Òran Gaoil airson Chroidhe Bhristeadh

(I)
Gur mis’ tha dubhach pràmhail
Is cràiteach anns an uairs’,
A’ faicinn luchd-a’-phòsaidh
’Dol seachad ann an òrdan,
’S mi ’smaointeachadh fo m’ chòt’
Air an té ’thug dhomhsa fuath;
Dh’ fhàg i tosdach mi ’s làn osnaich
Lot i mi gu cruaidh.

(II)
Bha mi gu h-aotrom, sunndach,
Gam ghiùlan féin ’s gach uair,
’S mi ann am chridhe cinnteach
Nach glacte mi gu dìlinn
Le rìgh nan gaol na liontan
’S cha b’ fhiach leam rium a luaidh;
Bha e gleusda ’s tric ga m’ theumadh,
Ghlac e greim ’s mi m’ shuain.

(III)
Tha mi nis aige am prìosan
Ga m’ chiosnachadh gu cruaidh;
Rinn trian de m’ anail m’ fhàgail
Mo neart cha ’n ’eil mar b’ àbhaist,
Tha daoine ’g inns’ gach là dhomh
Gu bheil am bàs nam shnuadh.
’S e mo ghràdh do ’n té ’rinn tàir orm,
’Thug mo shlàinte bhuam.

(IV)
Gur truagh nach robh mi ’n Eirinn,
’N Dunéideann, no ’s taobh tuath,
Mu ’n tugadh thugam sgeula
Mu d’ shuiridh is mu d’ réiteach
’S mu d’ phòsadh, ainnir cheutach;—
M’ uil’ éibhneas dh’imich bhuam.
Bha mi cinnteach uair gu ’m biodh tu
Pòsd’ rium-fhìn a luaidh.

(V)
Is iomadh olc ’tha ’g éiridh
O spéis do dh’ òr ’s do bhuar!
Reic thusa, ’s tu glé-ògail,
Thu-féin, airson a stòrais
Ri neach a tha gun eòlas,
’S làn gròcaireachd is gruaim,
’N àm tigh’nn dachaidh chì thu gart air
’S lasair as mar ghual.

(VI)
Ged rinn thu mise ’thréigsinn
Cha leum mi riut am fuath;
Mo mhìle beannachd féin leat
’S a h-uile h-àit’ an téid thu,
’S gu ’n cuir am fortan céil’ ort
Nach beus da bhi air ghruaim;
Ach caomh fearail, foinnidh, smearail,
Ceanalta, le stuaim.

Le Uisdean Dòmhnullach

(‘S òran gaoil annso, ‘gus sgrìobh Uisdean Dòmhnullach sin ri chéile nuair a dh’ fhoghluim e nuair a chaidh an cailin a bha e san ghaoil leis fhé chun do phòstadh fear eile. Bha do chroidh’ aige bhristeadh mar sin as dheidh sin gun teagamh.)