O Mo Dhùthaich

O Mo Dhùthaich ‘S Tu Th’ Air M’ Aire

(I)
O mo dhùthaich ’s tu th’ air m’ aire,
Uibhist chùbhraidh ùr nan galan,
Far a faighte na daoin’ uaisle,
Far am bu dual do Mhac ‘ic Ailein.

(II)
Tìr a’ mhurain, tìr an eòrna,
Tìr sam pailt a h-uile seòrsa,
Far am bi na gillean òga,
Gabhail òran ’s ‘g òl an leanna.

(III)
Thig iad thugainn, carach, seòlta,
Gus ar mealladh far ar n-eòlais,
Molaidh iad dhuinn Manitòba,
Dùthaich fhuar gun ghual gun mhòine.

(IV)
‘S gu dè stàth dhomh bhith ga innse,
Nuair a thig sibh ’s ann a chì sibh,
Samhradh goirid ’s foghar dìsleach,
‘S geamhradh fada na droch shìde.

(V)
Nam biodh agam fhìn de stòras,
Paidhir bhrògan, briogais aodaich,
Agus m’ fharadh bhith nam phòca,
‘S ann air Uibhist dhèanainn seòladh.

(VI)
‘S gura mise tha gu cràiteach,
‘S trom mo cheum, neo-aotrom tha mi,
On a dhealaich mi rim chàirdean,
Thuit mo chridhe ’s mo cheòl-gàire.

(VII)
Fhir a shiùbhlas bàrr an t-sàile,
Thoir mo shoraidh gu mo chàirdean,
Guidheam nach trèig sibh ur n-àite,
Airson uachdaran no bàillidh.

(VIII)
Chan eil buaidh nach eil ri àireamh,
Air Uibhist os cionn gach àite,
An t-eilean garbh mun iadh an sàile,
Gheibh an srainnsear aoigh is blàths ann.

Le Ailean Mac a’ Phì no Ailean Mac Aonghais no Ailean Morbhairneach.

(Sgríobh Ailean Mac a’ Phì ’n t-òran seo nuair a fhuair ead dhíbir a-muigh as do dhachaighean aca ri linn Fuadaichean nan Gáidheal air Uibhist a Deas. Sgríobh e so mu’n eadar 1849 gu 1855 b’fheudar. Bh’ e sa Ghleann Uisge Dhearg nuair a chuir e so le chéile.)