(I)
Tha na fèidh am Beinn Ùige,
Beinn Ùige, Beinn Ùige,
Tha na fèidh am Beinn Ùige
’S mo dhiùbhail mar a thachair.
Tha na fèidh am Beinn Ùige,
Beinn Ùige, Beinn Ùige,
Tha na fèidh am Beinn Ùige
’S mo dhiùbhail mar a thachair.
(II)
Tha mo chrodh air an lòin dhubh,
An lòin dhubh, an lòin dhubh,
Mo chrodh air an lòin dhubh,
’S na laoigh òga nan casaibh / casan.
Tha mo chrodh air an lòin dhubh,
An lòin dhubh, an lòin dhubh,
Mo chrodh air an lòin dhubh,
’S na laoigh òga nan casaibh / casan.
(III)
Tha mo shealgair, na shìneadh,
Na shìneadh, na shìneadh,
Tha mo shealgair na shìneadh
Tha ’n crodh-laoigh na bò glaiseadh.
Tha na fèidh am Beinn Ùige,
Beinn Ùige, Beinn Ùige,
Tha na fèidh am Beinn Ùige
’S mo dhiùbhail mar a thachair.
Le Annag Iain Mhurchaidh (1887 gu 1978)
(‘S òran mhath seo le Annag Iain Mhurchaidh no Annag Iain Mhurchaidh MhicÀrnaid, agus tha sin òran mu nam Fèidh shuas air Beinn Ùig air Eilean Sgitheannach)