Na Canaich agas nam Fuadaichean

’S ann a nuas à Cinn-tire a thàinig Clann ’Ic Nìll a bha seo. Bha tuathanachas aca ’n a’ Mhaoil, Maol Chinn tire, aig Gob na Maoile. Iain Ileach a chanadh iad ris a’ chiad fhear dhiubh. Bha fear a muinntir an Eilein Sgitheanaich a bha fhios aige a seo. ’S e Alasdair an Eilein a chanadh iad ris. Bha fear eile a muinntir an Eilein Sgitheanaich agas bha fhios aige a seo. ’S e fear a’ Choire a chanadh iad ris. ’S e Tearlach a bh’air. Chuir Clann ’Ic Nìll uamhas dhaoine as an eilean. Cha chreid mi nach d’fhalbh trì fichead teaghlaichean as a seo ri linn m’athair a bhith ’na dhuine òg. ’S e a’ rud bu mhiosa dheth, chan fhaigheadh iad fuireach as a’ rìoghachd seo fhéin. Bha iad air son iad a dhol fairis co dhiubh. ’S ann a Chanada a chuireadh iad. Chuala mi gun deach iad air bòrd an Tobar Mhoire. Bha iad a’ gealltainn dhaibh gum bitheadh iad gu math nuair a ruigeadh iad a null, ach ’s ann a bha iad na bu mhiosa.

Chuala mi nach e an t-uachdaran nach e bu choireach ris uile gu léir, ’gan cuir air falabh idir. Athair Mhic Nìll ma dheireadh thug e tuathanach a seo agas bha an t-aite an uair sin fo chroiteirean, agas chuir sin an truaighe air. Bha na croiterean uile air an taobh thall air aghaidh a’ mhonaidh agas iad ’ga àiteach cha mhór air fad.

Dh’fheumadh an uathanach a thàinig na daoine a shuftadh as gu faigheadh esan an talamh. Bha an talamh sin ’ga àiteach air fad. Thàinig a’ chuid a bha thall a nall a seo (gu Sandaidh) agas bha tuilleadh ’s a’ chòir ann an uair sin. Cha b’ urrainn dhaibh a bhith beò ann. Chuir iad na daoine as an taobh thall uile. Fear Mac Phàil a thàinig a seo ’na thuathanach, agas bha e treis mhór ann an Eige a rithist. Bha crodh dubh aig an tuathanach agas rinn e feum mór.

Le Aonghas Nìll Dòmhnullach

(Rugadh Aonghas Nìll Dòmhnallach sa bhliadhan 1863 air Ceap Breatuinn no sa Ghleann Codruaidh b’fheudar. Bha e pàiste nan Canaich agus fhuair ead a-muigh as do dhachaighean aca ré na Fuadaichean air Channa sa 1851. Thàinig iad thairis nan tonn gu Dùthaich nan Craobh as dheidh sin, agus rinn iad dachaigh / dachaighean nuadh aca sa Ghleann Codruaidh air Talamh an Éisg. Thug Aonghas Nìll an sgeul seo chun daoine sa bhliadhan 1946.)