(I)
Ochain, ochain, mar a tha mi,
’S mi gach làtha gach do chumha;
’Gheug nam meall-shuilean tlàtha,
Chuir do ghràdh mi ’n cunnart.
Cha ’n urrainn mi d’ àicheadh
Ged-a dh’ fhàgainn a’ chruinne;
’S truagh a rìgh nach bu bhàs dhomh
Air na tràighibh gun fhuireach.
(II)
’S truagh a rìgh nach bu bhàs dhomh
’N uair bu phàisdean beag òg mi,
Mu am facas bean t’ aogais
Is nach d’ fhaodar do phòsadh.
Troigh chruinn am bròig chumhainn
Gun bhi leobhar no dòmhail,
Fo do chalpanann mìn-gheala
Nach ìslich am feòirnein.
(III)
’S mairg nach iomraich an copan
Le làimh shocraich ’s e dearlan;
Cha ’n e sin a rinn mise,
’S ann a bhrist mi fein beàrn as.
Gur h-e ’n t-iomadaidh uaigneas
’Ni dhe ’n ionracan meirleach;
Chuir sud mise gu saothair
Far nach cluinn mi mo chàirdean.
(IV)
Ach Uilleam Obar Àrdair
Bu tu ’m bàilidh gun tròcair
’N uair a dh’ iarr thu mo spoltadh
Le luchd-geardan Mhic-an-Tòisich,
Mo thoirt timchioll a’ chabhsair,
’S gun mo chàirdean am chòmhdhail:—
’S mòr gu ’m b’ fheàrr a bhi ’n gainntir
Na bhi ’n lathair a mhòid ud.
(V)
Thig an Samhradh le ’fhlùir,
’S thig a’ chubhag á a Éirinn,
Thig gach eun bhàrr na machrach
’S a chumail caidreimh r’ a chéile,
’S a thoirt ciùil as na crannaibh,
’S iad air bharraibh nan geugan,—
’S ann bhios mise ’s mo leannan
A sior-theannadh bho chéile.
Le Ealasaid Nic-an-Tòisich
(Sgrìobh Ealasaid an t-òran seo mu ’n bliadhna 1822. Rugadh ’s togadh i san Bàideanach, agus sgrìobh i ’n t-òran seo nuair a dh’fhoghluim i ’n droch-sgeul mu’n gille stàbaill Uilleam Obar Àrdair an t-ainm a robh air, agus bha ’n gille stàbaill ’suiridh nan nighean am maighstir aige, ‘gus nuair a chuala ’n maighstir sin, bhalgair e – a mhaighstir – a shracadh as a chéile eadar dà each chuige.)
(Fhuair an t-òran seo chall a-mach as Bàideanach agus Srath Spéidh, agus chaidh sin thairs nan tonn gu Ghleann Gàraidh san Ontario Deas mu bliadhna 1822 no 1829 b’fheudar. Sgrìobh Ealasaid an t-òran seo san Ghàilig Bàideanach, ach tha pìosan Gàilig Ghleann Gàraidh seo cuideachd gun teagamh.)