Òran do dh’ Anna Nic Gilleathain

(I)
’N aisling chunnaic mi ’m chadal
B’ fheàrr gu ’m faicinn am dhùsgadh,
Thu ’bhi eadar mo ghlacaibh
Ga do thatadh gu dlùth rium.
’N uair a dhùisg mi ’s a’ mhaduinn
’Us nach d’ fhuaras tu agam
Thàinig deòir air mo rasgaibh,
Shil orr’ frasach ’s bu dlùth i.

(II)
Shil orr’ frasach ’s bu dlùth i,
Mu ’n ghéig ùir a dh’ fhàs àlainn;
Gur-a guirme do shùilean
Na an driùchd air bhàrr fàsaich.
Gu bheil maise ann ad ùrla
Dh’ fhàg mo chridhe-sa brùite
Gus an d’ rinn i a mhùchadh,
’S trom a dhrùigh i air m’ àirnean.

(III)
’S trom a dhrùigh i air m’ àirnean.
’S cha ’n ’eil stà ann an léigh dhomh,
Ged-a chluinn mi guth mànrain
Cha tig gàire le éibhneas.
Bho ’n is duine gun àdh mi
’Chaidh a mhilleadh le d’ ghràdh-sa,
’S e thu féin a bhi làmh rium
Dheanadh slàn mi o m’ chreuchdan.

(IV)
Gur h-e ’dh ’fhàgadh gun chreuchd mi
Pòg no dhà o d’ bheul cùbhraidh;
Gu bheil maise na feuchdaig’
Ann ad eudan ga giùlan;
’S mi nach iarradh do spréidh leat,
Bhidhinn aighearach, éibhinn
Ga do ghabhail a’d’ léine
Le toil cléir agus dùthcha.

(V)
Cuid de bhuadhan na h-ighinn’
A bhi binn-fhaclach beul-dhearg:
Tha do ghruaidh mar bhermillion
Is cha tillear bho ’n fhéill thu.
Gu ’n do shàraich thu sinne
Le do bhacharan tioram;
’S e do ghràdh ’th’ air mo mhilleadh
’S mi ri sireadh beachd-sgéil ort.

(VI)
Ochain, Anna nighean Dòmhnuill,
’S i do dhòigh tha cur eud orm;
Gur-a binne do chòmhradh leam
Na ’n smeòrach air gheugan.
’S mòr ga ’m b’ fheàrr bhi riut pòsda
Na bhi thall anns an Olaind
Ged bu leamsa de dh’ òr
Na bha an seòmar Righ Seumas.

(VII)
’N uair a bha mi ’s an Olaind
Is mi thall ann am shaighdeir
Gur-a h-iomadh té àlainn
Le cuid fhàinneachan daoimein
’Thigeadh ealamh am chòmhdhail
Le lan-fhuran a pòige:—
B’ fheàrr leam thusa le còir
Ged nach bu bheò mi ach oidhche.

Le Iain Mac Gilleathain

(Sgrìobh Iain Mac Gilleathain an t-òran seo ri chéile nuair a bha ministeir air Muile e fhéin. Bha gaol mór air e fhéin airson cailin no bean dathuil Anna Nic Gilleathain, ach bha leannan oirre chun fear eile. Agus bha do chroidh’ aig Iain bristeamh mar sin.)

(Agus fhuair an t-òran seo chall air nan Eileanan san Seann Ghaidhealtachd, ach chaidh e thairis nan tonn chun gu h-Albainn Nuadh, Ceap Breatuinn agus air Eilean Naobh Eoin san Dùthaich nan Craobh cuideachd. Ach thill e thugainn air ais a rithisd san Cala Mór air Albainn Nuadh.)