Òran Iaspar

(I)
Ille dhuinn gur tu bu toigh leam,
Co-dhuibh a theireadh cach e,
Ille dhuinn a dh’fhàg Diluain,
‘S a dh’fhàg fo gruaim do mhàthair.

(II)
Siud far an robh na gillean sgoinneil;
De Chlann Choinnich a bha iad,
Siud far an robh na gillean ciatach,
Bha deich cheud anns a mharch dhuibh

(III)
Bha iad ann de gach seòrsa;
Dòmhnallaich is MacAoidhean ann,
Sibh mar chaoraich am buaile,
Sibh cuartaich air bha braighean.

(IV)
Sibh mar chaoraich ann am faing,
‘S na nàimhdean is iad làmh ribh,
Is òg leam chaidh thu seachad,
Fo bhratach na bana-righinn.

(V)
Smaointean ort le cion a’ bhùrn,
‘S tu muigh air cùl an fhasaich,
Smaointean ort bhith san leabaidh,
Nad shìneadh anns na blàran.

(VI)
Smaointean ort fo chlaimheamh ruisg,
‘S e siud a chrùb gu làr mi,
‘S nam biodh agam sgiathan pheucaig,
Dhan an Èipheit gun snamhain.

(VII)
Dheidhinn deas air a’ Mhuir Ruadh,
Le gaoth tuath nam fàbhar,
Dheidhinn gu gearasdan Cheiro,
B’eibhinn leamsa an t-àite.

Le Seonag nighean Iain mac Caluim mac Chaluim MhicMhàirtinn (1850 gu 1910).

(Sgrìobh Seonag an t-òran seo ri chéile airson do mhac Dòmhnull mac Coinneach mac Eachunn MacCoinnich (1874 gu 1943) neo Iaspar, nuair a chaidh e chun Afraga Deas do sabaid ag Cogadh san Afraga Deas sa bhliadhan 1899. Cha robh i toilichte mu sin mar bha fuath oirre chun nan Goill, agus mar bha e air an taobh gun ceartas. Agus bh’ eagal oirre airson Iaspar cuideachd mar bha e air am bealach chun cogadh fuilteach ‘s gharbh. Bha Iaspar an leas-ainm a robh air Dòmhnull mac Coinneach. Bha saighdear Iaspar leis na Siophartaich roimh an cogadh seo, ‘gus as dheidh an cogadh seo.)