Mo Shoraidh leis a’ Coigich

(I)
‘S ann a fhuair mi m’arach an taobh tuath de Alba Mhór,
Far’m bheil beanntaichean tha fasgathach is gleanntanan gu-leoir,
Far’m bheil chlann-nighean as bòidhche ’s as finealta tha beò
Is truagh nach robh mi thall leò ged bhithinn gann de’n òr.

(II)
Gura h-òg a bha mi a’d ìreadh mach nan stùc
Le mo bhata callainn ’s le’m bhreacan tartan ùr
Is le mo chuilean ròmach a b’fheàrr chaidh riamh air sgrìlob
Is Màiri Ruadh gam’ chàineadh le canain gun bhrigh.

(III)
Mo bheannachd mhór le Màiri bho’n ’s i piuthar m’ athar i,
B’aoibhneach a bhitheadh i’s i feitheamh nochd rium fhé’
Ach ’s duilich nochd’s is cianail i, ’s mi sgrìob a null air sàil,
‘S mi còrr ’s tri mìle mile bho Alba ghorm an fheòir.

(IV)
Mo shoraidh leis a’ Coigich ’s le Beinne Mhór a’ cheò,
Meall Dubh ‘is Spicean Cointich far’n robh mi aotrom òg,
Tha chaora mhaol as bòidhche a’ cromadh bàrr an fheòir,
Is buachlaichean le suain orra a’ buachailleachd nan uan òg.

(V)
‘S ann tha mi’n diugh nam chiòbair aig sàil nam beanntan mór,
Far’m bheil madadh-allaidh ’s leomhann is tiògairean go leòir,
Tha iad h-uile latha mu’n cuairt dhomh ’s mi buachailleachd mo spréidh.
‘S cha bhithinn fhéin glé shàbhailte gun mhusgaid bhi ’nam dhòrn.

(VI)
An am dol fodha na gréine bithidh spréidh dol sios do’n chrò
‘S bi mi fhéin a ‘teàrnadh leò ’s mi acarach gu leòir
Cha bhi bean-taigh cur furan orm no deasachadh mu’n bhòrd
Cha bhi a h-aon cur fàilt’ orm, ach fàrdach bhàn gun cheò.

(VII)
Bha mi ’n dé ’s an aonach a’sealg air damh nan cròic
Co chithinn ach mo nàbuidh Aonghus Mór MacLeoid.
Is thug sinn greis air còmhradh mu’n tìr ’s an robh sinn òg,
Is mu’n chlann-nighean as bòidhche nach diultadh dhuinn am pòg.

(VIII)
Nuair a thig an sàmhradh bith gach craobh is flùr fo bhlàth.
Is bithidh mi-fhéin a’smaointeachadh a dhol a rithis thar sàil,
Far’m bi cairdean le aoibhneas toirt crathadh dhuinn de’n làmh,
‘S ged chosgadh a bonn òrr dhuinn gun òladh sinn deoch slàint.

(IX)
Ach n’uair a thig an geàmradh, bithidh srann aige is séisd.
Bithidh na buachaillean sàmhraidh dol gann air fortan fhéin.
‘S na bailtean bios iad; lionmhor ag of deoch slainte chéil,
Ach ’s arm bhios clann nan Gàidheal air mullach bheann is shléibh.

(X)
Tha còrr is seachd bliadhna le thriall mi as air falbh
‘S a ghabh mi slàint le Alba, ’s gach caraid innt’ tha tàmh.
Is ged bu chruaidh an sàr a gun fhios an tillinn beò;
‘S a chailin donn a dh’fhàg mi a sgàin mo chridhe le bròn.

(XI)
O Eilean Alba dhomhsa seach cos tha fo’n a’ ghréin’,
Cha’n iarrainn òr no airgiod ann no fortan bhi da réir.
Ach dh’fhanainn fad mo latha ann le saoibhreas a bhiodh crion,
Le m’ ribhinn mhaiseach bhòidheach a Eilean Dubh mo mhiann.

Le Mordaidh Sheorais Mac Gilleathain.

(Chaidh ’s thánaig Mordaidh Sheorais gu Tír an Airgid, Aimearaga ’n Iar, Dùthaich nan Craobh do’n obair sa bhuachalleachd. Dh’obair e leis nan eallaich, tairbh ’s caoraich ann sa Tír an Airgid gu h-áiridh. Sgríobh e ’n òran seo sa bhliadhain 1910 nuair a bh’ e ’nn cuideachd. Thánaig e gu Tír an Airgid, Dùthaich na Craobh mu 1900 agus bh’ e ’s Còigich no Coigich san Rois na Iar, Albainn Tuath o dùthchais. Chaidh sluagh mór nan Gàidheil Rois, Gàidheil Cataibh, Gàidheil Dùthaich Mhic Aoidh ’s Gàidheil Albainn Tuath do’n obair sa bhuachailleachd san Aimearaga ’n Iar, ach gu Tír an Airgid gu h-áiridh eadar 1880an gu 1950an. Dh’fhill sluagh bheag ead gu dachaigh do shabaid sa Chiad Cogadh na Dhá Ghall eadar 1914 gu 1919, agus thánaig a chríoch agu san am sin cuideachd.)