(I)
Lion a ghloine gu stràic
De dh’ fhion mear ás an Spàinn;
Ged bhiodh galan na clàr
Tionndaidh thairis a sàil
Air an fhear ’théid ’s gach spàirn a’s cliùitich’.
(II)
An triath Mór-Thìreach fearail,
Am fior-Dhòmnullach soilleir,
Siol nan connspunn nach tilleadh
An àm dòrtaidh ri teine,
Ard-chraobh chòmhraig nach tiomaich gun diùbhail.
(III)
A cheart aindheoin luchd-mìoruin
’Theann ri sgaradh ar dìllseachd
’S càirdeas fala ar sinnsireachd;
Tha ’n t-òg Alastair dìleas
Dhuit mar charraig, ’s cha dìobair e uair thu.
(IV)
Tha e daimheil trì-fillte
Dha d’ og-baintighearna phrìseil;
Ur-ròs mhalda na fìrinn
Fo dhriùchd sàmhraidh a’s millse;
Slios mar eala air bhàrr siòpuinn nan cuantan.
(V)
Feucag àlainn de ’n fhine i,
Seud an gàradh a cinnidh,
A beus mar sgàthan le gilid,
Mar ghréin a’ deàrrsadh air mhire,
Geug fo bhlàth guna milleadh le fuarachd.
(VI)
Bho nach bàrd mi no filidh,
Ach fear-dàna gun sireadh,
’Mhìle pàirt duibh cha ’n innis
Mi dhe ’tàlantan grinne;
’S tim dhomh tàmh agus tilleadh ri ’uaisleachd.
(VII)
An laoch fearail gun sgàth
Nach éisdeadh sgainneal no tàir
A leum mar dhealanach àird,
Mar bheithir falaisg ’s a’ bhlàr;
Rìgh nan aingeal ’s nan gràs ’ga d’ stiùradh.
(VIII)
Le d’ lainn lìomhte ann an tarruing,
Bu tu ’n saighdear air d’ eangaibh;
Chìte ’soillse ’s a faileas,
Bualadh phoichdeanan spealtach;
Bhiodh luchd-d’ fhoille ’s allt fala orr’ ’brùchdadh.
(IX)
An tràth nochdte do shìoda
Ri crainn snaighte deas, dìreach,
Chruinnicheadh gaisgich nach strìochdadh,
Luchd nan glas-lann chinn-Ilich
Air an fhaiche ’s do phìob a’ cur sunnd orr’.
(X)
Na fir bhagarrach, gharg,
Shunndach, aigeannach, bhorb’,
’S mairg a sgobadh an calg
’S am fraoch badanach, gorm,
Ri brataich bhallach bu stoirmeil dùsgadh.
Le Alasdair Mac-Ionmhuinn (1770 gu 1814)
(Rugadh Alasdair Mac Fhionnghuin no Mac-Ionmhuinn ann san Mórar, Loch Abar, agus chaoidh e chun arm nan Goill agus bha saighdear e leis na Gòrdanaich. Sgrìobh e ’n òran so do Shim Dòmhnullach, an triath Mòrar, ach bha e triath Mór-thìr b’ fheudar ach chuir am bàrd so san bàrdachd so gun teagamh ’s gun mhall. Fhuair an t-òran so chall ann san Albainn, an t-Seann Ghaidhealtachd mar nan Fuadaichean nó Fuadaichean nan Gàidheal, ach chaoidh sin thairs nan tonn gu Gleann Gàraidh san Ontario, Chanada san Dùthaich nan Craobh.)