Dòmhnall Dubh na Cuthaige – Dòmhnall Gorm a’ Mhàgain

Dòmhnall Ruadh: …chanadh iad ris ann am Mùideart.

Caluim Iain: Dòmhnall Gorm a’ Mhàgain, seadh.

Dòmhnall Ruadh: Ach ’s e Dòmhnall Dubh na Cuthaig’ a bh’ againne ann an Uibhist air. ’S e Dòmhnall Gorm a’ Mhàgain a chanas iad ann am Mùideart ris a chionn ’s gun robh mul-mhàgan ga ruith. Ach ’s e Dòmhnall Dubh na Cuthaig’ a chanamaid-ne ris ann an Uibhist a chionn ’s gun robh gunn’ aige ris an canadh iad a’ chuthag. A h-uile turas a ghoireadh a’ chuthag bha cuideigin marbh. Leagadh e na daoine. Mharbh e bodach ann an Uibhist ’s iad a’ buain mhònadh. Bha iad a’ buain mhònadh latha ann an Uibhist, agus aig an àm sin, mar a tha fhios agad air…chan eil fhios a’m…chan eil fhios a’m a bheil cuimhn’ agaibh air co-dhiù ach bha e ann anns na linntean a bh’ ann a shiud, ’s bhiodh bodaich a’ dèanamh fiosachd. An cuala sibh riamh e? Bhell, ’s ann a’ coimhead tro chnàimh-slinnein na caorach a bhiodh iad. Cnàimh-slinnein na caorach. Bhiodh iad ga chur eadar iad ’s a’ ghrian agus iad a’ coimhead troimhe ‘gus ge brith gu dè chitheadh iad ann an cnàimh-slinnein na caorach bha iad a’ dèanamh fiosachd air. Bhell, ’ille…

Mhàiri fan sàmhach. Bhell, a Mhàiri, an Diabhal nach fhan thu sàmhach.

Nist, an turas a bh’ ann an seothach bha…bha sgiobadh dhaoine a’ buain mhònadh ann an Uibhist agus cò thàinig tarsaing agus e a’ sealg no rud air choreigin, ach Dòmhnall Dubh na Cuthaig’, e fhèin agus ge brith cò bhiodh a’ falbh còmhla ris. Agus bha bodach ann a shin, a laochain, agus bha iad ag ithe an dinnearach, agus gu dè rud a bh’ aig a bhodach, a laochain, ach cnàimh-slinnein na caorach agus e a’ coimhead eadar e ’s a’ ghrian air. Thàinig Dòmhnall Dubh a-nall agus dh’fhaighneachd e dheth:

“Gu dè rud a tha thu a’ faicinn anns a’ chnàimh?” ars’ esan.
Bha fhios aig Dòmhnall Dubh, tha fhios agad, gum biodh iad a’ dèanamh na fiosachd co-dhiù.

“Dè rud a tha thu a’ faicinn anns a’ chnàimh?” ars’ esan ris a’ bhodach.

“An-tà,” ars’ esan, “tha mi a’ faicinn,” ars’ esan, “rud a tha glè dhuilich le fear a Chlann Raghnaill ’s gun cluinneadh e e.”
“Dè rud a tha sin?” arsa Dòmhnall Dubh.

“Leabhra tha,” ars’ esan, “gum bi gioban air gach gadan a dh’fhearann Chlann Raghnaill fhathast. Gum bi gioban air gach gadan a dh’fhearann Chlann Raghnaill fhathast.”

Aig an àm sin nuair a chuala Dòmhnall Dubh na Cuthaig’ sin, dh’fhalbh e agus stob e sgian as a’ bhodach agus mharbh e e. Mharbh e am bodach, a chionn a leithid a rud a chantail. Ach a cheart cho cinnteach ’s tha mise ga chantail riut, thàinig faclan a’ bhodaich air…air an cois. Chan eil…chan eil òirleach…chan eil leth-òirleach de dh’fhearann Albainn an-diugh aig Clann Raghnaill. Chan eil leth-òirleach. Reic iad an òirleach mu dheireadh dheth. Tha gioban…a h-uile gioban…tha e an-diugh air fearann Chlann Raghnaill. Cà bheil Clann Raghnaill?

