Caluim Iain: ’S e a’ Ghobhar Bhacach a chanadh iad rithe anns an Eilean Sgitheanach.
Tormod Dòmhnallach: ’S e, ’s e.
Caluim Iain: Tha. Chunnaic sibh ga dhèanamh ach am faca sibh ga thoirt dhachaigh?
Tormod Dòmhnallach: Ò, chunnaic mi, chunnaic mi iad ga toirt dhachaigh ach bha iad air sguir gan tilgeil a-null air fear de na coimhearsnaich.
Caluim Iain: Bha.
Tormod Dòmhnallach: Nar a bheireadh iad dhachaigh i ri mo chuimhne-sa cha robh iad ach ga chrochadh a-staigh bha iad a’ cur bad cas ma sheach na sheòrsa de chrois. Sin agaibh mar a bha iad aca. Agus bha i anabarrach grinn a bhith ga faicinn agus bhiodh sìoda de rud…de rud oirre ga cheangail, tha fhios agaibh.
Caluim Iain: Ribbon, na rudan…
Tormod Dòmhnallach: Ribbon mar a their iad sa Bheurla.
Caluim Iain: Seadh dìreach.
Tormod Dòmhnallach: Agus ach anns an t-seann aimisir…
Caluim Iain: Seadh.
Tormod Dòmhnallach: Tha…bha barrachd na sin ann…bha barrachd na sin ann. ’S e a’ Ghobhar Bhacadh, tha, a theireadh iad ris…mar a bha iad a’ dèanamh na Gobhair Bhacach, am bad mu dheireadh a bha an croitear a’ geàrradh den arbhar anns an iodhlainn aige, am bad mu dheireadh, cha robh e ga chur anns an sguab no anns an adag idir ach bha e ga thoirt leis dhachaigh am bad mu dheireadh de dh’arbhar a bha e a’ geàrradh leis a’ chorran. Agus bha e a’ cur a’ bhad a bha ann an seo, bha e a’ dèanamh dà leth dheth, ’s ga cur cas mu sheach agus ga cheangail agus ’s e a’ Ghobhar Bhacadh a theireadh iad ri sin. Agus ma bha an nàbaidh air dheireadh, gu math air dheireadh air fhèin, ann a bhith a’ geàrradh an arbhair, bha e a’ tilgeil na Gobhair Bhacach a bha ann an seo a-null air an fhearann aige. Agus bha ’n nàbaidh a’ tuigsinn glè mhath gu dè ’s bu chiall ’s dha seo gun robh e a’ ciallachadh gun robh e a’ dèanamh a’ ghnothaich air a’ bhuan. Agus cha robh ann ach dìreach rud a bha iad a’ gabhail ann an spòrs agus ann am feall-dhà. Cha robh…cha robh an nàbaidh ga ghabhail anns an t-sròn idir. Cha robh ach a’ dèanamh ach spòrs dheth mar a bha am fear a bha a’ tilgeil na Gobhair Bhacadh a-null ’s e a’ ciallachadh gun robh e a’ dèanamh a’ ghnothaich air ann a bhith buain an arbhair.
Caluim Iain: Seadh dìreach.
Tormod Dòmhnallach: Agus ’s e seo an rud ris an can iad a’ Ghobhar Bhacadh ach ’s ann dhen…’s ann dhen bhad mu dheireadh a bha an duine a’ geàrradh de dh’arbhar anns a’ ghabhail aige fhèin, ’s ann dheth a bha e a’ dèanamh na Gobhair Bhacail.
Caluim Iain: Seadh dìreach, dìreach.
Tormod Dòmhnallach: Agus cha robh ann ach mar sin agus, fhios agaibh, seòrsa de dh’àithntean agus spòrs a bha eadar na seann-daoine aig àm buaine an arbhair. Agus nam biodh an duine sin air dheireadh air a h-uile duine a bh’ anns a’ bhaile bha iad uileadh a’ dol ga chuideachadh nuair a gheibheadh iad…nuair a a gheibheadh iad an cuid fhèin a thoirt às an talamh a gheàrradh agus a’ sgioblachadh na buain leis. Bha…
Caluim Iain: Seadh, seadh. ’S ann mar sin a bha. Chan fhaca sibhse riamh iad…chan eil beachd agaibh daoine ga thoirt dhachaigh agus a’ crochadh suas air a’ bhalla a-staigh?
Tormod Dòmhnallach: Tha, tha. Ò, chunnaic mi iad ga chrochadh.
Caluim Iain: Air a’ bhalla os cionn an teine?
Tormod Dòmhnallach: Air a’ bhalla os cionn an teine.
Caluim Iain: Os cionn an teine…
Tormod Dòmhnallach: ’S ann.
Caluim Iain: An robh sin ann greis?
Tormod Dòmhnallach: Fad na bliadhna.
Caluim Iain: Gus an tigeadh an ath…
Tormod Dòmhnallach: Gus an tigeadh an ath arbhar a-staigh.
Caluim Iain: Chan e Gobhar a chanadh iad ri sin, an e, nuair a bha iad ri sin, ’s e?
