Marbhrann do Mhaighstir Cailean Grannda, Sagairt Arasaig, a chaochail ’s a’ bhliadhna 1839

(I)
Moch Di-luain an àm dhomh éiridh
Fhuair mi sgeul nach b’ éibhinn leam,
Sgeul tha fìor ri ’bhi ga éisdeachd
Mheudaich éislean dhomh nach gann.
Air a phasgadh anns na léintean
’S a shùil bhlàth gun léirsinn dall
Tha ’n duin’-uasal thug mi spèis da,
’S trom mo cheum ’s nach ’eil e ann.

(II)
’N uair a bha e beò ’na shlàinte
Bu deas dàicheil cumadh bhall
Do ’n duin’-uasal ’tha mi ’gràitinn,
’S tric a dh’ fhàiltich mi air làimh:—
Pearsa ghrinn gun fhoill, gun fhàilinn
Bho d’ mhullach gu d’ shàil gun mheang;
Gnùis a b’ àille ’s fiamh a’ ghàire oirr’,
’S cridhe blàth bu chàirdeil cainnt.

(III)
’S iomadh aon a tha ’gad ionndrainn
Bho na dhùineadh thu fo ’n chlàr,
Ann an cadal far nach dùisg thu
’N leabaidh chaoil ’s a’ chruisle làir.
Ged nach robh mi ’n càirdeas dlùth dhuit,
’S mòr an diùbhail leam do bhàs;
Bha thu dìleas air mo chùlthaobh
’Sheasamh cùis dhomh ’s mi bhi ’n cas.

(IV)
’S aobhar bròin dhomh a bhi ’g innse
Gu bheil thu ’s a’ chill ud thall
Air do thasgadh glaiste, dionach
’S gur a h-iosal leam do cheann.
Bidh tu ’m chuimhne ’là ’s a dh’ oidhche,
’S tric a tigh’nn fo m’ shuim do chall;
Chuir e mulad mòr air m’ inntinn,
’S tu bhi dhìth oirnn brìgh mo rann.

(V)
C’ àit’ am faic mi fear do choltais
Ged-a chruinnichinn pailteas sluaigh’,
Bho mhullach do chinn gu d’ shàiltean
Cha robh fàilinn dhuit mu ’n cuairt,
Bha thu càirdeil, fialaidh, pàirteach,
Ciallach nàrach làn de stuaim;
’S tu nach euradh càs an fheumaich,
Gu ’m bu ghlan do bheus r’a luaidh.

(VI)
Bha do bheus ’s do chliù gun mhearachd,
Bha thu ceanalt’ air gach dòigh;
Bha thu spracail, bha thu smachdail,
Bha thu tlachdmhor, bha thu còir.
Bha thu sìobhalta gun mhiothlachd,
’S tu gun mhiorùn do neach beò;
Spiorad Gàidheil bha co-fhàs riut
Bho na dh’ àraicheadh thu òg.

(VII)
Bn tu ’m fear spioradail meanmnach,
Cha robh thu cearbach no fann,
Bu tu ’m fear cruadalach, calma,
’S eòlas àrd neo-leanabaidh ad cheann.
Fhreagradh tu air thùs na h-armailt,
’S ann ad làimh a b’ earbsach lann;
Bhiodh tu gaisgeil mar bu dual dhuit
A’ thoirt buaidh a mach gun taing.

(VIII)
Mu gach fear-ghleus bha thu teoma
Cha robh fòghlum ort a dhìth:
Bu tu stiùramaiche ’bhàta,
Cha bhiodh fàilinn ann ad ghnìomh,
’S i a leum gu siùbhlach aotrom
Thar nan tonnan craosach dian;
’S bu duin’-uasal thu ri d’ fhaicinn
’Nàm dhuit acrachadh aig tìr.

