Banais Mòir Chamshroin

(I)
Nuair a bha thu nad bhlaster aig MacGilleMhaoil,
Mun tàinig thu thairis a ghearradh nan craobh;
Gur iomadach caileag dhan tug thu do ghaol,
Ged a tha an sàs air thaod aig Mòr Chamshron.

Luinneag:
Coma leam cò bhios às na bhios ann,
Cò a bhios às na cò bhios ann,
Coma leam cò bhios às na bhios ann,
Thèid mise gu banais Mhòr Chamshroin.

(II)
Nuas dhuinn am botal cuidich am bòrd
Flataichean is cupannan pàilte gu leòr,
Cuir thusa am brot air a’ cheann ud den bhòrd
’S bidh ’n fheòil agam fhìn ’s aig Mòr Chamshron.

Coma leam cò bhios às na bhios ann,
Cò a bhios às na cò bhios ann,
Coma leam cò bhios às na bhios ann,
Thèid mise gu banais Mhòr Chamshroin.

(III)
’S bha Bochanan a’ Choire na shuidhe mun bhòrd,
Poca na asgail ’s bata na dhòrn,
Deagh-slàinte nan gaisgeach bu mhath leam a h-òl,
Mun d’rug thu air spòig air Mòr Chamshron.

Coma leam cò bhios às na bhios ann,
Cò a bhios às na cò bhios ann,
Coma leam cò bhios às na bhios ann,
Thèid mise gu banais Mhòr Chamshroin.

(IV)
Mun tàinig tu dh’fhuireach do choille Nèill Ruaidh
Cha bhuaineadh tu mòine, cha cheannicheadh tu gual,
’S gu h-iomadach cabar a leag thu le tuagh
A chumail an fhuachd o Mhòr Chamshron.

Coma leam cò bhios às na bhios ann,
Cò a bhios às na cò bhios ann,
Coma leam cò bhios às na bhios ann,
Thèid mise gu banais Mhòr Chamshroin.

(V)
Nam faighinn do bhanais gun cluinninn a’ phìob
Gun rachainn nad choinneadh gu ruig’ Beul-a-chrì;
’S gum bithinn tighinn dachaigh gun duine ach mi fhìn
’S gun do chaill mi mo chuimhne air Mòr Camshron.

Le Dùbhghall Mac a’ Ghobhainn.

(‘S òran so mu’n am Banais Mhòr Camshron, agus ‘s òran craic mòr so cuideachd.)