Chan eil Gàilig gu Bàsachadh

(I)
Is latha dhòmhsa ’falbh mu’n cuairt,
Gu h-uaigneach gabhail sràid,
Co dh’ amais rium ach bodach gruamach,
Duaichnidh am measg chàich.
Bha ’fhalt na ’dhualan sios mu ghuaillean,
’Mhalan fuath’sach grànd’,
Is thuirt e rium le goimh is fuath
Gu’n d’ fhuair a Ghàilig bàs.

(II)
Thuirt mise ris gu grad air ais,
Nach faiceadh e ri là,
A Ghàilig uasal, asmhor, ghasd’
A dol an glaic a bhàis
Gu’m biodh i beo a lìnn gu lìnn,
A dhaindeoin mì-run namh,
’S a cliu ga ’sheinn air muir ’s air tìr
Le obair ghrìnn nam bàrd.

(III)
Rach ’s falbh o’n ear gu ruig an iar,
O’n tuath do ’n àirde deas,
Rach ’s siubhail thar gach fairge ’s cuan
Do dhùthaich fhuair no theith,
Is gheibh thu ’Ghàilig bhlasda bhìnn
’S gach tìr ’san gabh thu tàmh;
Cha déid a dioch’nachadh gu sior,
’S am faicear crioch gach là.

(IV)
’Chainnt mhilis bhàigheil ’bh’ aig ar màthair’,
’S sinn na ’r pàisdean og’
Ged ’s tric i faotainn claoidh is tàir
Le gràisg a ’s faoine ceol,
Fhad ’s shileas sneachd air beanntan ard’
’S muir tigh’nn gu tràigh lo chròic,
No fhad ’s bhios caìnnt am beul nam bard
Gu’m mair a Ghàilig beo.

Le Lachainn mac Néill mhic Dómhnaill mhic Iain Mac Gilleathain no Lachainn Néill.

(Sgríobh e sin nuair a bh’ e sa Ghleann Uisge Dhearg. A rinneadh leis a bhàrd air dha ministear a choinneachadh a thubhairt ris gu’n robh a Ghàilig air bàsachadh. Ach tha sin cosaint na Gàilig eadar gach aon muinntir Gàidhealach cuideachd – dachaigh sa sheann Gàidhealtachd agus air nam Machairean Móra cuideachd gun teagamh. Sgríobh e sin so sa 1870an no mu sin.)