Caluim Iain: Tha seo math. Tha seo math. Tha seo math.

Dòmhnall Ruadh: Bha fearann a’ bhodaich…bha fiosachd a’ bhodaich air tighinn air a…tha i air tighinn air a cois nam linn-sa; nam linn-sa thàinig fiosachd a’ bhodaich air a cois. ’S e droch dhuine a bha sin, ann an Dòmhnall Dubh na Cuthaig’, no mar a chanadh iad ris ann am Mùideart, Dòmhnall Gorm a’ Mhàgain. Bha mul-mhàgan ga ruith on a thill e on a bhith còmhla ri Montròs. ’S e esan a bh’ air Clann Raghnaill a’ ruith nan Cùmhnantaich còmhla ri Montròs. An e…ciamar a chanadh tu, an e Iain Dubh nan Cath a chanadh tu ris? Nach e Iain Dubh nan Cath a bha a’ ruith nan Cùmhnantaich?

Caluim Iain: ’S e, ’s e, ’s e.

Dòmhnall Ruadh: Bhell, ’s e Dòmhnall Dubh na Cuthaig’ ’s Clann Raghnaill a bha nan allies aige ma-thà, gus an do dhealaich iad ris aig Filiopfach. Chaidh e fhèin agus Dòmhnall Dubh far a chèile, chaidh an Greumach agus Dòmhnall Dubh far a chèile, agus thill Dòmhnall Dubh dhachaigh ’s thug e leis dhachaigh na Gàidheil. Agus cho luath ’s a dhealaich iad ri Montròs, bha Montròs, chaill e an latha aig Filiopfach, a chionn ’s nach robh na Gàidheil còmhla ris.

Caluim Iain: Tha seo math. Seadh, tha sibh math.

Dòmhnall Ruadh: Thill…chaidh e fhèin agus Montròs far a chèile ’s thill Dòmhnall Dubh dhachaigh ’s thug e leis na Gàidheil dhachaigh còmhla ris ’s dh’fhàg e Montròs leis fhèin. Chaill Montròs nuair a chaill e cuideachadh nan Gàidheal, air Cath na Filiopfach.
Mhòrag, a ghaoil,…’s e history a th’ agamsa, a ghaoil.

Caluim Iain: Ciamar a chuala sibh…ciamar a thàinig deireadh Dhòmhnaill na Cuthaige? Ciamar a…?

Dòmhnall Ruadh: Ò Dhia chuala mise e, chuala mi e ’s innsidh mi dhut e cuideachd. Innsidh mi dhut e cuideachd. Bhell, bha Dòmhnall Dubh, nuair a thill e às an sin, nuair a thill e às an sin, bha iad a’ faicinn mul-mhàgan mhòr – tè mhòr, mhòr cuideachd – a-staigh anns a’ Chaisteal Thioram còmhla riutha. Bha i a’ tighinn a-staigh dhan a’ Chaisteal Thioram agus a’ laighe air an ùrlar agus a’ fuireach ann, ’s cha ghabhadh i cur a-mach. Chaidleadh i ann a shiud, ’s ge brith càit an rachadh Dòmhnall Dubh, dh’fhalbhadh a’ mul-mhàgan còmhla ris. Nuair a dh’fhalbhadh e le birlinn air uachdar a’ chuain, bhiodh iad uaireannan a’ feuchainn ris an car a thoirt às a’ mhul-mhàgan. Dh’fhàgadh iad a’ mhul-mhàgan na cadal a-staigh anns a…anns a…anns an t-seòmbar. Ach an Dia nuair a dhùisgeadh a’ mhul-mhàgan ’s a dh’ionndrainneadh i nach robh Dòmhnall Dubh a-staigh bha i a’ tarraing às a dheoghaidh. Chitheadh iad a’ tighinn air uachdar nan tonn i, a bhalaich, a’ marcrach o stuadh gu stuadh, ’s dh’fheumte a toir a-staigh dhan bhirlinn. Ach co-dhiù, ’ille, a dh’innse dhut naidheachd…airson naidheachd fhada a dhèanamh tuilleadh…nas giorra na tha i.

