Tuireadh Airson Leinibh-Gille

(I)
An nochd ’s luaineach mo smaointinn,
’S mi fo bhruaidhlean ’s cha ’n ioghnadh,
Fhuair mi buille ’chuir gaoir ann am fheòil.
An nochd ’s luaineach, &c.

(II)
Fhuair mi sgeula Di-h-Aoine
Rinn mo lot anns gach taobh dhiom;
Cha ’n ’eil m’ aiceid gun aobhar gu leòir;—

(III)
Sgeula bàis mo cheud leinibh
Tha mi cràiteach ’gad ghearan,
Bha thu bàite ’s e ’n aineolas oirnn.

(IV)
Thàinig iosal mo mhisneach,
Bha mo shuilean dluth-shilteach,
’S mi ’gad chàradh an ciste nam bòrd.

(V)
’S e chuir gaoir ann am bhallaibh
Nach toir léigh ás mo charaibh
Gu’n do dh’ fhàg mi thu ’m falach fo ’n bhòrd;

(VI)
Ann an leaba na h-ùrach
Fo na clàir air an dùnadh;
’N déigh an sparradh ’s an dlùthadh le òrd.

(VII)
Tha mo chridhe air a mhùchadh;
’S trom an t-eallach a dhrùidh air;
’S tric a sileadh gu siùbhlach mo dheòir.

(VIII)
Ann am chadal ’s am dhùsgadh
Thig thu m’ aire, ’s mi t’-ionndrainn
Bho na dhalladh do shùilean fo sgleò.

(IX)
Fhuair do mhàthair a diachainn,
Mar gu’n saithte i le iarunn;
Thug an t-earrach so ’ciad laogh bho ’n chrò.

(X)
Chaill i ’h-àilleagan ciatach
’S gun e’ dh’ aois ach ochd bliadhna;
Thuit a’ gheug mu ’n do chrion i ’s na meòir.

(XI)
Na ’m bu ghibht a bhiodh buan thu
Gu ’m bu taic thu ri m’ ghuallainn;
’S geàrr am faileas a fhuair sin de ’n òg.

(XII)
Na ’m bu bhàs air a’ chluasaig,
Gun bhi ’d ’shlainte ’thug bhuainn thu,
Cha bhiodh m’ inntinn fo smuairean cho mòr.

(XIII)
Chaidh do bhualadh ’s an anamoch
Mar am peileir bho ’n t-sealgair;
’S goirt a dh’ fhairich mi cuimse do leòin.

(XIV)
’Dol a null air a’ chraoibh ud,
Thilg am bàs ort a shaighdean,
’S thuit thu ’n iochdar na h-aibhne gun deò.

(XV)
Sud a’ chraobh ’rinn mo dhiùbhail;
Ged nach téid mi ga h-ionnsaidh
Gheibh mi sealladh as ùr dhi gach lò.

(XVI)
Le bhi smaointinn mu d’ dhéibhinn
’N uair a bha thu ’n ad éigin
Anns na sruithean leat féin ’s gun mi d’ chòir.

(XVII)
Bha thu d’ shìneadh an oidhch’ ud
Fo na bruachan ’s an draoighnich,
Dh’ fhàg sin againne cuimhneachan bròin.

(XVIII)
’S daor a phàidh sinn am bliadhna
Sgoil nach feàird sinn a chiad ghreis,
Lion do bhàs sinn le iargain ro-mhòr.

(XIX)
Ach a Righ tha ’g ar riaghladh
’S a thug gealach ’us grian dhuinn,
Thoir dhuinn gliocas gu d’ iarraidh r’ ar beò;

(XX)
Gu bhi ’g éisdeachd ri d’ fhacal
’S gu bhi dìleas fo d’ bhrataich,
Ged tha innleachd ar peacannan mòr;

(XXI)
Gu bhi creidsinn gun fhàilinn
Nach tig sgiorradh no bàs oirnn,
Ach le d’ thoil-s’, ann am fàsach a’ bhròin s’.

(XXII)
Dean sinn taingeal ’s an uair so
Fo ’n t-slait smachdaich a bhuail sinn;
Faodaidh buille ni ’s cruaidhe teachd oirnn.

(XXIII)
Thoir dhuinn neart gu bhi ’g earbsa
Anns gach càs riut gun dearmad,
’S ann leat féin bha mo leanaban le còir.

(XXIV)
Thug thu seachad e ’n iasad,
’S thug thu leat mar an ciadn’ e;
Dean a mhaitheadh, ’s e m’ iarrtas, ar bròn.

 

Le Iain Siosal.

(Sgrìobh agus rinneadh an tuireadh so do leanabh-gille le Iain Siosal, a chaoidh a bhàthadh ’s e ’tighinn dhachaidh ás an sgoil. Tha e air a dheanadh mar gu ’m b’ ann le ’athair. ’S ann air iarrtas athar a rinneadh e. Bha mór an truagh sin nuair a fhuair am bàlach bhàis.)