Mac ’ic Ailein agus an Treabhaiche

Caluim Iain: Saoil an cuala sibh naidheachd mu Mhac ’ic Ailein agus an treabhaiche?

Caluim Mac a’ Phearsain: Chuala.

Caluim Iain: Ciamar a bha i sin a’ dol ma-thà?

Caluim Mac a’ Phearsain: Sasannach mòr a thàinig a dh’amharc air Mac ’ic Ailein, ’s dè ach a bha an treabhaiche aige, bha e a’ treabhadh agus…bheil fhios agaibh dè th’ ann am brisgean? Thionndaidh brisgean mòr às an sgrìob aige, ’s chrom e…chrom e ’s thog e…a’ togail a’ bhrisgein. Cha do rinn e ach a shuathadh mar seo sa bhriogais aige ’s a chur na bheul.

Nuair a chunnaic Mac ’ic Ailein sin, bha e ag ràdh ris fhèin gum biodh an Sasannach a’ smaointinn gur h-e an t-acras a bh’ air…a bh’ air an treabhaiche nuair a rinn e siud, an treabhaiche aige. Agus cha do rinn e sìon ach gabhail sìos ’s an treabhaiche ’s shotadh. Sin agad mar a bha mun treabhaiche aige.

Agus chaidh e an uair sin an deoghaidh na cloinneadh aige. Bha triùir ghillean aige, ’s dh’fhalbh e às…às an deoghaidh. Theich na gillean. Rugadh fear…air fear aca aig Glaic a’ Bhodaich – tha sineach an rathad a’ dol a-mach gu ruige Loch Sgioport – ’s ann a tha Glaic a’ Bhodaich, far an do shrad e srian a bh’ aige mu a chasan ’s leag e an gille. ’S chaidh breith air.

Chaidh breith air an fheadhainn eile fada mun do ràinig iad sin. Tha ainm air an àite – chan eil cuimhn’ agam dè an t-ainm a th’ air – shuas goirid a dh’Ormacleit, far an do rug e air a’ chiad fhear, am fear a b’ òige dhiubh. Ach chuir e crìoch air na…air an triùir aca.
’S gu dè ach a bha màthair nan gillean, bean an treabhaiche, bha i trom, agus theich i nuair a chunnaic i sin, ’s thug i oirre suas gu deas. Agus bha esan feuch am faigheadh e grèim oirre, Mac ’ic Ailein. Agus dè chaidh i ach gu ruige seòrsa de dh’uamh a tha sa…mu choinneamh Èirisgeigh, agus bha i a’ fantail as an uamhaidh a bha sin.

Agus rugadh pàisde gille dhi ann. Agus chuala esan an seo gun robh pàisde gille aice, agus ’s ann a chuir e maoir a bh’ aige às a deoghaidh. Agus bha iad a’ faighneachd, feadh nan àiteachan, ’s dh’innis cuideigin far an robh i.

’S dè ach a’ mhadainn a bh’ ann, dh’fhalbh ise…dh’fhalbh ise a-mach – ’s bha am pàisde suas ri còrr ’s dà bhliadhna san àm – dh’fhalbh i a-mach agus dh’fhàg i am pàisde a-staigh agus thug i dha cnàimh ’s thuirt i ris:

“Bi thusa a’ greim a’ chnàimh a tha sin gus an till mise air ais.”
Nuair a dh’fhalbh i, cò thàinig ach na maoir chun an àite, agus dh’èigh fear dhe na maoir a-staigh:

“Trobhad a-mach an seo, a bhalaich òig, ’s gum faicinn thu.”
Agus dh’èigh am balach òg:

“Stad gu ’n greim mi an cnàimh,” ors’ am balach òg.
“Ò,” ors’ esan, “thig a-mach,” ors’ esan, “feuch am faic mi thu.”
“Stad gu ’n greim mi an cnàimh,” a chanadh esan, a h-uile triop a dh’iarrte air.

Agus ghabh iad truas ris a’ phàisde. ’S gu dè ach a bha piseag bheag a ruith a-mach. ’S ann a rug iad air a’ phiseig, ’s mharbh iad a’ phiseag leis a’ chlaidheamh ’s bha an fhuil…an fhuil air a’ chlaidheamh. ’S thill iad air…far an robh Mac ’ic Ailein ’s thug iad…sheall iad dha e ’s ò, bha seo ceart gu leòr.

Ach gu dè dh’fhàs am balach mòr, agus dè rinn e ach liostaigeadh as an arm, nuair a dh’fhàs e suas. Agus tha e coltach gun robh e na dhuine cliobhar, an gille, agus aig deireadh, ’s ann a fhuair e na sheanalair as an arm.

