Òran do Raonull Gorm mac Raonull mhic Ailein

Luinneag.
O bha mo leannan ann;
Bha mo leannan bòidheach, barail
Anns a’ bhaile ud thall.

(I)
Ged tha mi ’m ònrachd ’s na gleannaibh
Gur beag mo shunnd ris na fearaibh;
Thug mi-fhìn mo bhòid ’s mo ghealladh
Nach deanainn mo cheann a cheangal
Gus am faighinn féin ort sealladh,—
Mo rùn air sealgair na h-eala.

(II)
Gur h-e mo rùn an t-òg uasal,
’Shiùbhladh an oidhche ga fuairead;
Is a dhùisgeadh ás mo shuain mi;
Bhiodh do dhagaichean gam fuasgladh
Is d’ adharc fhùdair an taobh shuas diom,
’S farum a crathadh do ghruaige.

(III)
Gur h-e mo rùn an t-òg gasda
’S cùirteile ’shiùbhladh an fhaiche;
Gur-a math thig dhuit ’s an fhasan
Còta is féile air a phleatadh:
’S tric a bha mi ’n cirb do bhreacain
’N àite nach biodh càch ’g ar faicinn.

(IV)
Tha mo chion air seircein saighdeir,
Gorm-shùil a mhealladh nam maighdean;
Cridhe cruaidh air chùl na saighde,
Làmh dheas a bhualadh nam poichdean;
Dheanainn coinneamh riut ’s an oidhche,
’S cha chreidinn gu ’m biodh tu ’m foill dhomh.

(V)
Cha dean mi seudan a ghabhail
A dh’ aindeoin co thig a’m’ rathad;
Tha mo shùil ri d’ làimh-sa fhathast,
Oganaich a’s deise gabhail
Fo d’ ghunna, fo d’ sgéith, ’s fo d’ chlaidheamh:
’S ùr a’ choill an d’ fhàs an t-abhall.

(VI)
Mo rùn mac na mnatha Sléiteich
A chumadh ’sa dh’ fhuaigheadh an léine,
’Chuireadh an siod’ air a’ phearlainn:
Bu mhòr m’ earbs’ ás do laimh threubhaich;
B’ fheàrr leam gu ’n deanainn beairt réidh riut,
’S cha dean mi sin gu là m’ euga.

(VII)
’Dhòmhnuill mhic Néill mhic Iain Bhuidhe,
Chaidh do shaothair ort am mugha;
Dh’ fhalbh a’ ghruagach bhuainn air siubhal
Le fear àrd na gruaige duibhe
’Dhìreadh ’s a thearnadh am bruthach,
’S ’dh fhàgadh calp an fhéidh na sprudhar.

(VIII)
Chaidh sibh air choinnimh do dh’ Uibhist,
Slàn gu ’n till sibh as gun phudhar;
Càirdeas nam fear òg o ’n Bhudhainn,
’S an oighre sin o Ghleanna-Cumhann
A bha uasal mar bu chubhaidh,
Is Raonuill o Cheapaich nan ubhall.

(IX)
Gur-a h-e mo cheist an gille,
Beul meachair nam briathraibh milis;
Ghabh mi mo chead dhiot ’s an linne,
’S thug sin air mo shùilean sileadh,
’S chaidh do chridhe tlàth gu tioma;
Gu ma slàn gu ’n dean thu tilleadh.

ESAN GA FREAGAIRT
Uist a nighean ’s tog dhe d’ ghòraich;
B’ fheàrr dhuit giullan bochd a phòsadh
’Dheanadh mullan coirce ’s eòrna,
Théid do ’n fheannaig ’s do ’n pholl-mòine,
’S a chuireadh gach ni air sheòl dhuit:—
’S beag a bhuineadh dhuit a mhòrchuis.

(‘S seann òran so’mach as nan Eileanan, ach fhuair e sin chall ann san Seann Ghaidhealtachd, ach dh’ fhill chun leinn air ais a rithisd ann san Cala Mór air Albainn Nuaidh san Dùthaich nan Craobh. Fhuair e so shabhail le làmh am Bàrd Mac Gilleathain.)