Luinneag:
’S iad na Gàidheil féin na diù’laich;
Ho ho, hi ri il ù oh!
’S iad na Gàidheil féin na diù’laich.
(I)
’S iad na Gàidheil féin na gaisgich
’S fad’ ’s is farsuing a chaidh cliù orr’.
(II)
Faigheadh iad cothrom na Féinne
’S co air réi’lean a bheir cùis dhiubh?
(III)
B’ éibhinn an sealladh an còmhlan
’N àm togail nan sròl am Mùideart.
(IV)
Dh’ éirich an t-àrdan ’n an gruaidhean
’N uair a chual iad fuaim an t-siunsair—
(V)
Gach cridhe ’g at, ’s lann an dòrn,
A’ dol a dh’ agar còir a’ Phrionnsa!
(VI)
Bha ’n iolach mar mhìle leòghann,
No ’n cuan mòr, an déigh a dhùsgadh!
(VII)
Chriothnaich na beanntan le uamhas,
’S thàinig gruaman air na dùilean!
(VIII)
Chriothnaich an crùn a bha ’n Lunnainn,
’S cha mhòr gu ’n d’ fhuirich ar ciùine.
(IX)
B’ aoibhneach Gleann-Fionain an là ud,
’S a mhactall ’gáir le dùrachd.
(X)
’Stàilinn air mhire gu còmhrag,
Gu ’n téid Teàrlach Òg a chrùnadh!
(XI)
Olamaid uile ’n deoch-slàinte;
’S balach nach tràigheadh gu grunnd i.
Le Lachunn Mac Gilleathain
(Sgrìobh Lachunn Mac Gilleathain an t-òran seo san dachaigh air Eilean Cholla san bhliadhan 1843. Dh’ fhàg e’mach as Colla ‘gus chaidh e chun Albainn Nuadh san Dùthaich nan Craobh. Dh’ obair e san Ghlaschu san Cala Mór air Albainn Nuadh airson bliadhna fhada cuideachd.)