Caluim Iain: Chuala sibhse, nach e, an duine a mharbh e?
Iain Alasdair: Ò, bha e ag ràidhinn daonnan ann am Baile a’ Chaolais am measg nan daoine. ’S e Stiùbhartach a th’ annam fhì’. Pàirt dha m’ ainm Iain Alasdair Stiùbhart mac Uilleim. Agus mar sin ’s e aon de Stiùbhartaich na h-Apann a th’ annam. Agus tha e daonnan air e ag ràidhinn nach e Seumas a’ Ghlinne nach e a mharbh Caimbeulach Ghleann Iubhair. Bha gunn’ ac’ ann an Taigh Bhaile a’ Chaolais bha iad meall bhliadhnaichean agus ’s e gunna dubh a’ mhì..mì-fhortain a theireadh iad ris. Agus bha iad ag ràidhinn gur h-e an gunna sin, an gunna a chuir an urchair ann an Caimbeulach Ghleann Iubhair. Bha fhios aig Ailean Breac cò rinn e ach cha b’ e Seumas Stiùbhart a rinn e.
Caluim Iain: Seadh dìreach.
Iain Alasdair: Agus bha air a ghlèidheadh daonnan. Bha e air a innse bho athair gu mac air a…mar theireadh iad anns a’ Bheurla handing down…a dh’ionnsaigh bho h-aon a dh’ionnsaigh gu h-aon….secret mòr sin: cò fear a mharbh Caimbeulach Ghleann Iubhair.
Caluim Iain: Agus an cuala sibhse fear a mharbh e gum b’ fheudar dhaibh a ghlasadh a-staigh nuair a bha Seumas a’ Ghlinne ga chrochadh…gun robh e airson ga innseadh ’s aideach…aideachach.
Iain Alasdair: Bhell, bha iad ag ràidhinn sin ach bha iad ag ràidhinn nach robh e fada falbh bhuaithe dar a chuir iad a-suas a’ chrois aig an àite sin fos cionn Poll na Gibe mar a theireadh iad an-diugh ris, bheil thu a’ faicinn, far a bheil an clach-chuimhneachan air a thogail a-suas an sin. Ach ’s e a chuala mi fhì’ agus chuala mi aig an àm glè mhath e gur h-e aon de Stiùbhartaich a Bhaile a’ Chaolais gur h-e a loisg an urchair a chuir air Gleann Iubhair. Agus mar sin bha Ailean Breac a’ feuchainn ris am mort sin a ghlèidheadh dheth cho math ’s a b’ urrainn dha.
Caluim Iain: Seadh dìreach. Agus an cuala sibh rud sam bith mun chrochadair a thàinig gun do dhiùlt e a chrochadh an toiseach ’s gum b’ fheudar dhaibh crochadair eile fhaighinn, Seumas a’ Ghlinne?
Iain Alasdair: Bhell, bha iad ag ràidhinn ’s e saighdear, ’s e a chuir air a’ chrois e, ’s e a chroich e. Aon de na saighdeirean a thàinig às a’ Ghearasdan a-nall a dhèanadh e. Chuir iad geàrd timcheall air a’ chrois airson ’s nach fhaigheadh duine sam bith an corp a thoirt thar a’ chrois. Ach bha fear Mac a’ Phì sin ’s cha robh ceart anns a’ cheann agus gheibheadh e…bha e daonnan dol am measg nan saighdeirean. ’S bha e toigheach air drams ’s bhiodh e a’ dol a-staigh don taigh-òsda ’s cha robh ach an taigh beag aig an àm sin far a bheil an hotel ann am Baile a’ Chaolais an-diugh. Agus shin an duine a thog an corp thar a’ chrois.
Caluim Iain: Seadh dìreach.
Iain Alasdair: Mac a’ Phì shiubhail e a-nìos e agus bha Stiùbhartaich nam feitheach air shìos fos cionn Poll na Gibe air ’s thug e air falbh e. Thilg iad a’ chrois a-staigh do Pholl na Gibe ’s shin an reusan an t-ainm sin a th’ air.
(Seo agallamh eadar Iain Alasdair Stiùbhart mac Uilleim (1915 gu 1997) agus Caluim Iain Mac Gilleathain. Agus bh’ ead ‘cainnt còmhradh mu’n Foill-mharbhadh Leitir Mhòir san Apann air 14mh Céitean 1752 nuair a chaidh Caimbeul Ghleann Iúbhair shìos gu Dòmhnall Dubh ann. Chuir nan Gaill Seumas Stiùbhart no Seumas a’ Ghlinne gu bàs mar sin, agus dhéan ead sin leis cruadhlachd ro-mhor gun teagamh. Chaidh Seumas a’ Ghlinne gu Dhia Mhór air 8mh Samhuinn 1752, agus bha sin le làmhan nan Gaill)