Clann Ceanadaich nan Canna

Le m’fhiosrachaidh fhéin, triùr ghillean aig Murchaidh. Bha Séamus ‘s Dòmhnall ‘s Gilleasbuig ann. Bha triùr pheatraichean aig Séamus ‘s aig Gilleasbuig ‘s aig Dòmhnall.

Bha Mór agus Anna ‘gus Caitrìona, neo: Ceit Mhór mar a bheireamaid rithe. Agus b’e sin i dha rìreabh; ‘s e boireannach mór, foghainneach a bh’innte – boireannach aig a robh sgeulachdan mar a thuirt iad beag agus mór. Agus bha i gu math iasgaidh ‘gus a bhith ‘gan aithris.

Bha e — Iain Mac Gilleathain aig innse dhomh latha a chaidh e dha ‘n sgoil. Agus bha rudeiginn ceàrr anns an taigh sgoil. Cha robh dòigh aca air blàthas a bhith ann, co-dhiubh ‘s e pìob a bheireadh amach an deathach a bhrist ‘s a thuit na gu dé a thachair, b’fheudar dha tilleadh dhachaidh. Agus nuair a bha e a cheum dhachaidh bha Dòmhnall Ceannadach ag obair amuigh faisg air an taigh agus dh’éibh e air suas chon an taighe.

“Trobhad anuas, a laochan,” ors’ esan agus gum faigheadh tu tea ‘gus gun gabhainn sgeulachd dhut’.
“Agus chaidh mi suas a Thaigh a’ Cheanadaich agus fhuair mi cupa tea bho pheigi ‘gus ghabh Dòmhnall a’ sgeulachd dhomh. ‘S e seo Dòmhnall Mhurchaidh Cheanadaich. Agus thug mi greis gun tighinn dhachaidh. Agus dh’fhoighneachd m’ athair dhiom nuair a thàna mi gu dé thachair: gu robh mi aig an dachaidh nab u tràithe na b’àbhaist dhomh tighinn dhachaidh as a’ sgoil. Agus dh’innis mi dha nach robh sgoil idir ann ‘ga teagasg an diugh, agus dh’innis mi dha mar a thachair.

“S e gu dé ors’ esan, ‘a bha ‘gad chumail cho fada gun tighinn dhachaidh bho nach robh sgoil ann an diugh ‘ga teagasg?’

“Bha,” ors’ mise, ‘gun do dh’éibh Dòmhnall Mhurchaidh orm suas dh’ionnsaidh na taighe airson ‘s gum faighinn cupa tea ‘gus dh’innis e sgeulachd dhomh.

“Agus de ‘n sgeulachd a ghabh e dhut?’ orsa m’ athair – b’e seo Calum Iain Mac ‘Illeain.
“Dh’innis,’ orsa mise, ‘dh’innis e dhomh sgeulachd air Fear a’ Chòta Liathghlais.”

Agus rinn m’ athair gàire ‘gus thuirt e: “Nach neònach leam,’ ors’ esan,’ ‘thu bhith air tighinn dhachaidh cho tràth ‘s a thàinig thu ma ‘s e sin a’ sgeulachd a chuala tu.”

Ach ‘s ann air Gilleasbuig a b’eòlaich e mi dhiubh uile ‘gus ‘s ann aige bu mhotha fhuair mi obair sgeulachdan. Bha e sònraichte air sgeulachdan na Féinneadh agus a h-uile rud a bhuineadh dhaibh sin.
Agus ‘s fheudar dhomh a ghràdh anns an am seo gu bheil mór-bharail agam ri thoirt air na Ceanadaich gu sònraichte a thaobh iad a bhith cho math air gnothaichean nan sgeulachd.

Le Eòs Nìll Bheag
Gleann Codruaidh
Talamh an Éisg