Caluim Iain: Camshron…Camshronach seo ann an Callaird, seadh?
Dubhghall MacEòin: Bha gille buachaille aige.
Caluim Iain: Seadh.
Dubhghall MacEòin: Agus ’s e obair a’ ghille bhuachaill’ a dhol chun an aiseig ag iarraidh na puistean. Bha e ri dhol ann a h-uile h-oidhche. Agus bha droch fhasan aig a’ ghille-bhuachaille dar a bhith a’ dol a-staigh – cha robh mòran modh aige bha e dìreach a’ bargeadh a-staigh do thaigh a’ Chamshronaich agus bha e a’ tilgeil a’ bhag’ air a’ bhòrd.
Thuirt an Camshronach ris fhèi’: “Bhell, ionnsachaidh mise thu, cuiridh mise sin asad.”
San oidhche seo, thuit gur h-e oidhche uamhraidh fhliuch ann, chaidh an gille buachaille ag iarraidh a’ mheil mar a b’ àbhaist. Thill e air ais ’s bha e uamhraidh fliuch ’s chaidh e a-staigh mar a b’ àbhaist agus leig am bag air a’ bhòrd.
Agus thuirt an ridire, “Nist, a laochain, air do shochair, thig thu air ais mionaid an seo, tha mi a’ dol a shealltainn dhut mar a lìbhreachas tu na mails don ridire. Bidh tusa nad shuidhe ann seo, bidh tusa nad ridire agus bidh mise…bidh mise a-mach leis a’ bhag’ agus bidh mise nam ghille-buachaille.”
Bhell, shuidhe an gille-buachaille air a’ chathair ’s chaidh an ridire a-mach leis a’ bhag. Thug e gnogadh air an dorast, thuirt an gille-buachaille: “Tor a steach.”
Thàinig an ridire a-staigh ’s thuirt e: “Tha oidhche mhosach ann a-nochd a thighearna Donnchadh.”
“Tha, agus tha sibh gu math fliuch agus tha fhios gum bheil sibh feumachd air dram.”
Agus chaidh an gille-buachaille agus dh’fhosgail e an taobh-bhòrd ’s thug e a-mach an searrag-ghlainn’ agus thug e dram don ridire.
Thuirt an ridire, “Bhell, ’ille, rinn thu a-nochd e agus chan fhaigh thu gu sìorraidh tuillidh e.”
(Seo ’n agallamh eadar Dubhghall MacEòin (1899 gu 1966) agus Caluim Iain Mac Gilleathain (1915 gu 1960) agus tha subhailc mhath san sgeul seo cuideachd)