Uilleam Bi ’d Shuidhe

Bha cailleach ghruamach anns an àite, don àite don dùthaich chan eil mi cinnteach dè ’n t-àite anns an robh i. Ach cha do dh’iarr i air duine riamh a thàinig a-staigh don taigh suidhe. ’S e an aon rud a dh’fhoighneachd e dhìot c’ ainm a th’ ort agus mar sin cha tuirt i, “thig a-staigh,” ’ios a’d, chuireadh i forfhais no fios ac’ air.

Bha balach ann an seo agus thuirt e, “Bheir mise oirre gun toir i air neach suidhe…suidhe.”

Dh’fhalbh e, chum e do thaigh na caillich agus thuirt i dar a ràinig e:
“C’ ainm a th’ ort?”

“Tha Uilleam bi ’d shuidhe.”
“Uilleam bi ’d shuidhe!”

“Suidhidh, suidhidh,” thuirt e, “agus deagh bhean-an-taighe ag iarraidh orm suidhe.”

“Ma shuidhe,” thuirt i, “’s ann gad chall. Cha eil an seo ach làrach lom,” thuirt i, “agus talamh ùrlar tolltach agus deargadan donn a’ cromadh do mhàisean…a’ criomadh do mhàisean,” thuit i.
“Ach dèan biadh,” thuirt e, “eallamh cuideachd.”

“Chan eil dad an seo a nì biadh ann,” thuirt i, “chan eil ann ach buntàta beag agus iad bog.”

“Bidh iad beag, bidh iad bog, bidh mo leòr ann dhiubh. Agus ma iad beag cuir sinn a dhà dhiubh còmhla, agus ma tha iad…ma that beag…cuir sinn a dha dhiubh còmhla, agus ma tha fliuch fàsgaidh sinn iad.”

“Agus cè sgian ud.”

“Agus chan eil agam ach ceann caora le seo. Agus. Cò e do dhlighe?”

“Tha dà liop, dà lèir,
Dà shùil is dà chèir
Is dà chom-pheirceall.”

“Ò mas sann mar sin tha e, tha an ceann uile agad.”
“’S ann mar sin a bhios agus ithidh mo leòr dheth.”

Agus dh’ith e a leòr agus dh’fhalbh e.

Le Iain Beag no Iain mac Sheumais Ruaidh Dòmhnallach (1876 gu 1964)

(‘S an sgeul no beal-aithris eadar-nàiseanta ‘nnseo ‘gus tha e sin mu daoine ‘turas thaistil thairis na tìre ‘gus tha sin mu cuairtearan cuideachd)