Òran nam Prìosanach

(I)
’S ro fhad a thà mi gu tosdach sàmhach,
Mu’n eilein ghràdhach so ’dh-àraich òg mi,
Bho’n chaidh a Bhanruinn ’s an Diuc le chéile,
Gu cur na ’h-eiginn tir reidh an eorna.

(II)
An t-eilein uaine tha torrach snuadhmhor,
’S e ’s balla cuan dha le thonnaibh mòra;
’S cho fada sìar e ri Barra ’s Ile,
Làn lusan riomhach ’s e iseal còmhnard.

(III)
’Sa mhaduinn shamhraidh nuair chinneas seamrag,
’S i geal is dearg air a mhachair chòmhnaird,
’S ro lurach blàthmhor a lusan sgiamhach
Fo dhruchd na h-iarmailt ’s a ghrian ga ’n òradh.

(IV)
Tha muran, luachmhor, is biolair uaine,
Na ’lagan uaigneach far ’n goir an smeorach;
Is tric a fhuair sinn a mhil ’sna bruachan,
Bho sheillean, luaineach, breac-ruadh a chrònain.

(V)
Mu’n dàinig Diuc ann no h-aon de ’shinnsear,
No Deorsa rioghail á righeachd Hanòbhair,
Bha’n t-eilein iseal ’bu lionmhor àirigh
Aig Clann nan Gaidheal na ‘h-àite comhnuidh.

(VI)
Gach eilein iseal no beanntan arda,
’S gach gleann bha ’g àrach nan Gaidheal còire.
Tha moran fàs diu gun duin’ ach ciobair,
Bho Mhaòl Chinntire gu Taigh Iain Ghròta.

(VII)
Tir nan gaisgeach ’s nam breacan riomhach,
B’e uaill na righeachd iad, ged chaidh ’m fògradh;
Bu lionmhor àirigh is bo air buaile,
Le ceol na gruagaich mu bhruachaibh mòr bheinn.

(VIII)
Chum iad Ceusar as le ’chuid léidsean;
Fir Lochlainn ghéill iad do Chaledonia;
Aig blàr na Leirge chaidh ruaig air Hàco
’S e meud a thàmailt thug bàs ri bron dha.

(IX)
Is tha luchd àiteachaidh ’n eilein ìsil s’
Fo dhoininn mhìlltich gun àite còmhnuidh,
’S e n dìugh na fhàsach aig luchd ar mìruin,
A chuir ’sa phriosan ar gillean òga.

(X)
An Ionaraora, toll dubh a chruadail,
Dhùnadh suas iad a luan ’s a Dhòmhnach;
Ach bha de dh-uaisle ’n com Mhic-Cuaìre,
Nach biodh iad uair ann nam fuasg’leadh òr iad.

(XI)
Theich na dubh thràillean ’bu chùis na h-aimhreit’,
Mar ni an t-aingidh gun aon an tòir air;
Gu’n deach an tilleadh; cha robh ach breugan,
’An cuirt Dhùn Éideann, ’s bu leir sin dhomh-sa.

(XII)
B’ iad sin na saighdearan smearail lùthar,
Gu tighinn do’n dùthaich ’chur cùis an òrdagh;
Bha fear mu seach dhiu toirt eachdraidh ghàbhaidh
Air each Mhic-Fàidein bha ’n àite còirneil.

(XIII)
Chaidh sinn’ a bhuaireadh le luchd an tuaileis,
Ach sheasadh suas leinn air son na còrach,
Gu fearail, cliuiteach, air chùl nan Gaidheil,
Mar rinn ar bràithrean ’san Eilein Cheothar.

Le Iain Mac Gilleathain.

(Dh’éirich na Gáidheal Tiriodh a-muigh an aghaidh nan Gaill ’s an aghaidh na tighearnan talamh Gallda sa 1886. Chuaidh ead gu cogamh le h-aghaidh ceartan fearainn. Bh’ Ar A-mach Tiriodh an chuid Cogamh nan Fearainn gun teagamh, agus rinn na Gaidheal cogamh an aghaidh na tighearnan talamh mar bha cruadhlachd an-mhor ead fhé. Sgríobh Iain Mac Gilleathain an t-òran so nuair a dh’fhoghluim e mu’n an trì h-ionnsaigh an-mhor air Tiriodh le linn am bhliadhain so. Bha sa dhíbireachd e sa Ghleann Uisge Dhearg, Dúthaich nan Craobh nuair a sgríobh e sin so. Thug na Gáidheal Ghleann Uisge Dhearg cuidich an-mhor chun air na Gáidheil sa dhachaigh gun mhall ri linn gach aon strì. Bha ’n t-òran so sa chuimhne na Prìosanaich Gáidhealach na Tiriodh.)