Òran do Shir Iain Mac Gilleathain

(I)
Gu’n d’ fhuair mi sgeul ’s cha ’n àicheidh mi
Gu bheil e dhomh ’toirt gàirdeachais;
Gur binne leam na clàrsaichean
’Bhi ’g innse mar-a thàinig sibh:—
Gu bheil Sir Iain sàbhailte
’S gu’n tug a’ Bhanrain cùirt dha.

(II)
Nam b’ fhiosrach banrainn Anna
Mar-a dh’ fhògradh ann a’d’ leanabh thu
Is mar-a thugadh d’ fhearann bhuait
Gu ’m biodh i aoidheil geanail riut:
Is nach robh cron r’a aithris ort
Ach leantuinn do righ dùthchais.

(III)
Gur truagh gun mi cho beachdail
Is gu ’m faighinn éisdeachd facail dhi:
Nan labhrainn Beurla Shassunach
No Fraingis mhìn gu fasanta
Gu ’n innsinn gun dol seachad dhi
Mar rinneadh ort do dhiùchradh.

(IV)
Na Leathanaich bu phrìseil iad,
Bu mhòralach nan inntinn iad;
’N diugh crom-cheannach ’s ann chìtear iad
’S e teann-lagh a thug strìochdadh asd’
Is mairg a bha cho dìleas riubha
Riamh do rìgh no prionnsa.

(V)
Gu ’m b’ fheàrr bhi cealgach, innleachdach
Mar bha an nàimhdean miorùnach;
’S e dh’ fhàgadh làidir, lionmhor iad,
’S e ’dheanadh gnothach cinnteach dhaibh.
A bhi cho tuigseach crionnta
Is gu ’m b’ fhiach leotha bhi tionndadh!

(VI)
Chuala mi ’s mi ’m phàisteachan
Mu’n ghlacadh tuigse nàdair leam,
Na bha fo fhuath, ge làidir iad
Gur h-iad a ghnàth bu bhadhan dhaibh;
’S beag ioghnadh mar-a tha iad
Anns a’ Ghàidhealtachd ’g an ionndrainn.

(VII)
B’ iad féin am fine àrdanach,
Bha urram is buaidh làraich leo;
Bu sgairteil leis na claidhean iad
Cha mheirgeadh iad nan sgàbartan;
Is cha bu gheilt no sgàthachas
A leughadh iad ’an cùnnart.

(VIII)
Gur h-iomadh lùireach mhàileach
Bhiodh air ealchainnean ’n ur fàrdaichean;
Cha togadh sibh na ràpairean
Gu ’m b’ fheàrr an claidheamh Spàinneach leibh
A dh’ fheuchadh spionnadh ghàirdeanan
’S am bogha b’ fheàrr a lùbadh.

(IX)
’N àm togail dhuibh le gàìrdeachas
A chaiseamachd bu ghnàthach leibh
Bhiodh sluagh gu leòir a màrsail leibh,
Fir sgairteil throm neo-fhàilinneach,
’S bhiodh brataichean ’gan sàthadh
Aig Sliochd Mhaghnuis Òig ’gan rùsgadh.

(X)
Cuid eile de bhur n-àbhaistean
Mu ’n d’ chuireadh ás bhur n-àiteachan sibh
Puirt, is stuichd, is stàndachan,
Is bualadh bhròg air dheàrnachan,
’S gach aon neach mar-a dh’ fhàsadh
A bhi faoghlum dha gach lùth-chleas.

(XI)
A rìgh gur dubhach, cianail mi
A caoidh nan treun a b’ fhiachaile;
Gu ’n d’ éirich cleas Mhaol-Ciaran daibh.
’S nach h-’eil ra inns’ ach sgial orra;
Mo thruaighe gu ’n do thriall iad bhuainn,
Fir threun nan sgiath ’s nan lùireach.

 

Le làmh Mairearad nighean Lachainn mhic Iain mhic Lachainn.

(Sgrìobh Mairearad nighean Lachuinn an t-òran so do chuimhne Iain Mac-Gilleathain. Rugadh ’s togadh i air Muile ‘gus chuir ’s sgrìobh i n-àireamh an-mhath òran re chéile. Bha Fíor Gàidheal an-dìleas a Iain Mac-Gilleathain, agus bha saighdear an-mhath e fhé san Arm nan Gàidheal ri linn Bliadhna Sheumas eadar 1715 gu 1716 agus air aghaidh gu 1721. Dh’ éirich e’mach a rithisd ri linn am Bliadhna Spàinnich san 1719, agus air aghaidh gu 1726.)

(Fhuair an t-òran so chall san Seann Ghàidhealtachd airson àm fhada ‘gus chaoidh sin thairis nan tonn gu Cala Mór no Halafags air Albainn Nuadh san Dùthaich nan Craobh eadar muinntir nan Gàidheal ann.)