Raon Ruairidh

(I)
An ainm an aigh nì mi tùs,
Air a mheanmna so ‘m run,
Chan i ‘so ‘n aimsir mu ‘n dùin an Cèitein oirnn.

(II)
Na faicteadh loingeas an righ,
‘Cur an spionnadh gu tìr,
Chan e Uilleam tha mi cho déidheil air.

(III)
Ach righ Seumas ‘s a shìol,
A dh’ordaich Dia ‘gus ùr dìon;
Cha righ is iad d’am fiach dhuinn géilleachdainn.

(IV)
Ach mar dtig thu air ball,
‘S de léintean criosa ga ‘n call.
‘S ceud misde leinn thall san Éipheit thu.

(V)
An comunn ciotach gun bhàigh,
A shuidh an ionad nan Stàth,
Mar cho-meata Chuir Sàtan seula riù.

(VI)
Paca sligneach nan ceilg.
D’am bu dligheach a mheirg,
Dhubh am fitheach le salchar eucair iad.

(VII)
Cha b’e ‘m brathadair còir,
Bha cur gabhail fo ‘m fòid,
Ach fear an taigh’ nach bu choir bu sheuconds dhuibh.

(VIII)
Ann sa bheithe bheag òg
Tha fo bhailte mhic-Dheòrs’,
Gum bu lìonar fear cleòchd’ bha reubte ann.

(IX)
An Raon Ruairidh nam bad,
Bu lìonmhor uaigh is corp rag,
Bh’ aig luchd shluasaid is chaibe gan léidigeadh.

(X)
Air a bhruthach a stad,
Fo dhubhar nam bad,
Chaidh nan siubhal gu grad na reubaltaich.

(XI)
A shàr Chléibhir nan each,
Bu cheann-feadhna thu air feachd,
Mo chreach léir an tùs gleachd mar dh’éirich dhuit.

(XII)
Bu lasair theine dhaibh t’ fhearg,
‘Gus an dh’éirich mì-shealbh,
Bhuail an peileir fo earball t’ éideadh thu.

(XIII)
Cha robh t-eascaraid suas,
Eadar Arcamh is Tuaidh,
Mur bhi ‘n tacaid a bhuail san eudann thu.

(XIV)
Bu mhor cosgradh do làmh,
Fo do chlogaide bàn;
Do chorp naochde geal gràidh gath éidigeadh (éideadh).

(XV)
Nuair dh’aom t-uaislean am a-mach,
Cha sgaoth bhuachaillean mhaith,
Ach luchd bhualadh nan cnap gu spéireadail.

(XVI)
Clann Dòmhnaill an aigh,
Luchd a chonnsaich gach blàr,
Cha do ghabh sibh riamh sgath roimh reubaltaich.

(XVII)
‘S iomad flùran deas òg,
Gun làn dùirn air de dh’fheol,
Nach gabh cùram ‘s a chòmhrag éiridh leibh.

(XVIII)
‘S lìonmhor lasgaire dian,
Bha fo ‘n cuid bhratach dol sìos,
‘S cha b-iad na fàthichibh crìon ‘ ùr reis-maidean.

(XIX)
Agus làmh bu mhor lùgh,
A chur na Spàinntich gu cùl,
‘Ghearradh chlaignean chnàimh-smùis is fheitheanan.

(XX)
Fhuair iad dèannaidh sa choill,
Bho chruaidh lannaibh sìol-chùinn,
A bhruchd nan dèanaibh thar tuinn trom chreuchdeach iad.

(XXI)
Bu lìonar is gruaig,
A chaidh a spea’ tadh mu ‘n cnuaic,
‘S bha fuil dhaite na stuaidh air feuran ann.

(XXII)
Mo run an Dòmhnall Gorm Óg,
Bho ‘n tùr Shléitich a bho ‘n Órd,
Fhuair thu deuchainn ‘s bu mhor an sgeula sin.

(XXIII)
Gràdh an t-Alasdair Dubh,
Bho n-Aird Gharraidh nan Struth,
Bh’ air a tharruing an tuigh nan eucorach.

(XXIV)
Bh’ ann an tànaistear ur,
‘S bó ‘g am planntas mo run,
‘S cha ‘b ‘e ‘n campair air chul na sgeithe e.

(XXV)
Bha bràthair eil ann Iain Óg,
‘S dh’aomaich peileir troimh fheòil,
‘S caol a thèarainn e beo bho ‘n spéileireachd.

(XXVI)
‘S e ‘Prionnsa Uilleam ‘s shluagh,
‘Dh’fhàg an dùthaich so truagh,
Nuair a chuir e thar cuan righ Seumas bhuainn.

(XXVII)
Ach guidheam sgrios agus plàigh,
Gort is miosguinn is bàs,
Air an sliochd mar bh’ air al na h-Éipheite.

(XXVIII)
Gach aon latha dol sìos,
Caigneadh chlaidhimh troimh ‘m bian,
‘S coin a caitheamh an dìol air sléibhtichinn.

(XXIX)
Thig am Frangach a-steach,
Le treun champa chuid each,
‘S bidh a bhanga ‘d ‘s a bhreac-staoig reidhte dhuit.

(XXX)
Théid thu Hanóbhar ar ais,
Thig an cot dhìot an cais;
‘S i sean choir a chion ghlais a b’fheumaile.

(XXXI)
Ged th’ an cogadh so searbh,
Air a thogail gu garg,
Le ceann nathrach bioth earball peucaig air.

Le Iain Lom Mac Dòmhnaill nan Ceapaich
(1620 go 1709)