Òran do Dheòrsa Mac-Leòid

Òran do Dheòrsa Mac-Leòid

Mo bheannachd thoir gu Deòrsa,
Gur h-e Mac-Leòid an ceannaiche.
Cha d’ rinn e ormsa diochuimhn’
’N uair ’chaidh e ’m bliadhna ’Halifacs.

’S e iar-ogh’ Eòin mhic Thormaid,
’S bu mhorghalach ’s na Hearadh e.
Bu mhath air iomairt lainn e,
Bha cuimhn’ aig Hider Ali air.


Òran Deòrsa Mac-Leòid am Bàrd Halafags:

Mo bheannachd thoir gu Deòrsa,
Gur h-e Mac-Leòid an ceannaiche.
Cha d’ rinn e orm-sa dio-chuimhn’
’N uair ’chaoidh e ’m bliadhna ’Halafags.
’S e iar-ogh’ Eòin mhic Thormaid,
’S bu mhorghalach ’s na Hearadh e.
Bu mhath air iomairt lainn e,
Bha cuimhn’ aig Hider Ali air.

’S an t-each donn bha ga d’ ghiùlan
Feadh na dùthch’ iomadh mìle,
’N uair a chunnaic mi ’bhruid-ud
Thug e ùr ann am chuimhn’ thu,
Ge b’e aon a ni cheannach
Bidh an sean-fhacal fior dha:
Theid an t-srathair a chàradh
Ann an àite na diolaid.

Le Iain mac Ailein / Am Bàrd Mac Gilleathain (1787 gu 1848)

(Chuir am Bàrd Mac Gilleathain an dhà pìosa bàrdachd re chéile do chuimhne do bàird charaid ann san baile mór Gallda Halafags ann san Albainn Nuadh. Bha Deòrsa Mac-Leòid an t-ainm a robh air, agus bha Fìor Gàidheal e fhéin gun teagamh! Rinn e sabaid an-mhor air ceartan Gàidhealach ann san baile mór Halafags airson bliadhan fada. Thug e obair ‘s cuidich chun nam muinntir Gàidhealach ann airson bliadhna fhada cuideachd.)