(I)
Gu bheil m’ inntinn air dùsgadh
’S i ga m’ bhrosnachadh sunndach gu dàn
N’am biodh fiosrachadh réidh dhomh
No gu ’n ùiricheadh géire ann am chàil.—
Tha mi ’n comain an uasail,
Ni nach urrainn mi ’luaidh air an dràst,
Air na bhuannaich mi eòlas
’N uair a bha mi ’na chòmhradh Di-màirt.
(II)
’S e e-féin am fear fiachail;
’Chaoidh cha leig mi air diochuimhn’ mar bha;
’S bidh mi ’còmhradh mu bheusan
Ri m’ luchd eòlais le éibhneas ’s gach àit’.
Ma ’s-a maireann an neart mi
Théid mi sunndach ga fhaicinn gun dàil,
An duine-uasal a’s grinne
’S am fear suairce a ’s ceanalta gnàs.
(III)
Fear do choltais ’s do nàdair-sa
Cha ’n eòl dhomh ’s an àite mu ’n cuairt:—
Gnùis a ’s aoibheile sealladh,
Sùil a ’s blàithe fo mhala gun ghruaim;
Pearsa chumadail, dhìreach
Aigne fior-ghlan, gun chrìne, gun chruas;
Bòidheach uile air a bhallaibh,
Agus fòghlum cur barrachd air ’suas.
(IV)
Cha ’n ’eil mòrchuis ’na ghiùlan
’S gur-a lionmhor ri chunntas air buaidh;
Sàr-phears’-eaglais na sgìreachd
Agus comhairliche dìleas da ’shluagh
Maighstir Cailean an Granndach
Tha de ’n chinneadh bha ceannsgalach cruaidh;
Cha b’ e fotus na fala
A rinn sioladh cho fallan ’na ghruaidh.
(V)
Gur h-iad sruthanan rìomhach
As na tobraichean fior-uisge ’b ’fheàrr
’Rinn do chuislean a lionadh:
Cha chraobh mheanbh thu bho chrìonaich a dh’ fhàs.
Fhuair mi teisteanas cinnteach
Bho d’ luchd-eòlais ’s an tìr anns gach àit
Thu ’bhi teom’ air gach fear-ghleus,
’S cuim nach deanainn-sa ’sheanachas diubh pàirt!
(VI)
Bu tu sgiobair na mara
Air chuan duthar, glas, greannach, nan stuadh;
Ann ad bhàta ’s glan sealladh
’N àm dhi gluasad o’n chala gu cuan,
’S i na siubhal gu h-eutrom,
’Gearradh thonnan gun éislean le fuaim,
’S gillean gleust’ air a darach
Leis am b’ éibhinn gaoth sgalanta, chruaidh.
(VII)
’N uair a rachadh do mhaighdean
Fo shiùil gheala ri croinn air an t-snàmh
Bu leat urram an stiùiridh,
’S tu gun ghealtachd, gun ghiùlan ro-àrd.
’S tu gu ’m feuchadh a fiùbhaidh,
’S i ’ruith cinnteach na cùrsa gu tràigh
Mar luath-iolair nan sléibhtean
Leum air uan gus a reubadh d’a h-àl.
(VIII)
Bu tu ’n giomanach gunna
’Shiubhal frithe le d’ chuileanan seang;
An damh donn bhiodh an cunnart
Ged bu luaineach air mullach an eang.
Bhiodh do luaidhe na chulaidh,
’S cha bu bhuannachd dha ’thuras do’n ghleann;
’S tric fo chuimse do bhuille
Thilgeadh fiadh air àrd-uilinn nam beann.
(IX)
Bu tu ’m marcaiche ceutach,—
Tha mi ’n dùil nach do dh’ fheuch thu na b’ fheàrr,
Air each diolaideach, srianach,
Cruitheach, ceumanta, briagh a chinn àird,
’S e ruith dìreach gun fhiaradh,
Air dhuit beannachd ri chliathaich le d’ shàil,
Siùbhlach, aigeannach, fiadhaich,
Srannach, farumach, dian air an làr.
(X)
Gur tu ’n Gàidheal glan, ciatach
Bho ’bheil eòlas r’a iarraidh ’s gach àm;
Cridhe farsuinn na fialachd,
Làmh a’ phailteis nach riaraicheadh gann.
’S beag an t-ìoghnadh an uaisle
’Bhi ri dìreadh mu d’ ghuaillean ’s mu d’ cheann,
’S gu ’n do bhuaineadh do shinnsreabh
Bho chaisteal ’s bho Thìr Thighearna Ghrannd.
