’S Gann gun Dìrich Mi Chaoidh

Luinneag
’S gann gun dìrich mi chaoidh
A dh’ionnsaigh frith-rathaid a’ mhunaidh,
’S gann gun dìrich mi chaoidh.

(I)
’S gann gun dìrich, ’s gann gun teàrnaidh
’S gann gun ruig mi àird a’ mhunaidh.

’S gann gun dìrich mi chaoidh
A dh’ionnsaigh frith-rathaid a’ mhunaidh,
’S gann gun dìrich mi chaoidh.

(II)
Tha mo ghunna caol air meirgeadh,
Cha dèan e car seilge a tuilleadh.

’S gann gun dìrich mi chaoidh
A dh’ionnsaigh frith-rathaid a’ mhunaidh,
’S gann gun dìrich mi chaoidh.

(III)
Tha e a’ crochadh air na tàirnean,
’S cha b’ e siud leam ’n t-àite fuirich.

’S gann gun dìrich mi chaoidh
A dh’ionnsaigh frith-rathaid a’ mhunaidh,
’S gann gun dìrich mi chaoidh.

(IV)
’S iomadh latha sgìth a bha mi
Nam shuidh’ leis ’s e làn air tulaich.

’S gann gun dìrich mi chaoidh
A dh’ionnsaigh frith-rathaid a’ mhunaidh,
’S gann gun dìrich mi chaoidh.

(V)
Gabhail sealladh air na slèibhtean,
Far am beil na fèidh a’ fuireach.

’S gann gun dìrich mi chaoidh
A dh’ionnsaigh frith-rathaid a’ mhunaidh,
’S gann gun dìrich mi chaoidh.

(VI)
’S tric a mharbh mi fiadh nan stùc-bheann
Air mo ghlùin ’s mi lùbadh m’ uilinn.

’S gann gun dìrich mi chaoidh
A dh’ionnsaigh frith-rathaid a’ mhunaidh,
’S gann gun dìrich mi chaoidh.

(VII)
’S fhuair mi litir à Dùn Èideann
Nach fhaodainn fèin a dhol don mhonadh.

’S gann gun dìrich mi chaoidh
A dh’ionnsaigh frith-rathaid a’ mhunaidh,
’S gann gun dìrich mi chaoidh.

(VIII)
Fhuair mi litir bho na h-uaislean
Nach fhaodainn luaidh a chur à gunna.

’S gann gun dìrich mi chaoidh
A dh’ionnsaigh frith-rathaid a’ mhunaidh,
’S gann gun dìrich mi chaoidh.

(IX)
Mura b’ e bràthair do mhàthar
Bha fiadh nam beann àrd is fuil air.

’S gann gun dìrich mi chaoidh
A dh’ionnsaigh frith-rathaid a’ mhunaidh,
’S gann gun dìrich mi chaoidh.

(X)
Pàdruig Mòr an Ceann Loch Aoineart
Rinn e ’m faoin ’s cha d’rinn e buinnig.

’S gann gun dìrich mi chaoidh
A dh’ionnsaigh frith-rathaid a’ mhunaidh,
’S gann gun dìrich mi chaoidh.

Le Tormod Sgorrabreac MacNeacail

(‘S òran-seilge seo le làmh Tormod Sgorrabreac, agus tha e mu’n cha robh nan Gàidheil saor agus a-nonn do seilge airson biadh le nan tighearnan talamh agus na riaghaltas Ghall cuideachd. Rugadh Tormod Sgorrabreac ri linn deireadh an 18mh Aimsear, agus chuir e comhaireachd an aghaidh nan tighearnan talamh leis spiorad dochreidsinn thoisich e treall-chogadh an aghaidh nan tighearnan talamh airson nam muinntear Gàidhealach ann san Albainn agus ann san Éireann Ùr (Bhronsuic Ùr an-diugh) cuideachd. Sgrìobh e ‘n òran seo nuair a bha e san Éireann Ùr san Dùthaich nan Craobh. Dh’ fhàg e ‘mach ‘s a-muigh as Éireann Ùr agus chaoidh e chun gu h-Eilean Thasmain taobh a-muigh as tràigh Astráilia Deas. Chaoidh e shìos chun bàs ann air Eilean Tasmain san bhliadhna 1841. Fhuair e bàs air an uisge.)