Òran an t-Saighdeir

Òran an t-Seathaich

(I)
Ged nach eil mi ach òg
‘S beag m’ aire air ceòl
Rinn m’ aighear ‘s mo phròis
Mo thrèigsinn;
Dhol don arm dem cheart deòin
‘S mi chaidh iomrall sa cheò
Siud am marg’ nach do chòrd
Na dhèidh rium!

(II)
Fhuair mi gealltanas mòr
Le boinn agus còir
Air nighean Rìgh Deòrs’
Mar chèile;
Nan creidinn an glòir
Cha b’ eagal ri m’ bheò
Dhomh an airgead no ‘n òr
No ‘n èideadh.

(III)
Nuair a shuidh sinn ag òl
‘S a ghlac mise ‘n t-òr
Gun robh dream mun a’ bhòrd
Gar n’ èisteachd;
Bha danns ann, bha ceòl,
Cur na bainnse gu dòigh
‘S e mo chall-sa bha mòr
An dèidh siud.

(IV)
‘S iomadh oidhche fhliuch, fhuar,
Thug mi marcachd a’ chuain
On a chinn an dath ruadh ‘s
Air m’ èideadh;
Thug mi turas dà uair
Gu Righ Lochlainn nan cuach
‘S ann da rìoghachd bu chruaidh
An sgeul ud.

(V)
Cha robh seud san robh luach
Eadar luingeas is shluagh
Nach do ghlac sinn an cluain
A chèile;
Loisg sinn aitreabh na ghual
Chuir sinn gaiseadh na Sguaib
Thug sinn creach às le ruaig
Beum-sgèithe.

(VI)
Bha mi ‘m Portangal thall
‘S cha b’e m’ fhortan a bh’ ann
Nuair a nochd sinn cia ‘n lann
Bu ghèire;
Nuair a ràineas an camp
Air Sliabh altair na Fraing
Cha robh chasgairt ud fann
Mun ghèill iad.

(VII)
Fear le feadan thrì bann
Ga spreigeadh sa champ
Bu bheag dheth san àm
Mo chèutabh;
B’ annsa geum aig mart seang
Dol don bhuaile na deann
‘S bean ga leigeadh am fang
Sa Chèitein.

(VIII)
Cha do shocraich mo shàil
Nuair a chuir iad mi ‘n Spàinnt,
Teas is fuachd ann am pàirt
A chèile;
Measg sluaigh air bheag bàigh
Nach gabh truas ri fear-càis
Ged a bhuail air am bàs
Na èiginn.

(IX)
Gu robh m’ fhuil air a’ bhlàr
Cur na tuasaid gu làr
‘S goirt a fhuair mi mo chràdh
‘S mo dheuchainn;
Gun robh ‘n uair gu ro bhlàth
Mun do bhuaineadh am bàrr
Gun robh cuan de shruth bàit’
Fo m’ lèine.

(X)
‘S iomadh fàrdach is fròg
Far an robh mi tra-nòin
On a chaith mi ‘n ciad chòt’
Is lèine;
Agus clàr, agus bòrd,
Air na chàireadh mo lòn
‘S tric a phàigh mi dhaibh òr
Na èirig.

(XI)
‘S gann àit’ den Roinn Eòrp’
Eadar thràigh is thìr-mòr
Nach eil làrach mo bhròig
‘S gach ceum dheth.
Falbh feadh fhàsaichean feòir
Agus àrd-bheanna ceò
Ri uchd spàirn agus gleòis
‘S ratreuta.

(XII)
‘S fhad on chualas am rann
Mar a theirear sa champ:
“Cha dèan aithreachas mall
Bonn feuma.”
Dh’fhaodainn-s’ ‘n air’ thoirt san àm
Chaidh mo tharraing an rànc
Nach robh càirdeas aig ceann
Ri chèile.

(XIII)
Fhir a shiùbhlas mu thuath
Thoir an t-soraidh seo uam
Far nach d’fhàg mi fear m’ fhuath
Nam dhèidh ann;
‘S thoir an aire gu luath
Nuair a chluinneas tu ‘n duan
Ma is math leat bhith buan
Gun èist thu.

(XIV)
Gur h-e ‘n Gèaird a bhith fuar
Agus lughad na duais
Dh’ fhàg bealach mo ghrua’ch
Iar beugadh –
Chuir e maille nam luaths
Agus gaiseadh nam ghruaig –
Chaill mi earrann den fhuair
Mi lèirsinn.

Le Alasdair mac Iain Bán Grannd

(Sgríobh e ‘n uimhir dhà nan òran seo nuair a bha e fhé sa Gleann Gàraidh mu’n eadar 1812 gu 1814 no mu sin. Bha rudan an-dheacair le na Gàidheil a-staigh arm Sasuinn mar bha biadh nan gunnaithean móra ead fhé cuid mór gun teagamh. Dh’fhill Alasdair mac Iain Bán dachaigh sa Ghleann Moireasdan as dheidh an Cogaidhean na Sasuinn an aghaidh Frainng, Aimearaga, na Fíor Gaedheil agus naimhidean eile mu 1815. Bha gortaich an-mhor air do chorp aige cuideachd nuair a dh’fhill e dachaigh cuideachd)