(IX)
Bu tu giomanach a’ ghunna
’S tric a rinn fuil anns a’ bheinn;
’N uair a dhìreadh tu ri mullach
Gu ’m biodh cunnart air na féidh;
Bhiodh do luaidhe dlùth nan culaidh,
Bhiodh iad uireasbhach ad dhéigh;
Bhiodh do mhial-choin sheang nam muineal
Ged bu churaideach an ceum.

(X)
Bu tu ’m marcaich’ air each sréine;
Co ’bhuidh’neadh ort réis no geall
’N uair a rachadh tu ’n ad dhiolaid
Le d’ spuir ghéir ri ’chliathaich teann?
Bhiodh e lùthmhor, eutrom, siùbhlach,
’Gearradh shùrdagan le srann;
’S gu ’m bu phàirt dhe d’ chulaidh-shùgraidh
Bhi ’ga chur gu dlùth na dheann.

(XI)
Bu tu ceann-uidhe na fialachd,
’S tric a riaraich aig do bhòrd
Searragan làn de stuth làidir,
’S ’n uair a thràight’ iad gheibht’ an còrr.
Bha do bheus gun bheum a chosnadh
Cuirmeil, cosgail mar bu chòir;
Com na glaine, inntinn shoilleir;
Bha thu d’ chliù dha d’ shloinneadh mòr.

(XII)
Gach fuil a b’ uaisle bha ’d chuislean,
Gun cheum tuislidh ’bhi ga d’ chòir
Bho na Gàidheil, ’s c’ àit’ an cuirte iad
Nach biodh ùr-sgeul air na seòid;
’S ann fo làmhaich an cuid musgaid
’Chite chuspaireachd air feòil,
’S fuil an nàmh le bàs gun fhurtachd
’Falbh na tuiltean air feadh feòir.

(XIII)
Chaidh do shinnsearachd a bhuain
Bho ’n chinneadh uasal a bha thall
An Srath-Spé nan gaisgeach buadhmhor
’Rachadh fuasgailteach do ’n champ.
’N uair a sheinnte pìob roimh ’n t-sluagh sin
Fo shuaicheantas Tighearna Ghrannd’
Bhiodh Creag-eileachaidh ga bualadh
Fo mheòir bhinn bu luath air crann.

(XIV)
Chinn thu á teaghlach Mhic-Phàdruig
Aig a bheil an tàmh ’s a’ Ghleann
Am bun Mhoireastan mar b’ àbhaist,
Ann an Dùthaich Àird nam Beann.
Gu ’n robh rioghalachd nan àrmunn sin
A tàrmachadh gu teann
Ann ad inntinn a thaobh nàdair
’S mairg a bheireadh tàir do ’n dream.

(XV)
Fuil nan Siosalach bho d’ mhàthair
Bha a deàrrsadh ann ad ghruaidh;—
Na fir dhàna luthor, làidir
Nach biodh sgàthach ri uchd sluaigh.
’Nuair a ghluaiseadh iad fo ’n airm
Bho chaisteal Eirichealais nan stuadh
Le ’n torc fiadhaich agus colg air
Chuirt’ le cearbh bhuillean an ruaig.

(XVI)
Gu ’m bu lionsgarach do chàirdean
Nam b’ urrainn mi ’n àireamh sios:—
Mac-Coinnich mòrail o Bhrathainn,
Ursann-chatha dhol ’s an strì
Le laoich threun gun fhiamh, gun athadh
Dheanadh sgathadh gun bhi sgìth;
Cròic an fhéidh bhiodh àrd an crathadh
Tùs an latha ’gan cur cruinn.

(XVII)
Mac-Shimi bho Chaisteal Duinidh
A fhuair ionnsachadh ri blàir,—
B’ fhaoin aig fhiùrain losgadh fùdair,
Cha bu shùgradh dol nan dàil;
’S ann an déigh an lann ’s an lùth-chleas
’Chite ’n cunntas air an làr
De na nàimhdean air an sgiùrsadh
Reubhte, ciùirrte, gun bhi slàn.