(XI)
Mach bho theaghlach Mhic Phàdruig
’S ann a lionsgair do chàirdean gun fheall,
De na meòir ud a b’ àird’
De ’n chraoibh a fhreumhaich fo bhlàth anns a ghleann.
Tha i fhathast ’s an àit’ sin
Ann am prìseileachd stàtail gun chall
Ri sior-bhuannachd gu lathail,
’S gur-a daingeann na làraich a bonn.
(XII)
Ann an cinneadh do mhàthar
Cha bhiodh taise ’n uair ’thàirnteadh gu strì,
Bhiodh na Siosalaich dhàna
Guineach calma do ’n bhlàr a dol sios,
’N uair a dhùisgear an àrdan
’S iad nach giùlain le tàmailt no spìd,
Chluinnteadh farum an làmhaich
’Cur an nàimhdean ’s an àraich gu dìth.
(XIII)
’S beag an t-ioghnadh thu bhi beachdail
’S gu ’m bu lìonmhor fear-feachda nach fann
A bha dlùth dhuit an càirdeas
Ann an dùthchannaibh àrda nam beann.
Bha thu ’n daimh ris na treun-laoich
Thig bho Bhrathuinn nan steud is nan lann,
’S ris na Leathanaich rioghail
’Sheasadh onair na rioghachd gun chall.
(XIV)
Tha do chàirdeas air fhilleadh
Ri luchd leanmhuinn Mhic-Shimi bho ’n Aird;
Nach bu shuarach r’an sireadh
An àm cruadail an iomairt na spàirn:
Na fir ghleusda gun tioma,
’S iad nach geilleadh le giorag ’s a’ bhlàr;
Bhiodh na Friseilich ainmeil
Calma, ceannsgalach, earbsach ’s gach càs.
(XV)
Tha Gleann-Garaidh dhuit dìleas,
Leòghann fulangach rìoghail gun sgàth,
Le ’chuid daoine nach dìobradh
’N uair a sgaoileadh e ’shìoda ’s a’ bhlàr.
Bhiodh am fitheach ’s am fìreun,
’S bradan tarragheal an fhìor-uisge ’n àird,
’S an dà mhàthan le ’n saighdean;—
Sin a shuaicheantas roinnte bho chàch.
(XVI)
Tha Clann Chamshroin bho Lòchaidh,
Bhuidheann Abrach bu mhòralach triall,
Dlùth gu leòir dhuit an càirdeas
’S gu ’m bu mheasail na h-àrmuinn sin riamh:
Cha bu shùgradh an còmhstri,
’S iad a chumadh a’ chòmhdhail gun fhiamh:
Bhiodh an nàimhdean air fògar
’S iad ’g an iomain le òrdan Loch-Iall.
(XVII)
Thoir mo dhùrachd gu Cailean,
Am fear fiùghantach, fearail, le gràdh;
Gu ma fada na sgìre e
Ann an sonas, ’s an sìth, is an slàint’.
Na thaigh greadhnach gun ainnis
’S tric a thaoghaileadh luchd-aineoil gu tàmh,
’S aig an uasal bu ghlaine
Cha bhiodh caomhn’ air aon ghoireas fo làimh.
(XVIII)
An àm suidhe mu d’ bhòrdaibh
Gu ’m bu chliùiteach do sheòl ris na dàimh;
Bhiodh a’ bhranndaidh gun ghainne,
’S le fion blasda bhiodh gloineachan làn:
Bhiodh leann làidir nan searrag
Anns na cuachan ’cur thairis fo bhàrr;
’S bhiodh gach duine làn sòlais
Sunndach, bruidhneach ag òl nan deoch-slàint.’
(XIX)
Rinn mi ’m beagan so ’ràitinn
Mu ’n duin’-uasal tha ’n Arasaig thall;
’S tha mi ’n dùil gur-a fìrinn
Tha ’s gach ni chuir mi sios ann am chainnt.
Dh’ fhaotainn tuilleadh dhuibh innse
Ach bidh mi tarruing gu crìch le mo rann;
Olam ’nis a dheoch-slàinte
Bho na fhuair mi an dàn so gu ceann.
Le làmh Iain mac Ailein / Am Bàrd Mac Gilleathain (1787 gu 1848)
(Sgrìobh e ’n t-òran so thun do chuimhneachan sagart charaid mór aige, ‘gus bha Cailean Grannda ’n t-ainm a robh air. Bha d’ athair nan Cailean as Eaglais Cléireach, agus thàinig do mhàthair as Eaglais Caitligeach. Bha Cailean fear mór san Eaglais Caitligeach san Antaganais agus thairis Albainn Nuaidh cuideachd, agus sgrìobh Iain mac Ailein an òran so nuair a chaochail e sa bhliadhna 1839)