(I)
Deoch-slainte Dhomhnaill Mhic Phàrlain;
Is duin’ uasal, suairce, bàigheil thu;
’S tha dùrachd Chlann nan Gaidheal leat
A h-uile là ged dhealaich sinn.
(II)
’S ro lionmhor àit ’an òlar i,
An tir nan gleann ’s nam mòr-bheannan,
Deoch-slàint an uasail mhòralaich,
’S a chuireas òr ga ’ceannach dha.
(III)
Is òlaidh sinn le dùrachd i
’An tir an fhraoich gu dùthchasach.
Bho’n ’s urram mòr do’n dùthaich e,
Thu dhol do chùirt nan Sasunnach.
(IV)
Duin’-uasal miosail, iomraiteach,
Mar thobar glan nach tiormaicheadh;
Ged bha na h-urad iorghaill
Aig Mac Fhionghain ’s aig Poll Talloch riut.
(V)
Rìnn Earra Ghaidheal dearmad ort,
Le mheud ’sa bh’ ann de chealgairean.
’S e sin an diugh ’chuir Scairinnis
Bhith cho ainmeil ri Seabastopól.
(VI)
Ri gaillinn ’s doininn geamhraidh
Ged rinn Earra Ghàidheal ceannard dheth,
’S e rinn an t-olc na mealltairean
’S na thainig ann de shliomairean.
(VII)
Na laoich a’s fad bho’n chuala sibh
Air muir is tir bha cruadalach,
’S e ’n t-eilein iseal uaine so
An t-àit bu dual d’an seanairean.
(VIII)
’S an caraid riamh bha dìleas dhuinn,
A leag mu sgaoil na priosanaich,
Bidh urram fad gach linn aige,
’S tha beannachd tìr na gainimh leis.
Le Iain Mac Gilleathain.
(Sgríobh e so nuair a bh’ e sa Gleann Uisge Dhearg sa 1880 no 1885. Agus rinn e sin san ónair Domhnaill Mac Phàrlain mar bhuaidh e caithream mór le na Gaidheal sa 1880 ’s 1885 nuair a bhuaidh suidhe ’staigh toigh riaghaltas nan Goill sa Lunnainn, Sasuinn sa bliadhnichean sin so.)