(I)
Bhon bha mòran dhe m’ chàirdean
Gabhail tàmh anns a’ bhaile
Nuair bha crìoch air an àiteach
’S bha ’m bàrr anns an talamh,
Thug mi guinea no dhà leam
A bh’ aig mo mhàthair am falach;
’S ghabh mi bàta na smùideadh
Mach gu dùthaich nan Gallach,
’S cha b’ ann gu m’ rath.
(II)
Nuair a ràinig sinn Glaschu,
B’ e sin baile na h-ùpraid,
Bha de dhaoine ’s de dh’eich ann,
Tha de bhreislich ’s de smùid ann;
Thug mi sùil air mo tharsuinn,
’S fhuair mi sgailc ann an tionndadh,
A chuir teas na mo phòrain,
’S bàrr mo shròin’ air a lùbadh
Air garrach glas!
(III)
Ach air oidhche Dihaoine,
Mar bha ’n fhaoineas an dàn dhomh,
Thachair clann Iain ’ic Eachainn
Agus mac Aonghais Bhàin rium;
Is mun deachaidh ar sgaradh
Rinn sinn searrag a thràghadh,
’G innseadh seanchas gu spòrsail,
Agus òran maith Gàilig
Thig fear mu seach.
(IV)
Nuas an t-sràid a’ dol dachaigh,
Bha mi faireachdainn neònach,
’S mi mar bhò air a h-aineol,
Ann am baile nach b’ eòlaich
Ach a-nunn chum na h-uinneig,
Thàinig cruinneag nam chòdhail,
’S thuirt i ’m Beurla chiùin shuarice,
“’S fhad on uair sin, a Dhòmhnaill
Nach dèan thu stad?”
(V)
Thug mi sùil oirr’ gu duineil
Bho ’mullach gu ’brògan;
’S bheirinn m’ fhacal duibh uile
Nach robh uaireasbhuidh neòil oirr’;
Dà shùil ghorm air an dearcag,
Fo ’mìn-mhala chaoin, chòmhnaird,
Is bha ’bilean ’s a gruaidhean
Cho glan snuadh ris na ròsan
Air bhàrr nan slait.
(VI)
Thuirt i rium gum bu chòir dhuinn
Dol do sheòmbar nan uinneag
Gun robh cluich agus ceòl ann,
Gun robh òl ann is iomairt,
Gun robh maighdeannan òg’ ann
Dhe gach seòrs’ agus cinneach,
Gheibh thu taghadh nan òigfhear,
“’S bidh tu Dhòmhnaill air mhire
Mun tig thu às!”
(VII)
Nuair a ràinig mi ’n cala,
Cha b’e talla nan uaislean,
Bho aon chòig na sia bhalaich
Agus caile thiugh ruadh ann;
Iad ri mionnan ’s ri bòilich,
Agus còmhradh gun tuaiream,
’S bheirinn fàsgadh air sgòrnan
Na tè neònach thug suas mi,
Nan robh i mach.
(VIII)
Dh’iarr mi stòp na dhà dhrama,
Dh’fheuch am fanadh iad sàmhach,
Bhon bha toil agam m’ anam
Fhaotainn glan às mo làmhan;
Thug mi làimh air mo sporran,
Gus an dolaidh a phàigheadh –
’S am fead ud sproan no airgead
Nach do dh’fhalbh leis na mèirlich
A rinn mo shlaid!
(IX)
Thug mi leum às mo sheasamh,
Agus thug mi breab air an ùrlar;
’S thuirt mi riutha gun teagamh
Gur h-e peasan dhiubh spùinn mi;
Iad a càradh nam dhòrnsa
Na bha ’m pòca do chùinneadh,
No gum prannainn fo m’ mheòirean
Eadar feòil agus rùsg iad,
Fear ma seach.
(X)
Dh’èirich leòbaire lachdmhoire,
Agus ghlac e mo sgòrnan,
Thuirt e rium mi dhol dgachaigh,
No gum tachdadh e beò mi
Cha do dh’èisd mi ’n t-ath fhacal,
Ach thug mi racaid san t-sròin dha,
Thuit e nunn mu na poitean
A bha ’n oisinn an t-seòmbair,
Is rinn e glag!
(XI)
Chaidhich an talla gu tuasaid,
Is gu gruagan a tharraing;
Cha robh claigeann gun spuaic air,
’S cha robh guraidh gun a prannadh;
Mise a’ slacdadh mun cuairt domh
Le mo chuaille miath daraich,
’Gan cruaidh-iomain ’s na cùiltean,
Is an driùchd air mo mhalaidh,
’S cha robh i glan.
(XII)
Ann am meadhan na h-ùpraid,
Thàinig diùlnach no dhà oirnn,
Iad nan ruith gu ar n-ionnsaigh
Le ’n cuid chrùisgean a’ deàrrsadh;
Thug iad stràchd dhomh le bata
Urad slachdain buntàta;
’S nuair a thàinig mo thùr dhomh,
Bha mo dhùirn aig na gàrlaich
Gu teann fo ghlais.
(XIII)
Chuir mi ’n oidhche sin tharam
Ann an talla nam mèirleach;
’S thug iad suas mi sa mhadainn,
Chum ’s gu faicinn am Bàillidh;
Mura chual’ e mo cheannairc
Cha b’ ann geanail a bha e:
“Gheibh mise don phrìosan,
No thig trì puinnd de chàin ort,
Mo ghille maith.”
(XIV)
Nuair a theann iad ri falbh leam –
Aig an t-Sealbh tha fios càite –
Thàinig Iain ’icEachainn,
Agus Tormoid mo bhràthair;
Nuair phàigh iasdan an t-airgead,
Chaidh mo theanachdsa bhon ghràisg ud,
Chuir mi tein’ as an ùrlar,
Agus breab le mo shàiltean,
’S mi’ tarraing às!
(XV)
Chuirinn impidh gun sòradh,
Air gach Dòmhnall anns a’ bhaile,
Gun e lùbadh le gòraig
A bhiodh bòidheachd anns t-sealladh;
Ged is milis an còmhradh,
Tha ceud fòtus fon earradh,
’S maith tha fios aig mo phòca,
’S far ’n do sgròb iad mo mhalaidh,
Gum bheil sin ceart.
Le Iain Dubh mac Dhòmhnaill MacLeòid.
(‘S òran so mu Dòmhnall na h-Ìle nuair a chaidh e gu Ghlaschu san Dùthaich nan Gallach. Thánaig àm gharbh agus cruadhachd air Dòmhnall bhochd nuair a bha e ’nn a thall gun teagamh. Ghoid droch duine ’n airgid aige fhé, ‘gus fhuair e ghabhail le nam poileas as dhéidh sin cuideachd. Rinn e ’n éalaich mhath a-mach as prìosan mar thánaig chairdean Gàidheil an t-sabhail chuige nuair a bha Dòmhnall san chuirt agus thug ead airgead mhath chun an chuirt airson saorsa Dòmhnall. ‘S òran aotrom so gun teagamh)
(Rugamh ’s togamh Iain Dubh no Iain Dubh mac Dhòmhnaill MacLeòid san Ghleann Dàil, agus cha robh sgrìobhnair mòr e fhé. Ach chaidh e’mach air an fharraige ‘gus rinn e móran tursan thairis nam Fharraige Mhòr eadar an t-Seann Ghàidhealtachd agus Dùthaich nan Craobh. Chaidh e gu Dhia Mhòr nuair a bh’ e air turas gu Chanada, ‘gus fhuair na chairdean aige do chorp Iain Dubh fo thalamh san bhaile mhòr Montreál ann an Talamh Fuar.)