Òran Mhanitóba

(I)
Gur muladach mise ’s mi ’n seo gun duin’ idir,
A thogas, no thuigeas, no sheinneas leam dàn;
Le dùrachd mo chridhe, soiridh slàn leis na gillean,
A sheòl thar na linne gu Manitobà.

(II)
Bu ghrianach ar madainn nuair bha sinn nar balaich,
Gun chùram, gun ghearain, gun teannachadh màil;
Le ceòl is làn aigheir, cha laigheadh an smalan,
Air a’ chomann a bh’ againn am Baile nam Bàrd.

(III)
Mi’m shuidhe gu h-uaigneach air tulaichean uaine,
Tha nithean gam bhuaireadh nach cualas le càch;
Mi caoidh nam fear sunndach bha ceanalta, cliùiteach,
Dh’fhàg eilean an dùthchais ’s an cùl ris gu bràth.

(IV)
‘S nuair a ràinig a’ mhadainn gu dol air an aineol,
‘S a thionail gach caraid a bh’ aca san àit’,
Chan urra mi aithris am bròn a bh’ air m’ aire,
‘S an cùl ris a’ bhaile sa mhadainn Dimàirt.

(V)
‘S e faileas nan daoine ’s nach sgarach an saoghal,
‘S e ’s fasan dha daonnan bhith caochladh gach latha;
Nar coigrich air uachdar, cha mhaireann ’s cha bhuan sinn,
Is mìltean de thruaghain gam fuadach thar sàil.

(VI)
Tha luchd-fhearainn shaoir as an àm seo ro-ghaolach,
Air stòras an t-saoghail a shlaodadh bho chàch;
‘S bidh innealan baoghalt’ sa Ghàidhealtachd daonnan,
Gu fògradh nan daoine, ’s cur chaorach nan àit’.

(VII)
‘S chan fhaic mi san àm seo ach caoraich air bheanntan:
Chan eil as a’ ghleann ach fear Gallda no dhà:
‘S Am beagan a dh’fhan dhiubh air rudhachan mara,
Gan iomain gu cladach ’s gam feannadh le màl.

Le Iain Mac Gilleathain.

(Sgríobh Iain Mac Gilleathain an t-òran so air Latha Bliadhain Úr 1880. Bha sin òran an aghaidh nam Fuadaichean mar bha sin thairis nan Gáidhealtachd leis cruadhlachd ró-uamhasach cuideachd. Bha Iain Mac Gilleathain ‘beò san dhibreachd nuair a sgríobh e sin so. Bha e ’muigh air na Machairean Móra sa Ghleann Uisge Dhearg.)