Caluim Iain: Ò na dèanaibh goirid idir i, na dèanaibh goirid idir i. Sin an dòigh, innsibh dhomh an naidheachd uile, a h-uile facal.

Dòmhnall Ruadh: Co-dhiù, ’ille, uair dhe na h-uaireannan chaidh sagart a bh’ ann an Canaigh a-mach air Dòmhnall Dubh. Rinn an sagart searmon anns a’ chùbaid agus chuir e sìos air dol a-mach Dhòmhnaill Dhuibh, a chionn ’s e droch dhuine a bh’ ann, droch dhuine a bh’ ann, agus chuir an sagart a-mach air. Agus dh’innis e dhan phoball aig an àm nach robh còir aca a bhith a’ gabhail…nach robh còir aca a bhith a’ leantail…a’ leantail an seòrsa pàtran a bha Dòmhnall Dubh a’ toir daibh.

Agus chuala Dòmhnall Dubh mun t-searmon a rinn an t-sagart…an sagart, agus anns a’ mhionaid uarach bhuail e na cheann:

“Bheir mise dìoladh-fiach a-mach às an fhear ud.”

Dh’fhalbh e, a laochain, gu ruige Canaigh airson an sagart a mharbhadh. Agus chuir iad orra a’ bhirlinn aig a’ Chaisteal Thioram, chuir iad a’ bhirlinn suas aig a’ chaisteal ’s dh’fhalbh iad, ’s dh’fhàg iad a’ mhul-mhàgan a-staigh…bha a’ mhul-mhàgan ann aig an àm, ’s dh’fhàg iad a’ mhul-mhàgan na suidhe…na laighe ann an oisean an t-seòmbair ’s i na cadal…

Caluim Iain: Dh’fhàg iad a’ mhul-mhàgan ’s i na laighe an oisean an t-seòmbair, nach e sin a bh’ ann?

Dòmhnall Ruadh: Ah…’s e a’ dol a Chanaigh, e a’ dol a Chanaigh.

Caluim Iain: Seadh, dìreach. Well, nist, dèanaibh air ur socair…

Dòmhnall Ruadh: Leigibh leamsa a-nist an naidheachd innse. Co-dhiù, ’ille…tha e ann a sheo fhathast. Cluinnidh sinn a-rithist e, cluinnidh sinn a-rithist e.

Co-dhiù, a laochain, dh’fhalbh Dòmhnall Dubh leis a’ bhirlinn a’ dol gu ruige Canaigh a thoirt dìoladh-fiach far an t-sagairt a chionn a leithid a chantail mu dheidhinn. Dh’fhalbh iad. Bha sgiobadh aige, sgiobadh math de ghillean calma cuideachd, ach nuair a bha iad…mun robh iad letheach rathaid a-null gu Canaigh, dh’èirich an stoirm. Thàinig a’ ghaoth, agus thàinig i dha-rìribh. Thòisich a’ bhirlinn air a dhol fodha. Cha deargadh iad air a cumail am bàrr, cho math ’s gun robh am fear a bhiodh…a bha na shuidhe na deireadh ga stiùireadh, cha deargadh e air an fhairge a chumail a-mach aiste. Thòisich i air tarraing a-staigh air gach taobh, fuar agus leis.

Ach co-dhiù no co-dheth, a laochain, gu dè an Diabhal a chunnaic iad a’ tighinn ach a’ mhul-mhàgan. Thàinig a’ mhul-mhàgan, a laochain, às an deoghaidh agus i a’ leum o stuaidh gu stuaidh. Dh’fhalbhadh i far bhàrr na stuaidhe seo ’s leumadh i gu bàrr na stuaidhe eile, agus chuir i dìreach làn chuairt air a’ bhirlinn. Thàinig i air an taobh leis dhith ’s chaidh i air taobh an fhuaraidh, ’s chaidh i mun cuairt an deiridh, ’s bha i a’ leum o stuaidh gu stuaidh a’ faighinn timcheall oirre. Cha deargadh am fear a bha ga stiùireadh air am bàta a chumail tioram agus mu dheireadh thuirt e ris fhèin:

“An Diabhal, cha dèan mise an gnothach idir oirre co-dhiù.”

