(I)
’S ann Di-ciadaoin a shàir,
Ghabh mi cead dhiot air tràigh;
Righ, gu ’m faiceam thu slàn neo-airsnealach.
(II)
A Shior Lachainn nam bàrc,
’Chuireadh luingeas air sàil’,
Leis an togar an cabhlach acfhuinneach.
(III)
Gur tu oighre Eachuinn Òig
Leis an éireadh na slòigh;
’N uair a leumadh do shròn cha b’ aircleach thu.
(IV)
Clann-Ghilleain cha tlàth
’Dhol an cogadh nan arm;
’S tric a bhuannaich sibh blàr, ’s e b’ fhasan dhuibh.
(V)
’S fada ’chluinnteadh ’ur fòirm
Agus farum ’ur gleòis
Togail chreach o na chrò ’s a ghlasanach.
(VI)
’N uair a spreigeadh sibh pìob
’S fuaim ’ur creich ga cur sios
Gu ’m biodh crith air an tìr ’s an tachradh sibh.
(VII)
’N uair a nochdadh sibh sròl
Ris na caol-chrannaibh stòir,
’S mairg a thachradh ga dheòin roimh ’r lasraichean.
(VIII)
An duirn laochraidh gun leòn
Bhiodh caol-chuilbheirean gorm
Agus sradag nan òrd ’toirt lasain dhaibh.
(IX)
Fhad ’s a bhitheas tu beò
Cum an stiùir ann ad dhòrn,
Is na mealladh fear-sgòid no beairte thu.
(X)
Chluinnt’ ad thalla fuaim theud
An àm luidhe do ’n ghréin,
’S mnathan grinne ’cur gréis air fasanan.
(XI)
’S mi bhiodh cinnteach ad fheum
Ann am beanntaibh na seilg
’S do choin earbsach air éill roimh ’n chamhanaich.
(XII)
Nàmhaid eilid nan gleann
Agus bradain nan allt;
Sgiobair fairg’ thu ’s muir àrd ’s an langanaich.
(XIII)
Slàn gu ’n till thu a rithisd,
Air reothart an lionaidh,
Gu Dubhairt bu rioghail aigeannach.
(XIV)
Ochain, ochain, mo chràdh,
’Chloinn-’Illeain nam bàrc,
’S e mo chreach mar ’tha ’n tràghadh seachad oirbh.
Le Iain mac Ailein am Muile (1670 gu 1716)
(Bha Iain mac Ailein mhic Iain mhic Ailein ann am Muile saighdear san Arm nan Gàidheal idir 1689 gu 1694. Bh’ e ’sabaid air Blàr Raon-Ruairidh no Blàr Coille-Chragaidh air 27mh Iuchar 1689 nuair a bhuaidh na Gàidheil caithream an-mhor an aghaidh nan Goill. Dh’ éirich e a mach air ais a rithisd air taobh nan Gàidheal idir 1708 gu 1710, agus dh’ éirich e a mach idir 1715 gu 1716 cuideachd. Bha Fìor Gàidheal e fhéin gun teagamh a robh Iain mac Ailein am Muile.)
(Fhuair am bàrdachd so chall a mach as Eilean Muile airson bliadhna ro-fhada, mar nuair a thàinig Cogaidhean nan Gall-Shasannaich chun air nan daoine nan Eileanan agus a’ Ghaidhealtachd ri linn Cogaidhean na Comhaireachd. Dh’ fhill am pìosa bàrdachd thugainn’ air ais a rithisd san cheanntar Cala Mór no Halafags, Albainn Nuadh air Dùthaich nan Craobh, agus buadhchas chun gu Dhia Mhór a thàinig e thugainn’ a rithisd.)