Bean Bhochd am Manitòba – Bean Bhochd am Manitóba

Luinneag:

Horo tha mi muladach,
Cha tog mi fonn, cha’n urrainn mi;
‘S e càirdean caoimhneil cuireideach
A chuireadh dhiom an smuairean.

(I)
‘S mise th’ air mo leònadh,
Ann an dùthaich Mhanitòba,
‘S mi ga’m chiurradh leis an lòinidh,
Agus deud mo bheòil air fuasgladh.

Horo tha mi muladach,
Cha tog mi fonn, cha’n urrainn mi;
‘S e càirdean caoimhneil cuireideach
A chuireadh dhiom an smuairean.

(II)
Tha’m fuachd cho mor ’s an dùthaich so,
‘S nach d’ fhàg e neart no luths annam,
Oir ged tha’n fhiarag dùbhailte,
Gu’n d’ reodhadh cùl mo chluasan.

Horo tha mi muladach,
Cha tog mi fonn, cha’n urrainn mi;
‘S e càirdean caoimhneil cuireideach
A chuireadh dhiom an smuairean.

(III)
Tha madaidh-alluidh gharg, fhuileach,
Mar ghainimh tràigh nam fairgeannan,
A donnalaich ’san anmoch,
‘S a cur farbhais oirnn is uamhais.

Horo tha mi muladach,
Cha tog mi fonn, cha’n urrainn mi;
‘S e càirdean caoimhneil cuireideach
A chuireadh dhiom an smuairean.

(IV)
Tha Innseanaich ro iargalta,
Gach oidhch’ is là ‘cur fiamha oirnn;
Cho dubh ri sùith tha’m bian aca,
‘S cha chuir an siobunn snuadh air.

Horo tha mi muladach,
Cha tog mi fonn, cha’n urrainn mi;
‘S e càirdean caoimhneil cuireideach
A chuireadh dhiom an smuairean.

(V)
Tha ‘ghaoth cho cruaidh nuair shèideas
‘S nach fàg i brat no brèid againn,
Bidh ’n darach cruaidh a gèilleadh dhi,
‘S an tigh gu lèir a luasgadh.

Horo tha mi muladach,
Cha tog mi fonn, cha’n urrainn mi;
‘S e càirdean caoimhneil cuireideach
A chuireadh dhiom an smuairean.

(VI)
Bidh dealanach le tàirneanaich,
A bualadh bhuar is bhàthaichean,
A burach tholl is làraichean,
‘S a trusadh bàrr nan cluaintean.

Horo tha mi muladach,
Cha tog mi fonn, cha’n urrainn mi;
‘S e càirdean caoimhneil cuireideach
A chuireadh dhiom an smuairean.

(VII)
Bidh falaisgean ro h-eagallach,
A losgadh feòir is phreasaichean,
‘S gur gann a gheibheadh teicheadh as,
O ’n teas, an t-each a ’s luaithe.

Horo tha mi muladach,
Cha tog mi fonn, cha’n urrainn mi;
‘S e càirdean caoimhneil cuireideach
A chuireadh dhiom an smuairean.

(VIII)
Bith nathraichean glas lùb-dhromach,
Fo bhonn ar cas ga’m pluchadh leinn,
Mar chudaigean cho siubhlach,
Nuair bhios an liù ga’n ruagadh.

Horo tha mi muladach,
Cha tog mi fonn, cha’n urrainn mi;
‘S e càirdean caoimhneil cuireideach
A chuireadh dhiom an smuairean.

(IX)
Tha cuileagan cho lionmhor ann,
Cha’n fhàg iad bàrr no biadh againn;
Nuair thig am blàths bidh ciadan dhiu,
A sàs gu dian am ghruaidhean.

Horo tha mi muladach,
Cha tog mi fonn, cha’n urrainn mi;
‘S e càirdean caoimhneil cuireideach
A chuireadh dhiom an smuairean.

(X)
An uair thig teas an t-samhraidh oirnn,
Cha’n fhàg e càil no cainnt againn,
Cha’n iarr sinn biadh no annlann,
Is gur gann a ni sinn gluasad.

Horo tha mi muladach,
Cha tog mi fonn, cha’n urrainn mi;
‘S e càirdean caoimhneil cuireideach
A chuireadh dhiom an smuairean.

(XI)
‘S e b’ annsa learn bhith ’n dràsda,
Ann an tir nam h-eanntan àrda,
Ann an Caragraich nan sàr laoch,
A tha cridheil càirdeil suairce.

Horo tha mi muladach,
Cha tog mi fonn, cha’n urrainn mi;
‘S e càirdean caoimhneil cuireideach
A chuireadh dhiom an smuairean.

(XII)
Oir ged tha fearann saor againn,
Le crodh, is eich, is caoirich air,
Tha mis’ gu trie a caoineadh
Is gun aon a ghabhas truas rium.

Horo tha mi muladach,
Cha tog mi fonn, cha’n urrainn mi;
‘S e càirdean caoimhneil cuireideach
A chuireadh dhiom an smuairean.

(XIII)
Gidheadh tha agam gàirdeachas
Nach ceannaich òr na bànruinn bhuam
Cha doir am bròn am bàs dhomh,
Agus Niall Iain Bhàin cho suairce.

Horo tha mi muladach,
Cha tog mi fonn, cha’n urrainn mi;
‘S e càirdean caoimhneil cuireideach
A chuireadh dhiom an smuairean.

Le Eachann Niall Mac Gilleathain.

(Sgríobh Eachann Niall an t-òran so sa 1877 as dhéidh fhuair Clann Mhic Gilleathain dhíbir a-muigh as nam tuathannan aca air Eilean Tiriodh. Rinn na riaghaltas Gallda sin so orra gun teagamh, agus chuaidh ead gu Gleann Uisge Dhearg sa Dhùthaich nan Craobh as dheidh sin cuideachd. Bha sluagh an-mhor Gáidhealach ann san ám sin, agus tha sluagh nam Fíor Gaedheal ann an-diugh cuideachd.)