Òran do Theachdairean na Banruinn

Luinneag.
O seinnibh cliu nan teachdairean;
Bidh reachdan math ri ’n lìnn ann,
Ciad soraidh slan thar chuanntan
Leis a Chomunn uasal, rioghail.

(I)
Ach saoghal buan do’n Bhanruinn,
’Thug do’n chomunn àithne rioghal,
Gu teachd do’n eilein uaigneach so
Air uchd a chuain gu h-ìseal.
O seinnibh cliu nan teachdairean;
Bidh reachdan math ri ’n lìnn ann,
Ciad soraidh slan thar chuanntan
Leis a Chomunn uasal, rioghail.

(II)
Tìr bharr fo thuinn ’s nan garbh thonnan,
An t-eilein ainmeil, fiochail;
Gu buan tha fuaim na fairge ris,
’S e Tiriodh ainm r’a innse.
O seinnibh cliu nan teachdairean;
Bidh reachdan math ri ’n lìnn ann,
Ciad soraidh slan thar chuanntan
Leis a Chomunn uasal, rioghail.

(III)
Thug sinne sgeul na còrach dhaibh,
Bha chuid bu mho dheth sgriobhte;
Le gearan seasmhach, sònraichte
De ’n chuid bu bhòidhche ’n fhirinn.
O seinnibh cliu nan teachdairean;
Bidh reachdan math ri ’n lìnn ann,
Ciad soraidh slan thar chuanntan
Leis a Chomunn uasal, rioghail.

(IV)
Tha dòchas math is dùil againn
Gu’n dean an Diuca sìth ruinn;
’S gu’n éirich grian na h-ùr mhaidne,
A nì gach stùc a dhìreadh.
O seinnibh cliu nan teachdairean;
Bidh reachdan math ri ’n lìnn ann,
Ciad soraidh slan thar chuanntan
Leis a Chomunn uasal, rioghail.

(V)
Ged tha an t-eilein cliuiteach so
Do’n Diuca ’n diugh toirt chìsean,
Cha b’ ann le ceart no cruaidh lannan
A fhuaradh e le shìnnsre.
O seinnibh cliu nan teachdairean;
Bidh reachdan math ri ’n lìnn ann,
Ciad soraidh slan thar chuanntan
Leis a Chomunn uasal, rioghail.

(VI)
’S e cuilbheartan, is lùbaireachd,
Is sodal-cùirt’ is slìobadh,
Is rioghalachd ar triathan-ne
’Chuir e fo ’r iaghladh mìllteach.
O seinnibh cliu nan teachdairean;
Bidh reachdan math ri ’n lìnn ann,
Ciad soraidh slan thar chuanntan
Leis a Chomunn uasal, rioghail.

(VII)
Mar luing ’bhiodh ga ’tonn-luasgadh sinn,
’S gach sadadh cruaidh a strì rith’;
Ach gheibh sinn cala sàbhailte
Ma bhios na Gàidheil dìleas.
O seinnibh cliu nan teachdairean;
Bidh reachdan math ri ’n lìnn ann,
Ciad soraidh slan thar chuanntan
Leis a Chomunn uasal, rioghail.

(VIII)
O dheas gu tuath de ’n Ghàidhealtachd,
O’n tha gach àit’ is rìgh air,
Chuir iad fo fheidh ’s fo chaoirich i,
’S tha sliochd nan laoch ga ’n diobradh.
O seinnibh cliu nan teachdairean;
Bidh reachdan math ri ’n lìnn ann,
Ciad soraidh slan thar chuanntan
Leis a Chomunn uasal, rioghail.

(IX)
O’n rinn na caoirich fàsach dhi,
Le togail màil is chìsean,
Tha ’glinn le straithean ’s munaichean
Gun duine beo ach ciobair.
O seinnibh cliu nan teachdairean;
Bidh reachdan math ri ’n lìnn ann,
Ciad soraidh slan thar chuanntan
Leis a Chomunn uasal, rioghail.

(X)
’S e creathall clann nan Gàidheal i,
Tir fhallain àrd nam fior shruth,
’S tha còir aca cho sean oirre
’S nach urrainn eachdraidh ìnnse.
O seinnibh cliu nan teachdairean;
Bidh reachdan math ri ’n lìnn ann,
Ciad soraidh slan thar chuanntan
Leis a Chomunn uasal, rioghail.

(XI)
’S è tìr nam beann ’s nan gaisgeach i,
Is tìr nam breacan riomhach,
’S i ruith o Thigh Iain Ghròta
Gu ruig Maol na Oighe ’n Ile.
O seinnibh cliu nan teachdairean;
Bidh reachdan math ri ’n lìnn ann,
Ciad soraidh slan thar chuanntan
Leis a Chomunn uasal, rioghail.

(XII)
Nuair bheir iad suas an teachdaireachd
Bidh luchd an fhearainn dìte,
’S thig meas air “Tim an Obain”
Anns gach baile mor ’san riogachd.
O seinnibh cliu nan teachdairean;
Bidh reachdan math ri ’n lìnn ann,
Ciad soraidh slan thar chuanntan
Leis a Chomunn uasal, rioghail.

Le Iain Mac Gilleathain.

(Sgríobh e ’n óran so nuair a bh’ e ’muigh air nam Machairean Móra, Gleann Uisge Dhearg, Dúthaich nan Craobh Tuath sa 1883. Sgríobh e so nuair a dh’fhoghluim e mu turas na teachdairean gu ’n Ghàedhealtachd mar bh’ eagal agu mu Cogadh na Croitearan ann sa bhliadhain sin. Ach bha rudan gu ciúin ’s math le h-aghaidh àm geàrr amháin. Thosaidh na cogadh a-muigh a-rithist gun mhall as dheidh cúpla seachdainn.)