Tormod Dòmhnallach: Theireadh iad…theireadh iad a’ Mhaighdeann-bhuana rithe. Bha iad a’ cur…bha iad a’ cur…bha iad a’ cur ceithir badan cas ma sheach.
Caluim Iain: Seadh.
Tormod Dòmhnallach: Agus tha ga dèanamh mar sin agus bhiodh i air tarrag a’ crochadh os cionn an teine.
Caluim Iain: Sin agaibh ceithir badan cas ma sheach, dè seòrsa cumadh?
Tormod Dòmhnallach: Seallaidh mi dhuibhse mar a bha iad. Nì mi seòrsa de dhealbh eadar…Sin agaibh…
Caluim Iain: Seadh, seadh.
Tormod Dòmhnallach: An cumadh a bh’ oirre.
Caluim Iain: Bha iad…
Tormod Dòmhnallach: Tha an tarrag anns an sin, bha iad ga chrochadh…
Caluim Iain: Bha iad ga cheangail ri chèile.
Tormod Dòmhnallach: Bha iad a’ ceangail mar sin.
Caluim Iain: Ò, aidh, aidh, mar gum b’ eadh ann an seòrda de sguaidhear.
Tormod Dòmhnallach: Sin agaibh, sin agaibh e. Air chumadh sgrìoban, mar a chì sibh, sgrìoban a bhiodh aca ag iasgach.
Caluim Iain: Agus sin a bha i aca anns an Eilean Sgitheanach?
Tormod Dòmhnallach: ’S ann.
Caluim Iain: Sa bhad anns an robh sibhse?
Tormod Dòmhnallach: ’S ann.
Caluim Iain: Crochte mar sin.
Tormod Dòmhnallach: Bhiodh.
Caluim Iain: Sin agaibh e. Agus cha chuala sibh riamh an e duine àraidh a bha ga buan, an duine fhèin a bhiodh buan no an e duine a b’ òige na a bh’ air an achadh a bhiodh ga buan na an duine a bu shine?
Tormod Dòmhnallach: Ò, ’s e fear leis an robh am fearann…
Caluim Iain: Fearann a bhiodh ga buan…
Tormod Dòmhnallach: Fear leis an robh an croit leis an robh an croit…no fear leis an robh an fearann. ’S e a bha ga bhuan e fhèin leis a’ bhad mu dheireadh a bha buan anns a’ ghabhail arbhair.
Caluim Iain: Seadh. Agus cuine a sguir iad dha sin? Am faca sibh sin a’ dol o chionn ceithir biadhn’ fichead?
Tormod Dòmhnallach: Ò…bha iad air sguir dheth anns an àite againne. Ò, bha e aca. Bha an cleachdadh aca ri linn mo sheanmhair.
Caluim Iain: Bha.
Tormod Dòmhnallach: Bha. Ach bha iad air sguir dheth a bhith ga thilgeil a-null air an fhearann.
Caluim Iain: Toiseach a’ Chiad Chogaidh?
Tormod Dòmhnallach: Ò, roimhe…roimhe sin.
Caluim Iain: Fada roimhe sin a bha iad ga thilgeil…
Tormod Dòmhnallach: Bha, bha, bha. On chuimhne agam dhomhsa cha robh ga thilgeil idir.
Caluim Iain: Ach chunnaic sibh gan toirt a-staigh?
Totmod Dòmhnallach: Ò, chunnaic mi gan thoirt a-staigh e.
Caluim Iain: Seadh.
Tormod Dòmhnallach: Chunnaic. Bha rud eile a-rithist agus a’ còrdadh riutha, tha, na b’ fheàrr na a’ Ghobhar Bhacadh, An Deir’ Bhuana. Chuala sibhse mun Deir’ Bhuana?
Caluim Iain: Seadh, seadh, seadh, agus…
Tormod Dòmhnallach: Nar a bhiodh iad…nar a bhiodh deiseil, tha, buaine bha bean-an-taighe a’ dèanamh stapag mhòr uachdar agus bha iad uileadh a’ faotainn na stapag uachdar nar a bha crìoch a chur air buan an arbhair. Sin Deir’ Bhuana a theireadh iad ris sin.
Caluim Iain: Seadh dìreach. Bha seòrsa de chruinneachadh ann.
Tormod Dòmhnallach: Bha. Bhiodh seòrsa de chruinneachadh ann. Abraibh…araibh ma bha..ma bha na nàbaidhean a’ toirt latha cuideachaidh dhaibh timcheall air a’ bhuan bha iad air fiathachadh, tha fhios agaibh, a dh’ionnsaigh na Deir bhuana. Bha.
Caluim Iain: Ò, bhell, tha sin math, a-nist.
(Seo còmhradh eadar Tormod Dòmhnallach agus Caluim Iain Mac Gilleathain, agus bh’ iad ‘cainnt mu dualchas nam Foghar aca air Sgitheannach agus thairis nan Eileanan, agus thairis na Sean Ghàidhealtachd cuideachd)