Ludhadh ann an Diùra:
Caluim Iain: Agus bhiodh iad postadh aodaich, chaidh am posta.
Seonag Mhic Ghille Sheathanaich: Bha, postadh. Bha na…bha na pladaichean air am postadh mura rachadh iad an luadhadh.
Caluim Iain: Seadh, seadh. Seadh dìreach.
Seonag Mhic Ghille Sheathanaich: Tha…timcheall air…an toil-inntinn a bh’ aig daoine latha a bhith a’ luadhadh.
Caluim Iain: Seadh, san àite.
Seonag Mhic Ghille Sheathanaich: San àite.
Caluim Iain: Bhiodh iad a’ cruinneachadh, seadh?
Seonag Mhic Ghille Sheathanaich: Well, bha nigheanan òga gan iarraidh o chionn an obair.
Caluim Iain: Seadh, seadh. Agus am biodh air an tàmailteachadh mura faigheadh iad cuireadh gu luadhadh?
Seonag Mhic Ghille Sheathanaich: Well, nach ann a bhiodh iad a’ smaoineachadh gun leathachas a dhèanadh orra?
Caluim Iain: Seadh dìreach.
Seonag Mhic Ghille Sheathanaich: Och, tha leithid seo de chunntas dìreach aca ga…ga chur…tha…tha iad air a ceart dòigh air snìomh ’s càrdadh.
(Seo agallamh eadar Seonag Nic Dhubhghaill Mhic Ghille Sheathanaich (1862 gu 1955) agus Caluim Iain Mac Gilleathain (1915 gu 1960) agus bh’ iad ‘cainnt mu luadhach ann an Diùra)
Figheadairean ann an Diùra:
Caluim Iain: Seadh, bha sibh ag ràdh nuair a bhiodh iad a’ crìochnachadh a’ chlò?
Seonag Mhic Ghille Sheathanaich: Nuair a bhiodh…nuair a bha figheadair a’ crìochnachadh, fhios agaibh, an clò, bha e fàgail na h-uairead de shnàth agus bha e ga…ga dhèanadh nan leathannan agus a’ cur snaoim air.
Caluim Iain: Seadh.
Seonag Mhic Ghille Sheathanaich: Agus bhiodh iad a’ toirt geàrradh feadhainn dhiubh sin agus gan…gan cur os cionn an doraist.
Caluim Iain: Seadh.
Seonag Mhic Ghille Sheathanaich: Agus ge be cò a thigeadh a-staigh an toiseachd bha…bha sin fear de na…de na daoine a bha an fheadhainn a bha luadhadh.
Caluim Iain: Ò seadh, seadh.
(Seo agallamh eadar Seonag Nic Dhubhghaill Mhic Ghille Sheathanaich (1862 gu 1955) agus Caluim Iain Mac Gilleathain (1915 gu 1960) agus bh’ iad ‘cainnt comhradh mu nam Figheadairean ann an Diùra.)