Dh’fhalbh e agus dh’fhàg e…air fad i. Bhell, chaidh Dòmhnall Dubh fhèin chun na stiùireach an uair sin. Dòmhnall Dubh na Cuthaig’ fhèin, bha e a’ fàilleachdainn air. Ge brith gu dè a dhèanadh e, bha an fhairge a’ tighinn a-staigh eithir air an taobh seo no air an taobh eile. Cha deargadh e air a cumail tioram, ’s bha i air thuar a dhol fodha fon casan. Mu dheireadh, dh’fhalbh Dòmhnall Dubh agus smìd e mar siud le chorraig air a’ mhul-mhàgan. Gheàrr a’ mhul-mhàgan leum a-staigh dhan sgothaidh…dhan bhirlinn. Cho luath ’s a thàinig a’ mhul-mhàgan a-staigh, shìolaidh an fhairge mar siud sìos. Shìolaidh i sìos. Bha an rathad rèidh gu leòr aca gu ruige Canaigh. Chaidh iad gu ruige Canaigh an uair sin.

Ach mun do ràinig iad Canaigh, bha an sagart air sanais fhaighinn gun robh iad a’ ruighinn, agus bha e air a dhol am falach. Well, it was sia seachdainean. Thug an sagart sia seachdainean ann an Canaigh a’ leum o tholl gu toll mun d’fhuair e teicheadh às. Dòmhnall Dubh ga ruith thall ’s a-bhos airson a mharbhadh. Thug e sia seachdainean a’ leum o tholl gu toll air feadh Chanaigh. Mu dheireadh fhuair e teicheadh agus gus an deach e air tìr ann an Laisgir ann an Loch Baghasdail, ann an Uibhist.

Ach, ’ille, gus an naidheachd a dhèanamh nas giorra na bu chòir dhi a bhith…

Caluim Iain: Ò na dèanaibh i na bu ghiorra na bu chòir dhi a bhith idir, idir, idir, idir.

Màiri Mhic an t-Saoir: ’S fada gu leòr i.

Dòmhnall Ruadh: Chan eil, a Mhàiri. Dhia chan eil mise letheach de Dhòmhnall Dubh. Chan eil a m’ eudail na letheach.

Nist, nuair a bhàsaich Dòmhnall Dubh, ’s ann ann an Canaigh a bhàsaich Dòmhnall Dubh na Cuthaig’. Bhàsaich e ann an taigh a th’ ann an Canaigh, ’s tha e ann fhathast cuideachd, an taigh anns an do bhàsaich e. Bha e na laighe air leabaidh a’ bhàis ’s bha a h-uile duine bh’ ann an Canaigh fios aca gun robh Dòmhnall Dubh a’ bàsachadh, nach robh…co-dhiù na laighe ’s nach robh coltas air gun tigeadh e dheth. An oidhche a bh’ ann a sheo, a laochain, mu mheadhan-oidhche, mu chridhe dearg a’ mheadhain-oidhche, chuala iad fead, fead chruaidh. Cha robh duine a bh’ ann an Canaigh nach do dhùisg leis an fhead a chuala iad. Chan eil ann an eilean…chan eil ann an Canaigh ach eilean beag, chan eil e na eilean mòr idir. Chì thu on dàrna ceann dheth chun a’ chinn eile. Cha robh duine beò a bh’ ann an Canaigh nach do dhùisg leis an fhead a chuala iad, ’s sheall iad a-mach. Chunnaic iad duine mòr na sheasamh air a’ chnoc sin os cionn na h-acarsaid, fhios agad far an tig am bàta a-staigh, acarsaid Chanaigh. Bha duine mòr, mòr na sheasamh ann a shin air mullach a’ chnuic, dà chluais mhòra mhòra air, a’ dol suas os cionn a chinn mar siud. Agus e na sheasamh, agus aghaidh…a dhearg aghaidh air an taigh anns an robh Dòmhnall Dubh a’ bàsachadh. Agus gheàrr e fead eile. Cha robh duine beò a bh’ ann an Canaigh an uair sin nach robh ga choimhead. Dh’èirich iad uile-gu-leir ’s chunnaic iad e.

