Òran Do’n a Mhnaoi, Iseabail Nic-Gilleathain

(I)
’N àm dùsgadh dhomh as mo chadal
Tha smaointeachadh m’ aignidh goirt,
’S mi aig ionndrainn nach h-’eil agam
Bean chaomh a’ chaidreimh nach b’ olc.

(II)
Fhuair mise ’n coingheall o Dhia thu
Da fhichead bliadhna’s a h-ochd;
’S chaith sinn an ùine gun chànran,
’S cha chuala càch sinn a’ trod.

(III)
Ach ’chionn nach ann agam-sa fhuaradh,
’S nach robh ’m aont’ dhi buan gun chrìch,
’N uair ’thagair an Ti a thug bhuaithe i,
Leig mise bhuam i gun strì.

(IV)
’S uaigneach leam-sa ’bhi leam féin,
Ach ’s éigin dhomh fuireach am thosd;
Ordagh Rìgh nan sluagh gu léir
Gu de ’m feum ’bhi ris a trod.

(V)
Tha do leaba leam cumhann fuar
Ach bhlàitich Criosd an uaigh le blàths,
Is ás a’ Bhàs gu ’n tug E ’n gath,
Sgeula math ’s cùis aigheir e.

(VI)
Gu de ’m feum dhomh ’bhi gad chaoidh,
’S nach faigh mi a chaoidh thu air ais!
Théid mise ri ùine nad dhéigh,
’S cinnteach mi gu ’n téid an cais.

(VII)
Tha do chadal sàmhach buan
Gu aiseirigh an t-sluaigh o’n bhàs:
’S àdhmhor a’ chobhair a rug ort
O anshocair ghoirt ’s o chràdh.

(VIII)
Tha mo dhòchas ann an Criosd
’N Ti ’dhiol airson peacaidh chàich,
’Thé ’s tric a riaraich am bochd
Gu bheil d’ anam an nochd na bhlàths.

(IX)
Cuid eile ’chùis m’ aoibhnis mhòir,
’S nach d’ fhaod gu ’m b’e bhi beò do chàs,
Thu ’bhi foirfi an naomhachd gun spot,
Gun pheacadh gun lochd, gu bràth.

(X)
Còmhdhail shòlasach le chéile,
Tha mi guidhe Dhé, de ’ghràs,
’Bhi agamsa ’s agad féin
An talla ’n éibhnis ’s an àidh.

(XI)
An creideamh na puinc so féin,
An dùil éisdeachd anns a’ chàs,
Tha mo rùn-sa fuireach ri m’ ré,
Gun mhonmhor, gun éis, gun chràdh.

(XII)
Cha robh do theanga-sa luath,
Có de ’n t-sluagh do ’n tug i beum?
B’ fhurasda dhomh cliù ’thoirt ort
Nach coisneadh a h-uile té.

(XIII)
Ach o nach h-’eil m’ ùidh s’ ann an sgleò,
’S nach mo tha agad s’ air feum,
Fanaidh mi tuilleadh am thàmh;
Ach mo bheannachd gu bràth ad dhéigh.

Le làmh Iain mac Eòghann Mac Gilleathain.

(Sgrìobh e ‘n t-òran so do chuimhne do bhean-chéile aige nuair a chaochail i fhé, ‘gus bh’ Iseabail Nic Gilleathain an t-ainm a robh oirre. Bha Iain mac Eòghann am ministeir no sagart air Cill Fhionan air Muile, ‘gus rugadh ‘s togadh e air Muile cuideachd. Ach rugadh ‘s togadh Iseabail air Tiriodh agus thàinig i gu Muile nuair a fhuair i phástamh gu Iain mac Eòghann. Bha do chroidhe bhristeamh aige nuair a chaochail i gu Dhia gun teagamh agus sgrìobh e ‘n t-òran so do chuimhneachan oirre gu brách air fad. Dheun e so eadar 1699 gu 1704 no mu sin b’ fheudar.)

(Fhuair an òran so chall sa Seann Ghàidhealtachd airson aimsear ro-fhada ‘gus thàinig e gu beò nan daoin’ air ais a rithisd sa cheanntar Cala Mór / Halafags air Albainn Nuadh san Dùthaich nan Craobh.)