(I)
Cha chaidil, cha chaidil,
Cha chaidil ’s cha tàmh,
Gus am faigh mi mo leannan
Ann an glaicibh mo làimh.
(II)
‘S i seo a’ bhliadhna chuir às dhomh
‘S a sgiol am falt bhàrr mo chinn,
‘S a’ chuid a dh’fhan dheth air glasadh
‘S a’ falbh na shad leis a’ ghaoith.
(III)
Nam biodh tu air mise phòsadh
Cha bhiodh do stòras cho gann;
Bhiodh do chruachan coirc’ is eòrna
‘S do chrodh air mhòintich sa ghleann.
(IV)
Bha do ghruaidhean mar na caorann,
Mar shlios na faoileig air sàl –
Ach ’s mairg a-riamh a thug gaol
Do thè nach fhaodadh thoirt dha.
(V)
Chan eil nì ni bonn feum dhomh
Fon ghrèin ach aon nì –
‘S e gu faicinn mo chiad ghaol
‘S mi call mo chèile ga caoidh.
(VI)
Cha chaidil, cha chaidil,
Cha chaidil ’s cha tàmh,
Gus am faigh mi mo leannan
Ann an glaicibh mo làimh.
Le Gun Urra.
(Òran gaoil le fear mu nan Gáidheil a-muigh air nam Machairean Móra sa Ghleann Uisge Dhearg. Tha e ‘g ràdh ri a leannan nach fhaigh e cadal no tàmh agus am faigh e i ann an glaicean a làmhan. ‘S ann rithe a roinneadh e a chridhe, a chuid bìdh, a leabaidh agus gach nì a choisinn e a-riamh, ach mura dèanadh siud leatha, roinneadh e a chuid cèill. Nam biodh an talamh an àite na farraige, shiùbhaladh e an druim agus an ruigeadh e far an robh i ann am Manitóba no Gleann Uisge Dhearg, ~1897.)