Òran na Curracaig

(I)
A churracag bhreac, na croig do sgiamh,
Cha dèan mi sìon air d’ eòin
Cha b’ e do ghur, no idir d’ eun,
Bu mhiann leam air mo bhòrd,
Gur iomadh biadh a dh’ith mi riamh,
’S mi fichead bliadhna beò;
Ach b’ fheàrr leam gun robh thus’ ’n-dràsd’
An spuirean bàis an t-seòig.

(II)
’S a Dhòmhnaill, na biodh ort an gruaim,
Chan eil mi futhasach àrd;
’S e dh’fhàg thu fhèìn cho buileach beag
Ach cion ’s nach d’rinn thu fàs?
Gur iomadh nead a chreach thu riamh
Is eun dhan tug thu ’m bàs;
’S cha chreid mi fhìn, a rèir do bheul,
Nach buin thu shìol nam bard!

(III)
Ò ist, le ’d ghob beag biorach crom
A-mach trod cheann a tha fàs!
Cha b’ e do sgreuchail na do sgread
A dhèanadh feagairt bhàrd.
Nach seall thu fhèin a-nist gach taobh
Cho aoigheal ’s tha càch,
Is dh’aithnich mi, ged dh’fhan thu bhuam,
Gum bheil suaip agad ri ceàrd!

(IV)
’S tha uighean bòidheach breac agam,
’S chan fhac’ thu leithid riamh;
Is ghlèidh mi iad ged bha iad beag
’S thug mi ast’ an t-eun!
Chan fhaca seabhag no feannag iad
Air falach anns an fheur,
’S ged as coltach sibh ri chèile,
’S tha fios gu feum sibh biadh!

(V)
Ma bhios saoghal fad’ agad,
’S ann agad bhios am beul!
’S ann a chreideas muinntir Uibhist ort
Gun do rug thu uighean ghèadh.
’S nach fhad’ am bàs gun tàrradh leat
’S gum bàrradh a dhìot do sgiath,
Is guma goirt a chnàmhas tu
Na ghoid thu de ghràn ’s de shìol!

(VI)
Tha bàrd a’ tàmh sa bhaile seo
’S chan eil e fada shìos;
Cha leig e ’s am facal leat
Cho sgaiteach ’s g’ eil do bheul.
Tha mise’ a’ falbh air tarraing –
Is mòr gum b’ fheàrr dhomh triall,
Nam faighinn àite sàbhailte
’S am fàgainn mo chuid eun.

(VII)
Chan eil bàrd sa bhaile seo
Na sa bhail’ ud shìos
Nach churinn-s’ mo ghealladh ris
Gu feannainn-s’ e gun sgian.
Tha thusa searbh ri èisdeachd riut,
’S cho geur ri leann-nam-biast –
’S b’ fheàrr leam gun robh goirean riut
Mun do choinnich thu rium riamh!

Le Dòmhnall Ailein Dhòmhnaill Dòmhnallaich no Dòmhnall Ailein Dhòmhnaill na Bainich (1906 gu 1992)

(‘S òran seo mu bàlaich òg nuair a shiubhail e’mach air nam machair agus léim Curracaig shuas san speur do shabaid an aghaidh e do chosannt an nead aice fhéin. Agus rinn e ’n òran seo chuigi – an Curracaig – as dhéidh sin)

Agallamh eadar Mórag MhicLeòid agus Criosaidh Raghnaill Ruaidh ’ic Alasdair Làidir MhicEacharna:

Mórag MhicLeòid: Innis dhomh a-nist mun òran…mun òran seo a rinn Dòmhnall Ailein dha fhèin.

Criosaidh Raghnaill Ruaidh: E fhèin ’s a’ churracag…chan eil e neònach agus chaidh latha dhan mhachaire sìos a’ bhuachailleachd a’ churracag a bha seo a’ sgiamhal os a chionn agus tha mi a’ smaoineachadh gun robh i a’cur dragh air. Rinn e an t-òran dhi. ’S bha verse mu seach aige fhèin is aig a’ churrachag dhen òran.

Mórag MhicLeòid: Seadh.

Caluim Iain: Sin agad e a-nist.

Mórag MhicLeòid: Siuthad, gabh e.