(XVIII)
Mac-Dhòmhnuill-Duibh bho Shrath-Lòchaidh,—
Triath a chòmhdaicheadh le ’shàir
A bhi calma garbh ’s a’ chòmhrag
’S fuil ga dòrtadh ris an làr.
Mac-Mhic Alastair ’s Clann-Dòmhnuill
Aig am biodh an ro-sheòl àrd,
’S a bhiodh guineach mar na leòghainn
’Chur luchd-cònnsachaidh fo’n sàil.

(XIX)
Mac-Mhic-Eòbhain bho Aird-Ghobhar,—
Ceannard foghainteach gu leòir;
Bhiodh na Leathanaich mu’n cuairt dha
Rachadh cruadalach ’s an tòir.
Bha iad dìleas do na righrean
Ged a dhiobrabh iad bho ’n còir:
Lean iad Stiùbhartaich a’ chrùin
Gun a bhi giùlan an da chleòc.

(XX)
Caimbeulaich o ’n Bharra-Challtuinn,
Sliochd Dhiarmaid nan lann ’s nan sròl,
Cinneadh ainmeil ’s tric a dhearbh iad
Le ’n Diùc Earraghàidhealach ’bhi mòr.—
Mac-na-Ceàrda, morair Ghallaibh
Fiùbhaidh allail air gach dòigh.—
’S beag an t-ioghnadh thu bhi fearail
’S gach fuil cheannasach ’bha d’ phòr.

(XXI)
Ged tha mòran dhe d’ luchd-eòlais
Fo mhulad mu d’ chòmhnaidh bhuan,
’S i do phiuthar a’s ro-bhrònaich’,
’S tric na deòir a ruith le ’gruaidh,
’Caoidh nam bràithrean ’rinn a fàgail
Nach robh ’n àicheadh ’s an taobh tuath,
Cailean àluinn agus Pàdruig,
B’ iad na h-àilleagain gun ghruaim

(XXII)
Chuala mise daoine ’gràitinn
Bha le Pàdruig anns a’ champ,
’N uair a bha e thar an t-sàile
Gu ’m bu treun a làmh ’s a lann.
Bu cheann-feadhna sgairteil teom e
’Thàirneadh faobhar gun bhi mall;
’Nàm dhol sios am blàr nam mìltean
Dhearbh e ’gnìomh ’s na h-Innsean thall.

(XXIII)
’S ann Di-màirt mu’n chàisg a fhuair i
’Bhuille chruaidh a rinn a leòn;
Dh’ fhalbh air sgéith a h-éibhneas bhuaipe,
’S thuit mu ’n cuairt d’ i neòil a’ bhròin.
Maighstir Cailean bha gun anail
’S a shùil cheanalta fo sgleò.—
B’ ionndrainn thu á tir ’s á cinneadh
Nam dhaibh tional ’s gun thu beò.

(XXIV)
’S beag an t-ioghnadh mar-a tha i,
Chaidh an sàs innt’ saighdean cruaidh
An là chunnaic i ’bhi ’d chàradh
’N deise bhàin, gun chàil ’s tu fuar;
Gun smid chainnte ad chulaidh-aifrionn
Ged-a rinn iad a cur suas:—
’S gur-a tric a leubh thu ’n fhìrinn,
’S ann o d’ bheul bu bhinn a fuaim.

(XXV)
Bidh mi ’nis a tigh’nn gu dùnadh,
’S aobhar cùraim dhuinn an t-eug!
Bha e sealg ort greis mu’n d’ fhalbh thu,
’S cràiteach garbh a thug e’m beum;
Bhrist do shlàinte, ghéill thu dhasan,
’S gur-a beàrn thu ás a’ chléir,
Chuir e thu gu cadal bhliadhnan,
’S bidh sinn uile triall ad dhéigh.

Le làmh Iain mac Ailein / Am Bàrd Mac Gilleathain (1787 gu 1848)

(Sgrìobh e ‘n dàrna òran so do chuimhneachan an t-Athair Cailean Grannda nuair a chaochaill e gu bàs sa bliadhna 1839)