Agus bha fios aige dè rinn Mac ‘ic Ailein air…air athair ’s air a bhràithrean roimhe sin. Agus an triop a bha seo ’s ann a fhuair e leave falbh dhachaigh agus saighdearan a thoirt leis.

Land e an Loch Baghasdail, ’s choisich e à Loch Baghasdail agus dè bha Mac ’ic Ailein, ge brith gu dè, bha e ag aisling an oidhche roimhe sin, agus thuirt e ri tè dhe na…ris an t-searbhanta a bh’ aige:
“Thalla feuch am faic thu,” ors’ esan, “a bheil coltas duine sam bith a’ tighinn,” ors’ esan, “a’ dèanamh air a’ chaisteal a tha seo.”
Dh’fhalbh i a shealltainn. ’S thill i a-staigh ’s thuirt i:

“Chan fhaic mise duine,” ors’ i fhèin, “ach boireannaich ’s bucaidean aca a’ falbh a thogail fhaochagan dhen chladach.”
Agus thuirt… thuirt esan:

“Ò, tha sin an ceart gu leòr.”

Agus dh’èigh e an sin an ceann greise dhi a-rithist, ’s e as an leabaidh:

“Thalla ’s seall fhathast feuch am faic thu coltas duine a’ tighinn.”
Dh’fhalbh i, agus chunnaic i na saighdearan, a’ tighinn. Thuirt i:
“Tha,” ors’ i fhèin, “saighdearan a-nuas Cill Donnain. Tha iad a’ dèanamh dìreach air a…air a’ chaisteal a tha seo.”

“Tha,” ors’ esan, “tha an t-àm agamsa,” ors’ esan, “a bhith a’ teicheadh,” ors’ esan.

Dh’èirich e às an leabaidh ’s chuir e air aodach, ’s tharraing e. ’S dè ach a bhiodh long aige – dè an t-ainm a th’ air an dà eil’ an cladh…Cladh Àird Mhìcheil. Bha long aige aig Àird Mhìcheil shìos, fo bhonn leac mhòr a th’ ann – tha an leac fhathast ann.

Agus dè ach a bha esan air muin eich, an seanalair a bha seothach, am balach sa, agus chunnaic e esan a’ falbh bhon taigh ’s e air muin an eich, ’s cha do rinn e fhèin ach gallopadh leis an each às a dheoghaidh.

Rug e air dìreach nuair a bha e a’ dol air bòrd, agus nach do mharbh e e, mun d’fhuair e air bòrd. Bha tè dhe na casan aige air bòrd sa bhàta, ’s an tè eile air a…air an lic a bha seo, ’s tharraing e an claidheamh air, ’s rinn e dà leth air an duine leis a’ chlaidheamh, tha e coltach.

Caluim Iain: Tha i sin math.

Caluim Mac a’ Phearsain: Sin agad mar a chaidh crìoch a chur air.

Caluim Iain: Tha tuilleadh ann a bharrachd air.

Caluim Iain: Ò gu dearbh bha i sin fìor mhath a-nist. Chuir iad crìoch air?
Caluim Mac a’ Phearsain: Chuir, chuir iad crìoch air.

Caluim Iain: Cò aig a bhiodh sibh a’ cluinntinn nan naidheachdan a bhios? Cò aig a bhiodh sibh a’ cluinntinn nan seann naidheachdan?
Caluim Mac a’ Phearsain: Tha, aig na seann daoine a bh’ ann an seo. Ò aig na seann daoine.

Caluim Iain: Aidh, ’s feumaidh gun robh bhur cuideachd fhèin math air naidheachdan, an robh? Na daoine a bhuineadh dhiubh fhèin?

Caluim Mac a’ Phearsain: Ò bha.

Caluim Iain: Ò bha athair glè mhath ’s air… agus bha e na mhaighstir-dannsa, ’s bha e cho math air dannsa. Nach robh e a’ dannsa…

Caluim Iain: ’S e maighstir-dannsa a bha nur n-athair, an e?

Caluim Mac a’ Phearsain: ’S e.

Caluim Iain: Agus bha bràthair agaibh san Òban, bha e uamhasach math?

Caluim Mac a’ Phearsain: Bha, Aonghas.

Caluim Iain: Aonghas, bha. Fuirich gun cluinn sibh seo, ma-thà.

(Seo ‘n agallamh eadar Caluim Mac a’ Phearsain agus Caluim Iain Mac Gilleathain agus bh’ iad ‘cainnt mu’n aimsear nuair a chuir an Mac ‘ic Ailein an Treabhaiche ‘mhàin gu bàis agus fhuair do chlann aige dìoghaltas an-mhor an aghaidh Mac ‘ic Ailein san àm)