Caluim Iain: Bha sibh ag ràdh gun robh doras mòr aca, seadh?
Màiri NicLoingsich: Doras mòr aca ’s bhiodh e an doras ’s e…bhiodh e air gach taobh den doras agus bhiodh iad ga obrach a-null ’s a-nall.
Caluim Iain: A-null ’s a-nall, seadh.
Màiri NicLoingsich: Yeah, agus a’ gabhail dram nan òran.
Caluim Iain: Seadh, dìreach.
Màiri NicLoingsich: Ach chan eil cuimhn’ a’m air na h-òrain a bhiodh ac’.
Caluim Iain: Tha fhios gum biodh iomadach òran.
Màiri NicLoingsich: Och, bha.
Caluim Iain: Iomadach seòrsa…
Màiri NicLoingsich: Agus bhiodh pàirt do na gillean òga a bhiodh mun cuairt, bhiodh iad a’ tighinn mun cuairt ’s a-staigh a’ mothachadh dè bha a’ dol aig na mnathan gu h-ìosal a’ luadhadh.
Caluim Iain: Dìreach.
Màiri NicLoingsich: ’S e seo na thachair dhaibh a’ dol a sgaoil, bha tè sìos dh’fhoighneachd i dhiubh cà ’m faigheadh e uisge. Agus dh’innis se dhi agus thubh e an cuman tharaist air agus tharraing i.
(Seo agallamh eadar Màiri NicLoingsich agus Caluim Iain MacGilleathain mu Luadhach ann air Diùra.)