,
Oir ’s ann air tha mo rùn –
B’ ait leam e os cionn na glùin
Ann am pleatadh dlùth mun cuairt.

(IV)
’S nuair a thèid mi fhìn don arm
Gheibh mi fhèileadh, sporran garbh,
Ada bhiorach, mhollach, ghorm,
Slat do rìbean ’s toirm ma m’ chluais.

Soraidh leis a’ bhreacan ùr,
Oir ’s ann air tha mo rùn –
B’ ait leam e os cionn na glùin
Ann am pleatadh dlùth mun cuairt.

(V)
San àm a bhith dìreadh a’ mhonaidh
’S e ’n t-èileadh bheag a ghabhail uaithe,
’S e a thog m’ inntinn air furan
Fàth mo mhulaid a tha thoirt bhuainn.

Soraidh leis a’ bhreacan ùr,
Oir ’s ann air tha mo rùn –
B’ ait leam e os cionn na glùin
Ann am pleatadh dlùth mun cuairt.

Le Dòmhnall Eòsaph mac Ruairidh Iain Bhàin no An Eòsag (1907 gu 1962)

(Rugadh Dòmhnall Eòsaph mac Ruairidh Iain Bhàin air Bàrraigh, ach togadh e eadar Bàrraigh, Beinn na Faoghla ‘gus air Uibhist a’ Deas. ‘S òran seo mu’n am breacan agus am féileadh agus an nasg garbh aca leis arm nan Gall. Bha fearg an-mhor aig nan Gàidheil san arm nan Gaill nuair a chaidh iad – nan Gaill – agus rinn iad rudan diobhar air nam breacan agus am féileadh aca. Chuir iad comhaireachd an-mhor an aghaidh sin, ach chaidh iad shìos nuair a dheun iad sin. ‘S an òran seo leis na Gàidheil agus an aghaidh nan Gaill.)