STRUILLEAG
’S mise ’tha dheth tùrsach, cràiteach;
’S fada ’n so ’s a bhàgh leam fhin mi.
Cha ’n ’eil duine nach tug cùl rium,
Dh’ fhàg an Cùbair mi air di-chuimhn’.
Seadh, ged ’s iomadh là de m’ shaoghal
’Sheòl e mi fo aodach ìosal.—
Och mo chreach: gur truagh r’a smaointinn
Nach h-’eil suim de m’ shaothair dhìleas.
AN CUBAIR
’S gòrach dhuit a bhi ri tuireadh,
Cha ’n ’eil culaidh ’s an Eoinn-Eòrpa
A gheibh cliù no meas bho dhuine
’N uair a sguireas i de sheòladh.
Tàirnidh mise suas gu tràigh thu
’Dh’ fhaighinn bàis, am bàgh na smeòraich.
Tha mi ’n dùil gu bheil thu pàidhte
Airson gach là a shnàmh thu dhòmhsa.
STRUILLEAG
Cha ’n i ’n aois a rinn mo lagadh,
Ach thus’ Alastair, ’bhi spòrsail;
’S a bhi ’dol an déigh té eile,
Gus an deireadh a thoirt dòmhsa.
B’ fheàrr dhuit na teannadh ri cailich
A bhi leanachd ri d’ shean-eòlas.—
Till rium ’s bheir sinn sgriob am bliadhna
Do ’n chuan shiar a dh’ iarraidh ’n Tòisich.
AN CUBAIR
Fuirich gus an tig an t-earrach
Agus fallaineachd na h-aims’reach,
’S bheir sinn turas eile fhathast
’Dh’ iarraidh bathair air na seann-Ghaill.
Mur-a dùblaich thu ’n Roinn-Ileach
Air bheag sgios le aiseag sàbhailt’,
Tàirnidh mi air chreig air tìr thu,
’S cha toir mi gu dilinn làmh ort.
STRUILLEAG
Cha ’n ’eil cùram orm an t-slighe
’Tha thu bruidhinn oirre ’sheòladh.
’N cuimhne leat an latha dh’ fhàg sinn
An tràigh bhàn an Innis-Eòbhainn.
Tha mi ’n dùil nach gnothach amaid,
No gniomh caile nach d’ fhuair eòlas,
’Rinn mi ’n latha sin.—A chlisgeadh
Chuir mi ’n Dubh-Iortach fo m’ sgòdaibh.
AN CUBAIR
Faire, faire ’n cluinn sibh Struilleag?
Tha i uile air dol gu bòilich;
Tha i toirt d’ i féin gach urraim,
Gun ghuth air duine ’bha còmhl’ rith’.
Nach mi fhin a bha ’g ad stiùradh,
’S tu air chùl nan tonnan mòra.
Ged is tusa ’bha ’g an reubadh
’S ann bhuamsa, ’s gach ceum, bha d’ eòlas.
STRUILLEAG
Ged is tus’ ’thug mi á Eirinn,
Bu mhath ’thillinn féin air m’ eòlas.
’S math a dh’ aithnich mi ’n Roinn-Ileach,
’S rinn mi dìreach air Muldònach.
’N uair a chrom an ceò gu dùmhail,
Leag mi mo chùrs’ air ceann Shòaidh.
Thug mi ’m mach mo chala gnàthaicht’,
’S dh’ acharaich mi aig bàgh na smeòraich.
AN CUBAIR
Na creidibh facal de ’seanachas;
’S ann tha boil-mhearaichinn na h-aois’ oirr’.
Cha ’n fhaca mi latha riamh i
Nach feumadh i mias ’g a taomadh.
Cha ghabhadh i ’n rathad dìreach.
Mar-a ciosnaichinn le taod i.
’S co-dhiu ’bhiodh ann fiath no séideadh,
Cha deanadh i feum le aodach.
STRUILLEAG
’N cuimhne leat an latha duaichnidh
’Dh ’fhàg thu Loch-a-Tuath le spòrs leam?
Cha robh bàta ’bha ’s an tional
Nach robh gearanach gu leòir air.
Theap thu mo chur ann am bhreislich
Eadar Freasalan ’s ceann Shòaidh
Tha mi ’n dùil nach robh mi leisg dhuit
’S tu ’g am ghreasad thar nam bòchd-thonn.
AN CUBAIR
Tha mi cuimhneachadh mar bha e:—
’N tusa bàta bàn a’ Chùbair?
’S iomadh turas math a rinn thu;
’S cha d’ fhuair mi riamh foill ad ghiùlan.
Ged leig mi thu greis air di-chuimhn’
Tillidh mi le m’ chridh’ as ùr riut,
Cha leig mi sgreathadh air tìr
Le té do ghnìomh: bu mhòr an diùbhail.
Le ’n Cùbair Collach / Alasdair Mac Gilleathain.
(‘S an òran seo mu ’n còmhradh eadar am bàrd ’n Cùbair Collach agus am bàta leis an t-ainm Struilleag oirre. ‘S ead ‘cainnt le chéile mu’n nam móran sluaghan nan Gàidheal ’reith ’s ag fàg a-mach as an t-Seann Ghàidhealtachd chun go tìrean eile thairis nan tonn agus thairis na domhan cuideachd. ‘S ead ‘cainnt mu ’n àitean deas mhath eile san Seann Ghàidhealtachd cuideachd, agus tha duilich ’s móran brónnach aca do’n oraic nan Gàidheal ‘fàg a-mach as do dachaighean dhùthchas chun tìrean eile ‘gus chan oraicidh ead air do dachaighean air ais a rithist nuair a seolaidh ead thairis nan tonn. Dh’ fhàg an Cùbair Collach a-muigh as Colla mu bhliadhna 1820, agus chaidh e ‘gus do teaghlach ’s clann aige chun gu h-Astràilia ’nnsin.)