Luinneag:
Ruidhleadh cailleach Eachainn Mhòir
agus seatadh Seònaid,
ruidhleadh cailleach Eachainn Mhòir
agus seatadh Seònaid.
(I)
Thuirt a’ chailleach a bh’ air an spàrr
ris a’ chailleach a bh’ air an làr:
“’s math a dhannsainn Seac o’ Tar
ann an laithean m’ òige.”
Ruidhleadh cailleach Eachainn Mhòir
agus seatadh Seònaid,
ruidhleadh cailleach Eachainn Mhòir
agus seatadh Seònaid.
(II)
Ruidhleadh Bean a’ Ghriogair Mhòir,
seatadh i cho freagar dhiubh
chan eil cailleach anns an ruidhl’
nach ruighinn còmhla rith’.
Ruidhleadh cailleach Eachainn Mhòir
agus seatadh Seònaid,
ruidhleadh cailleach Eachainn Mhòir
agus seatadh Seònaid.
Le Aonghas Mac GilleFhaolain no Aonghas a’ Geanach (1892 gu 1978)