A-nist, as an taigh as an robh Dòmhnall Dubh a’ bàsachadh, bha daoine ann a shin ga fhaire, ’s e a chanas sinne ris, ga fhaire. Bha e na laighe ’s bha e, faodaidh tu ràidhtinn air leabaidh a’ bhàis, agus ann an lùib a h-uile duine eile a bha ga fhaire bha caraid…caraide dha fhèin, Raghnall mac Ailein Òig à Mòrar, Mòrarach. Raghnall mac Ailein Òig à Mòrar, ’s e caraide dha fhèin a bh’ ann a shin.
Bhell, a-nist, airson a dhol air ar n-ais bìdeag bheag anns an sgeulachd, a’ chiad fhead a chualas, bha Dòmhnall Dubh na shìneadh anns an leabaidh agus gheàrr e leum às an leabaidh nuair a chuala e a’ chiad fhead. Agus leum a charaide fhèin, Raghnall mac Ailein Òig, agus rug e air. Bhell, a-nist, feumaidh gur h-e sin…gur h-e duine calma a bh’ ann an Raghnall mac Ailein Òig. Chuir e air Dòmhnall Dubh:

“Fan anns an leabaidh,” ars’ esan. “Na èirich idir. Na caraich às an sin,” ars’ esan, “tha an rud math gu leòr.”

Ach an Dia nuair a chunnaic am fear a bha a-muigh nach tugadh feart air a’ chiad fhead, gheàrr e fead eile, agus rinn Dòmhnall Dubh an uair sin ’s e na laighe anns an leabaidh, rinn e dìreach…am bogsa an tuar gum biodh e a-mach co-dhiù. Bhell, a-nist, bha a dhìol aig Raghnall mac Ailein Òig gun cumadh e e. Raghnall mac Ailein Òig, diùnlach cho mòr ’s a dh’fhàg Gàidhealtachd Albainn, cha deargadh e air Dòmhnall Dubh a chumail a-staigh.

Bhell, a-nist, an fheadhainn a bha a-muigh bha iad a’ faicinn an fhir a bha a-muigh. Chunnaic iad e, agus gheàrr e fead agus cha tugadh feart oirre. Gheàrr e an uair sin fead eile agus cha tugadh feart oirre. Mhaoidh e an uair sin le dhòrn mar siud agus ruith e. Dh’fhàg e mullach acarsaid Chanaigh agus ruith e a dh’ionnsaigh an taigh as an robh Dòmhnall Dubh. Ach nuair a bha e letheach rathaid dh’ionnsaigh an taigh, gu dè rud a choinnich e ach cladh, cladh anns am bite a’ tìodhlacadh dhaoine, agus bha crois Chrìosda ris agus thòisich…stad e aig a’ Chrois. Chan fhaigheadh e seach sin. Stad e ann a shin.

