Bha fear ann an Àrasaig ris an abradh iad Raghnall mac Ailein Òig, fear de Chloinn Dùghaill Mòrair a Deas. Agus bha e na dhuine sònraichte làidir. Bha daonnan anns an àm sin, bhiodh pìobairean aig an t-seòrsa sin a’ falbh nan cois. Ach fhuair Raghnall mac Ailein Òig cuireadh o Loch Iall a dhol a choimhead air an Achadh na Caraidh. Agus dh’fhalbh iad a’ coiseachd, e fhèin is am pìobaire. Bha iad aig a’ Chorpaich is bha feadhainn ag obair air muileann. Cha robh fhios aca cò b’ e an dà dhuine a choisich seachad orra. Is chuir Raghnall a ghuala ris a’ chlach-mhuilinn is thilg e dhe na beannan i. Chum iad orra. Is nuair a bha iad a’ ruighinn am fradharc Caisteal Achadh na Caraidh bha aca ri dhol a-mach ro phàirce. Nuair a dh’fhosgail iad an geata thàinig tarbh guinideach, fiadhaich nan coinneamh. Cha robh dol às ann ach Raghnall agus an tarbh na chèile. Agus bha e air muin an tarbh agus mharbh e e. Agus thuirt e ris a’ phìobaire a sheinn “An Tarbh Breac Dearg, ’s e an tarbh a mharbh mi” port pìobaireachd. Thug Loch Iall a’ choille air. Bha cho math dha.
B’ e seo Raghnall mac Ailein Òig a chuir às don Cholainn gun Cheann. Rinn i an gnothach air a mhac a marbhadh oidhche na dhà mun do thachair sin. Bha am mac a’ toir’ seachad cuireadh na bainnse is e a’ dol a phòsadh. Thachair i air is tha teans gun d’rinn i an gnothach air, nuair nach robh duine ann ach iad fhèin le chèile. Bhiodh i ri meall de thrioblaidean. Ach dar a rug e oirre, chuir i air a leth-ghlùn air a’ chiad tarraing e. Ach thug e togail bheag mhòr oirre is e air a chois agus chuir e an toll achlais i. Rinn e pasgadh na pìob oirre. Is gheall i a h-uile seòrsa. Ach mu dheireadh gheall i dha nach cuireadh i dragh gu sìorraidh air duine den t-seòrsa, de Sìol Dùghaill. Is sheinn i am port is e a’ dol thar air an Linne Shlèiteach:
“Is fhada bhuam fhìn cùl Beinn Eadarainn
Is fhada bhuam fhìn Bealach a’ Mhoraghain.”
(‘S sgeul seo mu Raghnall mac Ailein Òig (1662 gu 1712) agus bha e ’sabaid an aghaidh an Colann gun Cheann gach aon àm)