Òran do Lachann Mac Gilleathain

(I)
’S muladach ’s gur fiabhrasach
A’ bhliadhna-sa de ghnàth,
Bho ’n dh’ fhàg ceann nan cliaran sinn
Gus an trialladh bàird.
Gu ’m bu cheann aos-ealain thu
’S gu ’m b’ ath’reil dhuit do ghnàths;
Bu dùthchas dhuit bho d’ sheanair e,
Lùb allail a thug bàrr.

(II)
Tha mise dheth trom éisleineach
’S mi ’g éiridh, gach aon là,
’Bhi ’g amharc do réidhleanan
Gun neach fo ’n ghréin ach bàrd.
Cha ’n ’eil mnai no marcaich ann,
No gaisgich air an tràigh;
’S cha ’n ’eil òl air chuachaibh
Ann an talla buan mo ghràidh.

(III)
’S e mo rùn an gaisgeach ud
A’s smachdaile roimh shluagh,
An àm nochdadh dhuit do bhrataich
Is neo-airsneulach a snuadh.
Cha b’ e triall gun taice dhaibh
Is d’ fhaicinn rompa ’suas;
Bhiodh iad fallan dachaidh leat,
Cia fhad ’s g’ an tugteadh ruaig.

(IV)
’Se mo rùn an curaidh
Leis ’m bu toil ’bhi ’n cumasg lann;
Bu mhian leat arm sgaiteach,
Agus clogaid glas mu d’ cheann.
Ann an àm an rùsgaidh
’S ann fo d’ shùil a bhiodh an sgraing:
Mo làmh gun deanteadh pùdhar
Le glaic lùthaidh fir gun taing.

(V)
’S ionmhuinn leam an Lachrinn sin
A’s foinnidh, dreachmhor gnùis.
Dh’ aithnichinn air an fhaiche thu
Air maise taobh do chùil.
Tha blàth rathar, buadhach ort
Nach ciurradh fuachd ’g a dhlùths.
Air mo làimh bu shar-ghasd’ thu,
’S tu ’n t-àilleagan ’s a’ chùirt.

(VI)
’N uair ’thigeadh Mac Gilleathain ort
Le chathan is le ’rann,
’S gach toiseach mar bu chubhaidh dhaibh
Do mhaithibh Innse-Gall,
Bhiodh farum air na tùraibh ud,
Bhiodh fùdar gorm ’na dheann;
Bhiodh clàrsaichean gan spreigeadh
Is luchd-leadanan ri ’danns’.

(VII)
’N àm ’bhi triall gu d’ àrdaich
Gu ’m b’ e d’ àbhaist, mar bu dual,
’Bhi tarruing ort am bràithreachas
’Cur shlàinteachan mu ’n cuairt.
Is searragan is tunnachan
Gun chunnart air an luach;
’S sior-òl nan còrnaibh sinnseireach
A dhìobradh fir gu suain.

Le Caitrìona nighean Eòbhain Mhic Lachainn Nic Gilleathain.

(Rugadh Caitrìona nighean Eòbhain Mhic Lachainn sa bhliadhna 1650 agus togadh i air Eilean Cholla ri linn an t-saoghal aice cuideachd. Bha bàrd an-mhath i fhé ‘gus sgrìobh i ‘n òran so do chuimhne Lachann Mac Gilleathain nuair a chaochail e san Abhainn Lochaidh sa bhliadhna 1687. Bha e Taoiseach no Triath Cholla nuair a shiubhal e bàis.)

(Bha ‘n òran so chall a mach as an t-Seann Ghàidhealtachd airson bliadhna ro-fhada mar Cogaidhean nan Goill an aghaidh nan Gàidheal gun sos ‘s gun stad airson bliadhna ro-fhada. Ach dh’ fhill i shuas a mach a rithisd san Cala Mór / Halafags, Albainn Nuaidh san Dùthaich nan Craobh.)