Bhell, a-nist, ’ille, tha mi a’ bruidhinn air an fheadhainn a bha a-staigh cuideachd, an fheadhainn a bha a-staigh far an robh Dòmhnall Dubh fhèin, ’s ann a’ bruidhinn air an fheadhainn a bha a-muigh. Nist, bha sabaid aig Raghnall mac Ailein Òig a’ cumail a-staigh an fhir a bha a-staigh. A-nist, ’ille, an fheadhainn a bha a-muigh bha iad a’ faicinn an fhir a bha a-muigh, agus mu dheireadh chaidh e gu stampadh le chasan, tha iad a’ ràidhtinn, agus gu dannsadh agus gu maoidheadh, agus thug e aon roid às, agus chaidh e seachad air a’ chrois ’s air a’ chladh. Cha ghabhadh…cha chumadh crois na cladh air n-ais e, chun an taigh an an robh Dòmhnall Dubh a’ bàsachadh. Ach bha iad ag ràidhtinn rium a-nist, an fheadhainn a bha a-staigh aig an àm sin, chaidh esan seachad air an sin. Bha e dìreach a’ dol a bhith ann an taigh Dhòmhnaill Dhuibh. An fheadhainn…bha iad ag ràidhtinn rium aig an àm sin, bha Raghnall mac Ailein Òig an uair sin ann an cùl na còmhla a’ cumail Dhòmhnaill Dhuibh. E fhèin na dhuine òg sgoinneil làidir, Dòmhnall Dubh na sheann bhodach, ’s cha deargadh e air a cheannsachadh. Cheannsaich e ann an cùl an dorais e gus mu dheireadh, dìreach nuair a bha e air thuar an gnothach a dhèanamh air, gheàrr an coileach leum às an spàrr ’s ghairm e. Thuit Dòmhnall Dubh. Cha robh diog aige.

Màiri Mhic an t-Saoir: Bha e marbh.

Dòmhnall Ruadh: Cha robh e marbh idir. Cha robh e marbh idir. Chaill e a lùths. Thog iad dhan leabaidh e. Agus bha iad ag innse gun robh e a’ monbar ’s ag ùrnaigh anns an leabaidh mun do bhàsaich e a-rithist. Bha e a’ monbar ’s ag ùrnaigh anns an leabaidh mun do bhàsaich e.

Bhell, a-nist, chan eil fhios agamsa gu dè…co-dhiù ’s e an fhìrinn no na breugan a th’ ann, ach siud mar a tha an…mar a tha an naidheachd mar a chuala mise i. ’S bha e a’ monbar ’s ag ùrnaigh ris fhèin a-rithist as an leabaidh, bha iad ag ràdh, ach cha robh duine a’ dèanamh a-mach dè bha e a’ cantail. Ach bha iad a’ dèanamh a-mach gur ann ag ùrnaigh a bha e co-dhiù. Cha do bhàsaich e idir ann an cùl an dorais. Thuit e ach chaill e a lùths, agus thog iad air n-ais dhan leabaidh e, agus bha e a’ monbar agus a’ bruidhinn ris fhèin. Bha a h-uile h-aonan ag ràdh gur h-ann ag ùrnaigh a bha e, ag ùrnaigh ris fhèin.

(Seo agallamh eadar Dòmhnall Ruadh mac Aonghais Ruaidh ’ic Nìll ’ic Dhòmhnaill ’ic Dhòmhnaill ’ic Nìll Mac an t-Saoir (1899 gu 1964) agus Caluim Iain Mac Gilleathain agus Cathal Mac Cathmhaoil agus Màiri Mhic an t-Saoir)

(Agus ‘s sgeul seo mu Dòmhnall Dubh na Cuthaige no Dòmhnall Gorm a’ Mhàgain. Bh’ e 12mh Taoiseach na Chlann Raghnaill agus bha fear cruadhachd agus fear gharbh e fhéin. ‘S an sgeul seo mu’n am t-àm nuair a dh’ fhoghluim Dòmhnall Gorm mu’n sagart air Canaigh ‘cainnt an aghaidh cruadhlachd e fhéin. Thàinig fearg an-mhor aige, ‘gus chuir e pleann ri chéile airson turas gu Canaigh agus do chur an Sagart gu bàis mar sin. Ach nuair a bha e ‘mach air an fharraige ‘s Mùideart air an t-slighe gu Canaigh, thàinig gaoth mhór fo tamall agus bha gach aon rud gharbh aige chun a thàinig am Màgain Dubh chun an sàbhàil. Nuair a shroich e Canaigh thàinig tinneas an-mhor air agus chaidh e gu bàis as deadhaidh sin. Thàinig Dòmhnall Dubh mór chun Canaigh airson Dòmhnall Dubh na Cuthaige mar dhìoghail Dòmhnall Dubh na Cuthaige d’ anam aige chun gu Dòmhnall Dubh mór)