Ò Mo Dhùthaich

Luinneag:
Ò mo dhùthaich, ’s tu air m’ aire
Uibhist chùbhraidh ùr nan gallan,
Far am faighte nan daoin’ uaisle
Far am bu dual do Mhac ’ic Ailein.

(I)
Nam biodh agam fhìn de stòras
Dà dhèis aodaich, paidhir bhrògan,
Agus m’ fharadh nam phòca
’S ann air Uibhist dhèanainn seòladh.

Ò mo dhùthaich, ’s tu air m’ aire
Uibhist chùbhraidh ùr nan gallan,
Far am faighte nan daoin’ uaisle
Far am bu dual do Mhac ’ic Ailein.

(II)
’S thig iad thugaibh, carach, seòlta,
Meallaidh iad sibh far ur n-eòlais;
Molaidh iad dhuibh Manitòba,
Àite fuar gun ghual, gun mhòine.

Ò mo dhùthaich, ’s tu air m’ aire
Uibhist chùbhraidh ùr nan gallan,
Far am faighte nan daoin’ uaisle
Far am bu dual do Mhac ’ic Ailein.

(III)
Chan eil stàth dhomh a bhith ’g innse,
Nuair a thig sibh, ’s ann a chì sibh,
Samhradh goirid, foghar silteach
Geamhradh fada le droch shìde.

Ò mo dhùthaich, ’s tu air m’ aire
Uibhist chùbhraidh ùr nan gallan,
Far am faighte nan daoin’ uaisle
Far am bu dual do Mhac ’ic Ailein.

(IV)
Tìr a’ choirce, tìr an eòrna,
Tìr nan Gàidheal às gach seòrsa,
Far am biodh na gillean òga,
Aoigheal leanna air Didòmhnaich.

Ò mo dhùthaich, s tu air m’ aire
Uibhist chùbhraidh ùr nan gallan,
Far am faighte nan daoin’ uaisle
Far am bu dual do Mhac ’ic Ailein.

Le Ailean Mac a’ Phì no Ailean Mac Aonghais no Ailean Morbhairneach

(Sgríobh Ailean Mac a’ Phì ’n t-òran seo nuair a fhuair ead dhíbir a-muigh as do dhachaighean aca ri linn Fuadaichean nan Gáidheal air Uibhist a Deas. Sgríobh e an t-òran so mu’n eadar 1849 gu 1855 b’fheudar. Bh’ e san Ghleann Uisge Dhearg nuair a chuir e so ri chéile, ‘gus bha gearramh an chruadh nuair a sgrìobh e ‘n òran so ri chéile. Dh’ fhill e chun Uibhist a Deas as dheidh bliadhanta fhada ‘nn san Ghleann Uisge Dhearg agus san àitean eile air nam Machairean Móra.)