(I)
Agus hò rèiteach a-nochd
Toiseachd banais Mhurchaidh,
Agus hò rèiteach a-nochd
Toiseachd banais Mhurchaidh,
Agus hò rèiteach a-nochd
Toiseachd banais Mhurchaidh,
’S cluinnidh càch mu dheireadh
Mu Mhàiri ’s tochradh Mhurchaidh.
Agus hò rèiteach a-nochd
Toiseachd banais Mhurchaidh.
(II)
Faire faire ach Iseabail,
B’ e siud an cruinneag spòrsail,
Fìdhlearan ’s pìobairean
A’ cur an ruidhle an òrdan,
Ceipichean is ruidhlichean
’S e a’ ruidhle i san t-seòmbar,
Sa mhionaid a chuala i ruidhle a bh’ ann
’S i fhèin an ruidhle bu bhòidhche.
Agus hò rèiteach a-nochd
Toiseachd banais Mhurchaidh.
(III)
Bidh òr na cailliche duibhe,
Airgead an dubh-chàsaich,
Bidh òr na cailliche duibhe,
Ann am bonaid Theàrlaich.
Bidh òr na cailliche duibhe,
Airgead an dubh-chàsaich,
Bidh òr na cailliche duibhe,
Ann am bonaid Theàrlaich.
(IV)
Ite rìomhach na h-eirig,
Ann an cìrean a’ choilich,
It a bh’ ann a’ stiùir a’ choilich,
Ann am bonaid Theàrlaich.
Ite rìomhach na h-eirig,
Ann an cìrean a’ choilich,
It a bh’ ann a’ stiùir a’ choilich,
Ann am bonaid Theàrlaich.
Le Dòmhnall Ruadh Phàislig no Dòmhnall Ruadh Aonghais Ruaidh Mac an t-Saoir (1889 gu 1964)