Òran Ùr air Seann Séist

Luinneag:
’S iad na Gàidheil féin na diùlaich;
Ho ho, hi ri il ù oh!
’S iad na Gàidheil féin na diùlaich.

(I)
’S iad na Gàidheil féin na gaisgich
’S fad’ ’s is farsuing a chaidh cliù orr’.

(II)
Faigheadh iad cothrom na Féinne
’S co air réilean a bheir cùis dhiubh?

(III)
B’ éibhinn an sealladh an còmhlan
’N àm togail nan sròl am Mùideart.

(IV)
Dh’ éirich an t-àrdan ’n an gruaidhean
’N uair a chual iad fuaim an t-siunsair—

(V)
Gach cridhe ’g at, ’s lann an dòrn,
A’ dol a dh’ agar còir a’ Phrionnsa!

(VI)
Bha ’n iolach mar mhìle leòghann,
No ’n cuan mòr, an déigh a dhùsgadh!

(VII)
Chriothnaich na beanntan le uamhas,
’S thàinig gruaman air na dùilean!

(VIII)
Chriothnaich an crùn a bha ’n Lunnainn,
’S cha mhòr gu ’n d’ fhuirich ar ciùine.

(IX)
B’ aoibhneach Gleann-Fionnain an là ùd,
’S a mhactall ’gáir le dùrachd.

(X)
’Stàilinn air mhire gu còmhrag,
Gu ’n téid Teàrlach Òg a chrùnadh!

(XI)
Olamaid uile ’n deoch-slàinte;
’S balach nach tràigheadh gu grunnd i.

Le Lachunn Mac Gilleathain

(Sgrìobh Lachunn Mac Gilleathain an òran seo sa bhliadhan 1843, agus bha e ‘smuainteamh mu Teàrlach Òg agus Bliadhna Teàrlaich eadar 1745 gu 1746. agus an ceartan nan Gàidheil cuideachd. Bha Fíor Gàidheal. Agus chuir e na Féinn, Teàrlach Òg agus Arm nan Gàidheal ri chéile san òran seo.)

(Fhuair an òran seo chall san dhachaigh air Eilean Cholla ‘s air nan Eileanan, agus chaidh e thairis nan tonn gu h-Albainn Nuadh san Dùthaich nan Craobh, agus dh’ fhill e chugainn.)