Òran Do Shir Lachunn Mac-Gilleain
Òran Do Lachunn Mac-Gilleathain
(I)
’S ann Di-Ciadaoin a shàir,
Ghabh mi cead dhiot air tràigh;
Righ, gu ’m faiceam thu slàn neo-airsnealach.
(II)
A Shir Lachainn nam bàrc,
’Chuireadh luingeas air sàil’,
Leis an togar an cabhlach acfhuinneach.
(III)
Gur tu oighre Eachuinn òig
Leis an éireadh na slòigh;
’N uair a leumadh do shròn cha b’ aircleach thu.
(IV)
Clann-Ghilleain cha tlàth
’Dhol an cogadh nan arm;
’S tric a bhuannaich sibh blàr, ’s e b’ fhasan dhuibh.
(V)
’S fada ’chluinnteadh ’ur fòirm
Agus farum ’ur gleòis
Togail chreach o na chrò ’s a ghlasanach.
(VI)
’N uair a spreigeadh sibh pìob
’S fuaim ’ur creich ga cur sios
Gu ’m biodh crith air an tìr ’s an tachradh sibh.
(VII)
’N uair a nochdadh sibh sròl
Ris na caol-chrannaibh stòir,
’S mairg a thachradh ga dheòin roimh ’r lasraichean.
(VIII)
An duirn laochraidh gun leòn
Bhiodh caol-chuilbheirean gorm
Agus sradag nan òrd ’toirt lasain dhaibh.
(IX)
Fhad ’s a bhitheas tu beò
Cum an stiùir ann ad dhòrn,
Is na mealladh fear-sgòid no beairte thu.
(X)
Chluinnt’ ad thalla fuaim theud
An àm luidhe do ’n ghréin,
’S mnathan grinne ’cur gréis air fasanan.
(XI)
’S mi bhiodh cinnteach ad fheum
Ann am beanntaibh na seilg
’S do choin earbsach air éill roimh ’n chamhanaich.
(XII)
Nàmhaid eilid nan gleann
Agus bradain nan allt;
Sgiobair fairg’ thu ’s muir àrd ’s an langanaich.
(XIII)
Slàn gu ’n till thu a rithisd,
Air reothart an lionaidh,
Gu Dubhairt bu rioghail aigeannach.
(XIV)
Ochain, ochain, mo chràdh,
’Chloinn-’Illeain nam bàrc,
’S e mo chreach mar ’tha ’n tràghadh seachad oirbh.
Le Eachunn Bacach Mac Gilleathain.
(Bha h-Eachunn Bacach am bàrd mór gu Lachunn mac Eachunn Òg ‘ic Lachunn Mór, agus chaoidh Lachunn Mór gu bàis air Blàr Tràigh Ghruinneart sa bhliadhna 1598. Chaoidh Eachunn Bacach san Arm nan Gàidheal aig Blàr Inbhir Cèitinn air 20mh Iuchar 1651, re thaobh leis Lachunn mac Eachunn Òg ‘ic Lachunn Mór. Chaoidh ochdar bràthair aige – Eachunn Bacach – gu bhàis san bhlàr so, ‘gus fhuair e ghort gharbh air cuideachd. Dh’ éirich Eachunn Bacach agus Lachunn mac Eachunn Òg a mach do sabaid air taobh nan Gàidheal fo cheannard Alasdair Mac Colla idir 1643 gu 1644 agus idir 1644 gu 1647. Chaoidh iad air aghaidh leis an cogadh agus an comhaireachd chun gu latha dhubh air Blàr Inbhir Cèitinn san 1651.)
(Fhuair an bàrdachd so chall a mach as Eilean Muile airson bliadhna fhada mar Cogaidhean Sasuinn an aghaidh nan Gàidheil agus a’ Ghaidhealtachd, ach dh’ fhill am bàrdachd so chun daoine Gàidhealach air ais a rithisd san cheanntar Cala Mór no Halafags air Albainn Nuadh air Dùthaich nan Craobh chiad bhliadhna ’s dheidh am Bliadhna Teàrlaich Ruadh idir 1745 gu 1746, agus tha sin dochreidsinn gun teagamh!)