Ach ’illean Bithibh Sunndach

Luinneag:
’Illean bithibh sunndach a-null air a’ bhòidse
Fàgail ar dùthchadh on dhiùlt i an lòn dhuibh,
Ach ’illean bithibh sunndach a-null air a’ bhòidse.

(I)
’Illean na bithibh gruaim oirbh a bhith fàgail nam beann fuara
’S cho fad ’s gun tèid thu a dhùthachas ’s e buannachad a seòrsa.

Ach ’illean bithibh sunndach a-null air a’ bhòidse
Fàgail ar dùthchadh on dhiùlt i an lòn dhuibh,
Ach ’illean bithibh sunndach a-null air a’ bhòidse.

(II)
’Illean bithibh togarrach ’s òlaibh a bhios na obadh a bhith
’S gur h-ann an Tobar Mhoire nì sinn coinneamh ris a’ chòmhlan.

Ach ’illean bithibh sunndach a-null air a’ bhòidse
Fàgail ar dùthchadh on dhiùlt i an lòn dhuibh,
Ach ’illean bithibh sunndach a-null air a’ bhòidse.

(III)
’S math gur tèid mise an dùbhlain bheiribh bean gam ionnsaigh
Ged a bhiodh a pearsa dùmhail ’s co-dhiù gum bi i bòidheach.

Ach ’illean bithibh sunndach a-null air a’ bhòidse
Fàgail ar dùthchadh on dhiùlt i an lòn dhuibh,
Ach ’illean bithibh sunndach a-null air a’ bhòidse.

Le Mórag NicDhòmhnuill Mhic Fhionnghain

(‘S òran seo na Gàidheil ‘seol thairis nan tonn gu Gleann Codruaidh agus do Dùthaich nan Craobh. Sgrìobh Murchadh, Franc agus Ailein Mac Artúir an t-òran seo do chur spiorad misneachd thun daoine ‘seol a-mach as Canna ‘gus a-mach as an Seann Ghàidhealtachd. Ach tha ‘n òran seo diobhar a-mach as nan òrain a robh sgrìobh le Clann Mhic Artúir, ach tha sin san Ghàilig Gleann Codruaidh cuideachd gun teagamh)